Tursan Foghlaim
Tursan agus Co-labhairtean
Prògram nan tursan
Thathas a’ ruith prògram nan tursan do sgoiltean, do cholaistean agus do bhuidhnean foghlaim eile aig a bheil ùidh ann a bhith a’ faighinn a-mach barrachd fiosrachaidh mun Phàrlamaid. Air sgath ‘s gu bheil tòrr dhaoine measail air a’ phrògram seo, tha clàradh ro-làimh riatanach.
Bidh a’ phrògram a’ ruith Dimàirt, Diciadaoin agus Diardaoin air làithean ghnothaichean pàrlamaideach. Ach dh’ faodadh gun tèid am prògram atharrachadh agus le beagan rabhaidh air sàilleabh adhbharan ghnothaichean pàrlamaideach.
Thoir an aire ach is e 33 an àireamh de sgoilearan as motha ris am b’urrainn dhuinn a ghabhail. Chan urrainn sgoiltean / colaistean ach 3 tursan a chlàradh taobh a-staigh bliadhna acadaimigeach.
Ma chuireas tu romhad a chlàradh air a’ phrogram cuir fios gu seirbheis an Fhoghlaim.
Fiosrachadh do dhaoine a bhios ag iarraidh turas timcheall air an t-Seòmar-deasbaid
Tursan aig na h-uairean a leanas le òraid / gnìomh de 40 mionaidean a dh’fhaid le Oifigear Foghlaim agus le seisean Cheistean is Fhreagairtean de 20 mionaid a dh’fhaid comhla ri Buill Pàrlamaid na h-Alba dhan bhuidheann / sgoile. An uair sin bidh turas dhan t-Seòmar-deasbaid ach tha seo ag crochadh air gnòthaichean pàrlamaideach
- Dimàirt aig 0930, 1045, 1300, 1415
- Diciadaoin aig 0930, 1045
Bidh an turas gu lèir a’ toirt mu uair gu leth a thìde.
Fiosrachadh do dhaoine a bhios ag iarraidh fhaicinn ghnothaichean Pàrlamaideach anns an t-Seòmar-deasbaid
Tursan aig na h-uairean a leanas a tha a’ gabhail a-staigh òraid / gnìomh de 40 mionaidean a dh’fhaid le Oifigear Foghlaim agus seisean Cheistean is Fhreagairtean de 20 mionaid a dh’fhaid comhla ri Buill Pàrlamaid na h-Alba dhan buidheann / sgoile, ag crochadh air gnòthaichean pàrlamaideach.
- Diciadaoin aig 13.00, 14.15
- Diardaoin aig 09.30, 10.45, 13.00, 14.15
An uair sin, bidh àiteachan-suidhe air an clàradh don buidhinn anns an t-Seòmar-deasbaid airson gnòthaichean pàrlamaideach fhaicinn fad suas gu uair de thìde
Bidh an turas gu lèir a’ toirt eadar uair agus dà uair a thìde.
Co-labhairtean do Thidsearan
Bidh Seirbheis an Fhoghlaim a’ cumail sheiseanan do thidearan a tha saor an asgaidh do thidearan.
Ma chuireas sibh romhaibh a chlàradh cuir fios gu Seirbheis an Fhoghlaim.
Faodar clàradh bho 4 Cèitean 2004 a-mach
Co-labhairtean a thighinn |
Co-labhairtean do Thidsearan Gàidhlig
Co-labhairtean do Thidsearan Bunsgoile
- Diardaoin 18 Samhain 2004
Làn
- Diciadain 26 Faoilteach 2005
Làn
- Diciadain 20 Giblean 2005
Làn
- Diciadain 11 Cèitean 2005
- Diciadain 8 Òg-mhios 2005
Co-labhairtean do Thidsearan Rannsachaidhean Ùr-nuadh
- Diardaoin 2 Dùbhlachd 2004
Làn
- Diciadain 23 Gearran 2005
- Diciadain 16 Màirt 2005
|
Faodar na cuspairean a leanas a bhith air a’ chlàr:
- Bun-fhiosrachadh do Phàrlamaid na h-Alba
- Goireasan stèidhichte air a’ Churriculum - òraid and deasbad
- Sgioba Foghlaim is Coimhearsnachd – seirbheisean a thèid leinn tairgse
- Geàrr-eachdraidh Pàrlamaid na h-Alba
- Siostam nan Comataidh – òraid is còmhradh le clàrc comataidh
- Craoladh-lìn – An Sgioba Craolaidh a’ bruidhinn mu chleachdadh craoladh ann an sgoiltean
- Deasbad/Comataidh – a’ crochadh air gnòthaichean an latha
- BPA (Buill Pàrlamaid na h-Alba)
|
|