Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Aithisg Oifigeil
 

Aithisg OifigeilTha an Aithisg Oifigeil na clàr ùghdarrasail sgrìobhte de ghnothaichean uile Pàrlamaid na h-Alba agus de chomataidhean na Pàrlamaid, a’ gabhail a-staigh deasbadan air gluasadan is bilean, aithrisean ministreil , àm nan ceist, Ceistean dhan Phrìomh Mhinistear, rannsachaidhean comataidh agus seiseanan fianais.

Tha an Aithisg Oifigeil cha mhòr facal air an fhacal. Goirid as dèidh a’ chiad choinneamh aig a’ Phàrlamaid ann an 1999, mhìnich an t-Oifigear-riaghlaidh “ cha mhòr facal air an fhacal " mar a leanas:

" bu chòir ath-aithrisean agus faclan gun bhrìgh a bhith air am fàgail às, agus bu chòir do mhearachdan follaiseach a bhith air an ceartachadh cho fad  ' s a thathar a ' cumail brìgh na h-òraid.  Feum sgilean deasachaidh a bhith gan cleachdadh gu ìre; mar eisimpleir, faodaidh guth an labhraiche no cànan a ' chuirp a bhith a ' cur ri no a ' toirt air falbh bho na tha esan no ise ag ràdh, agus feumar seo a chomharrachadh ann an teacs sgrìobhte ann an dòigh air choireigin."

Bidh aithisgean de na deasbadan pàrlamaideach air am foillseachadh, agus thèid tionndaidhean air-loidhne a chur suas air làrach-lìn na Pàrlamaid aig 8:00 m air an ath latha-obrach. Thèid aithrisean de choinneamhan comataidh fhoillseachadh cho luath ' s a ghabhas às dèidh nan coinneamhan a rèir clàr-ama aontaichte. Airson barrachd fiosrachaidh, faodar fios a chur dhan aithisg oifigeil aig: official.report@scottish.parliament.uk.

Gheibhear lethbhreac de na h-aithisgean oifigeil a chaidh fhoillseachadh anns an dà latha mu dheireadh an seo. Faodar an inneal rannsachidh againn a’ chleachdadh cuideachd.