Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Gluasadan agus Atharrachaidhean
 

Tha gluasadan gan cleachdadh le Buill mar dhòigh gus deasbad a thòiseachadh no gus gnìomh sònraichte a mholadh.

Faodar gluasadan a chur fa chomhair na Pàrlamaid gus an deasbad mar phàirt de ghnothach na Pàrlamaid, mar dheasbad mar phàirt de Ghnothach nam Ball, a mholadh gus aonta a chur ri reachdas no dìreach gus taic fhaighinn. Faodaidh Buill eile taic a chur ri gluasadan a chaidh a chur a-steach.

Tha atharrachaidhean do ghluasadan cuideachd gan cur a-steach leis na Buill gus caochladh bheachdan rin deasbad a leigeil a-steach.

Thathar a’ foillseachadh liosta slàn de Gluasadan agus Atharrachaidhean Làthaireil a h-uile Diluain.

Tha gluasadan ùra, atharrachaidhean ùra agus ainmean ùra luchd-taice gam foillseachadh a h-uile latha ann an Earrainn F den Iris-ghnothaichean. (Link to Gaelic Business Bulletin Page)

Tha Inneal Rannsachaidh nan Gluasadan a’ leigeil leibh rannsachadh a dhèanamh airson gluasadan a chaidh a chur a-steach. Faodar seo a dhèanamh le Ball, àireamh ID a’ ghluasaid no le rannsachadh chuspairean coitcheann.