Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Tursan Treòraichte
 

Tha seirbheis chuairtean treòraichte againn, air a ruith le treòraichean proifeiseanta agus an-dràsta tha sinn a’ gabhail chlàraidhean suas gu 31 Màrt 2007.

Bidh na cuairtean a’ tòiseachaidh sa Phrìomh Thalla agus a’ dol do làr an t-Seòmair a dh’fhaicinn far am bi na BPA a’ deasbad nan gnothaichean a tha cudromach do mhuinntir na h-Alba.  Bidh sibh cuideachd a’ tadhal air Seòmar Comataidh agus a’ dol nas fhaide don togalach, airson sùil a thoirt air togalach oifisean nam BPA agus Taigh eachdraidheil Queensberry.

Tha turasan Gàidhlig rim faighinn. Cuiribh fios gu Seirbheis an Luchd-tadhail airson barrachd fiosrachaidh.

Feumaidh sibh clàradh airson nan Cuairtean Treòraichte.

Prìsean:

Tha prìs air na cuairtean treòraichte airson cosgaisean nan treòraichean proifeiseanta a phàigheadh.

  • Inbhich: £5.00
  • Ìsleachadh: £3.00 (clann aois 5 gu 16; daoine 60 agus nas sine; oileanaich; daoine gun obair; daoine le ciorram)
  • Teaghlach: £15.20
  • Clann fo 5: An asgaidh
  • Luchd-taice/luchd-cùraim còmhla ri neach le ciorram: An asgaidh

Iarraibh tuilleadh fiosrachaidh mu na reataichean airson tiocaidean teaghlaich agus ìsleachadh prìs do bhuidhnean 20 neach no nas motha a nì clàradh ro-làimh.

Bidh a’ chuairt a’ toirt uair a thìde. Thoiribh fa-near gur e cuairt coiseachd a tha seo agus gum bi steapaichean ann.  Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh an seo air tadhal air a’ Phàrlamaid.

Bidh na cuairtean a’ ruith air làithean neo-ghnothaich, agus tha seo a’ ciallachadh a h-uile ceann-seachdain; Diluain agus Dihaoine nuair a tha a’ Phàrlamaid a’ suidhe; a h-uile latha seachdaineil nuair a tha a’ Phàrlamaid am fosadh). Chan eil cuairtean poblach ann air làithean gnothaich (mar as tric gach Dimàirt, Diciadain agus Diardaoin), oir is e sin na làithean nuair a bhios a’ Phàrlamaid a’ suidhe.

Air làithean nuair a tha Cuairtean Treòraichte a’ dol, bidh iad a’ ruith gu cunbhalach eadar na h-uairean a leanas:

  • 10.20 - 14.40 (ceann seachdain, fad na bliadhna)
  • 10.20 – 16.40 (seachdain, 1 Giblean – 31 Dàmhair) agus 10.20 – 14.40 (seachdain, 1 Samhain – 30 Màrt)

Faodaidh uairean chuairtean agus cothroman orra atharrachadh, mar eisimpleir ma tha tachartas mòr a’ dol san togalach.  Cuiribh fios thugainn a dh’fhaicinn am faigh sibh turas air an latha a tha sibh a’ tighinn agus airson cuairt a chlàradh.  

Thoiribh fa-near nach bi cuairtean rim faighinn air na làithean a leanas, air sgàth prògram mòr-thachartasan na Pàrlamaid.

27 Lùnastal 2007

7 Sultain 2007

 

Ma tha sibh airson cuairt a ghabhail, tha sinn gar comhairleachadh tiocaidean a chlàradh ro-làimh, oir tha fèill mhòr orra.  Ma chlàraicheas sibh cuairt, bu chòir dhuibh a thighinn co-dhiù 20 mionaid mus tòisich a’ chuairt.

Tha sibh làn di-beathte tadhal air àiteachan poblach na Pàrlamaid, a’ gabhail a-steach a’ chafé, a’ bhùth agus an crèche

Airson fiosrachadh air turas a chur air dòigh, tiocaidean a chlàradh, cuairt threòraichte no turas buidhne, cuiribh fios thugainn mus tig sibh.  Seo dòighean a chuireas sibh fios thugainn:

 

Seòladh

Seirbheisean Luchd-tadhail
Pàrlamaid na h-Alba
Dùn Èideann
EH99 1SP

Fòn

0131 348 5200

 

Fòn teacsa

faodar fios a chur oirnn air 0845 270 0152. Cuiridh sinn fàilte cuideachd air gairmean RNID Typetalk

Facs

0131 348 5601

@

Post-d

sp.bookings@scottish.parliament.uk

A thuilleadh air na cuairtean treòraichte, faodaidh luchd-tadhail a dhol do na h-àiteachan poblach, sealltainn air taisbeanadh mu dheidhinn na Pàrlamaid, tadhal air a’ bhùth no an café poblach, no feum a dhèanamh den chrèche no an Deasg Fiosrachadh Luchd-tadhail.

Air làithean gnothaich, faodaidh muinntir a’ phobaill tiocaidean an asgaidh a chlàradh a dh’fhaicinn na Pàrlamaid ag obair ann an comataidhean no ann an làn choinneamhan na Pàrlamaid.  Tha fèill mhòr air na tachartasan seo agus bu chòir dhuibh clàradh ro-làimh.  Air làithean neo-ghnothaich, tha gailearaidhean poblach an t-Seòmair agus nan Seòmraichean Comataidh fosgailte gus am faic muinntir a’ phobaill cho iongantach ’s a tha ailtireachd nan àiteachan sin agus bidh luchd-obrach an làthair ma tha ceist sam bith agaibh.