Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Gnothaichean Pàrlamaideach
 

An Seòmar-deasbaidFàilte gu duilleag-dachaigh nan Gnothaichean Pàrlamaideach. Gheibh thu fiosrachadh an seo mu na gnothaichean a thèid air adhart anns a’ Phàrlamaid, an dà chuid aig làn-choinneamhan na Pàrlamaid agus anns na Comataidhean. Airson làn-fhiosrachaidh mu ghnothaichean gnàthaichte agus ri thighinn thoir sùil air Iris-ghnothaichean.

Gheibhear fiosrachadh an seo mu choinneamhan na Pàrlamaid anns an t-Seòmar, a’ toirt a-staigh clàran-gnothach de ghnothaichean ri thighinn, Aithisgean Oifigeil agus Geàrr-chunntas gnothaichean na Pàrlamaid. Tha geàrr-chunntasan de coinneamhan uile na Pàrlamaid, an dà chuid ann an comataidhean agus anns an t-Seòmar-deasbaid, rim faighinn anns a’ Ghàidhlig.

Bheir na duilleagan comataidh fiosrachadh seachad agus ceanglaichean gu gach Comataidh anns a’ Phàrlamaid, a’ toirt a-staigh clàran-gnothach nan coinneamhan ri thighinn, mion-fhiosrachaidh mu rannsachaidhean agus tachartasan com-pàirteach coimhearsnachd.

Gheibhear gluasadan agus atharrachaidhean gu h-iomlan a chaidh a chuir air adhart le BPA agus air an do bheachdaich a’ Phàrlamaid an seo còmhla ri ceistean and freagairtean iomlan na Pàrlamaid.

Gheibhear suidheachadh gnàthaichte reachdas agus molaidhean reachdail iomlan fo sgrùdadh na Pàrlamaid air an duilleag bhilean. Faodaidh tu cuideachd am fiosrachadh as ùire fhaighinn a thaobh athchuingean agus gheibh thu a-mach mar a chuireas tu athchuinge-dealain chun na Pàrlamaid.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air gach raon cuspair air a bheil a’ Phàrlamaid a’ beachdachadh an dràsta le bhith a’ dol gu Pàipearan Rannsachaidh.

Is e Biùro na Pàrlamaid, a’ bhuidheann a bhios, a-measg rudan eile, a’ moladh de na cuspairean a thèid a dheasbad anns an t-Seòmar.

Na dì-chuimhnich gu bheil cùisean Phàrlamaid na h-Alba gu h-iomlan rim faicinn air TBh Taigh an Ròid.

 

Ath-choinneamh na Pàrlamaid

 

Tha mion-fhiosrachaidh air ath-choinneamh na Pàrlamaid mar a leanas:

 

Earrann B – Coinneamhan na Pàrlamaid san àm ri teachd

 

An clàr-gnothaich don tug a’ Phàrlamaid a taic air 19 Samhain 2008

 

Diciadain 26 Samhain 2008

 

2.00f Àm Cnuasachaidh – An t-Urr. Dàibhidh Whiteman, Eaglais Parside Coylton ceangailte ri Eaglais Drongan the Schaw

 

Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

 

Air a leantainn le Aithris mhinistreil: Freagairt Riaghaltas na h-Alba don Aithisg Ro-bhuidseit

 

Air a leantainn le Deasbad Ìre 1: Bile Àiteachan Pàircidh Chiorramaich (Alba) (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri S3M-2691 ann an Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 13 Dàmhair 2008)

 

Air a leantainn le Gluasad Ionmhais: Bile Àiteachan Pàircidh do Chiorramaich (Alba)

 

Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean

Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

5.00f Àm Co-dhùnaidh

 

Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-2472 Stiùbhart Mac a’ Mhaoilein: Luingearachd agus Seòladh a’ sìor-fhàs agus a’ cur ri Eaconomaidh na h-Alba (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 8 Sultain 2008)

Diardaoin 27 Samhain 2008

9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

 

Air a leantainn le Aithris mhinistreil: Frèama-obrach Saidheans ann an Alba

Air a leantainn le Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Iasgach Mara

11.40m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson teacs nan ceistean seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 20 Samhain 2008)

