Far a bheil sinn
Tha togalach ùr Pàrlamaid na h-Alba air a shuidheachadh ann an Taigh an Ròid aig bonn a’ Mhìle Rìoghail faisg air Lùchairt Thaigh an Ròid.
Clàr a’ leigeil fhaicinn cà bheil sinn:


Is dòcha gum bi sibh ag iarraidh tadhal air àiteachan eile faisg air làimh nuair a tha sibh a’ cur cuairt ann am Pàrlamaid na h-Alba :
Tha sinn a’ moladh do luchd-tadhail feum a chur air còmhdhail phoblaich uimhir agus a tha comasach gus Pàrlamaid na h-Alba a ruigsinn.
A’ dol gu Taigh an Ròid air a’ bhus
Faodaidh luchd-tadhail seirbheis àireamh 35 aig Busaichean Lodainn a chleachdadh gus Taigh an Ròid a ruigsinn. Tha an t-seirbheis seo a’ ruith eadar Port-adhair Dhùn Èideann agus Ocean Terminal. Tha cuideachd àireamh de shlighean bhusaichean eile nach eil ach astar beag coiseachd air falbh. Gheibhear fiosrachadh mu sheirbheisean bhusaichean ionadail bho Traveline.
A’ dol gu Taigh an Ròid air an trèana
Tha togalach na Pàrlamaid astar coiseachd cairteal na h-uarach bho stèisean mòr thrèanaichean Waverley ann an Dùn Èideann. Gheibhear fiosrachadh mu sheirbheisean thrèanaichean Dhùn Èideann bho National Rail no Scotrail.
A’ dol gu Taigh an Ròid air an rathad
Is iad na pàircean-charbadan as fhaisge Cnoc Eòin / St. John’s Hill no Waverley (An t-Sràid Ùr). Tha pàirceadh do choitsean ri fhaotainn ann an Rathad Regent. Thathar a’ gleidheadh beagan àiteachan-pàircidh do dhaoine air a bheil ciorram a’ cur air Bealach nan Each / Horse Wynd.
|