Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Ceistean agus Freagairtean Pàrlamaideach
 

Faodaidh BPA sam bith ceistean Pàrlamaideach a chur air Riaghaltas na h-Alba no air Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba. Tha na ceistean a’ leigeil le Buill fiosrachadh no staitistig fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba no bho Bhuidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba.

Faodaidh ceistean pàrlamaideach a bhith ann an cruth labhairt no cruth sgrìobhte. Thathar a’ toirt freagairt air ceistean ann an cruth labhairt aig Àm nan Ceist agus aig Ceistean a’ Phrìomh Mhinisteir. Ann an suidheachaidhean a-mach às an àbhaist, faodar ceistean èiginneach a ghabhail anns an t-Seòmar-deasbad. Thathar a’ toirt freagairt air Ceistean Sgrìobhte ann an Aithisg nam Freagairtean Sgrìobhte.

Gheibhear fiosrachadh slàn mu na ceistean uile a fhuaras anns an Iris-ghnothaichean.

Aithisg Fhreagairtean Sgrìobhte

Tha Aithisg nam Freagairtean Sgrìobhte mar phàirt den Aithisg Oifigeil. Tha i a’ cumail teacs nan ceistean sgrìobhte a chuir Buill a-steach agus na freagairtean a thug an darna cuid Riaghaltas na h-Alba no an t-Oifigear-riaghlaidh.

Freagairtean Sgrìobhte Làitheil

Aithisg Fhreagairtean Sgrìobhte