12meadhan-latha Àm-cheistean a' Phrìomh-mhinisteir

2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil

Foghlam agus Ionnsachadh fad-beatha;
Eòrpa, Gnothaichean Taobh a-muigh agus Cultar (airson teacs nan ceistean seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 20 Samhain 2008)

2.55f Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Latha Naomh Anndrais

Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

5.00f Àm Co-dhùnaidh

Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-2817 Marlyn Glen: Latha Cruinne AIDS 2008 (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 10 Samhain 2008)

 

Diciadain 3 Dùbhlachd 2008

2.30f Àm Cnuasachaidh

 

Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

 

Air a leantainn le Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba

Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean

Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

5.00f Àm Co-dhùnaidh

Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball

Diardaoin 4 Dùbhlachd 2008

9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

 

Air a leantainn le Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba

11.40m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Coitcheann seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 20 Samhain 2008)

12meadhan-latha Àm-cheistean a' Phrìomh-mhinisteir

2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil
Slàinte agus Sàr-mhaitheis (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Cuspaireil seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 20 Samhain 2008)

2.55f Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba

Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

5.00f Àm Co-dhùnaidh

Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball

 

Tachartasan eile an t-seachdain seo

 

Dimàirt 25 Samhain
Bheir an t-Oifigear-riaghlaidh Ailig MacFhearghais BPA an sgàile bho iomhaigh mar chuimhneachan air na choilean Seumas Clàrc MacSuail. Is i seo a’ chiad iomhaigh a chaidh a chur suas ann an Sràid Sheòrais, Dùn Èideann o chionn cha mhòr linn. Chaidh a shnaidheadh le snaidheadair Alasdair Stoddart a tha stèidhichte ann am Pàislig, a choimiseanadh le Comunn Rìoghail Dhùn Èideann, agus thèid a chur suas aig taobh an ear Sràid Sheòrais.

 

Diciadain 26 Samhain
Coinnichidh an t-Oifigear-riaghlaidh Ailig MacFhearghais BPA ri buidheann de dh’oileanaich bho Oilthigh Dùic ann an Carolina a-Tuath. Tha na h-oileanaich ann an Alba mar phàirt de chùrsa an Oilthigh air 'Poileasaidh Poblach na RA'. Tha fòcas a’ chùrsa air a bhith a’ fosgladh poileasaidh agus poilitigs Bhreatainn do dh’oileanaich phoilitigeach Diùc a bharrachd air structar riaghaltas Bhreatainn agus a’ dèiligeadh ri gnothaichean poileasaidh gnàthaichte na RA, a’ toirt a-steach phoileasaidhean co-cheangailte ris an Aonaidh Eòrpa.

 

Tachartasan Foghlaim san t-seachdain a’ tòiseachadh 10 Samhain

 

Tha ar prògraman foghlaim air an ruith airson sgoiltean, cholaistean agus buidhnean foghlaim eile aig a bheil ùidh ann a bhith a’ faighinn a-mach barrachd mu obair na Pàrlamaid. Bidh sinn a’ tabhann dà dhòigh eadar-dhealaichte air pàirt a ghabhail anns a’ phrògram againn:

 

· 'Tadhailibh air bhur Pàrlamaid' – cothrom faighinn a-mach mu obair na Pàrlamaid ann an togalach Thaigh an Ròid.
· 'Bhur Pàrlamaid, Bhur Sgoil' – far a bheil seiseanan a’ dol air adhart ann an sgoil.

 

Diluain 24 Samhain
Acadamaidh Sheumais Hamalton, Cille Mhàrnaig
Bun-sgoil Paradykes, Loanhead
Bun-sgoil Newarthill, Tobar na Màthar
Àrd-sgoil Naomh Mhàiread, Àrd Ruigh

 

Dimàirt 25 Samhain
Bàrdachd aig a’ Phàrlamaid, Bun-sgoil Holy Cross, Dùn Èideann

 

Diciadain 26 Samhain
Bun-sgoil Linton an-Iar, Linton an-Iar
Àrd-sgoil Greenfaulds, Comar nan Allt
Acadamaidh Sheumais Hamalton, Cille Mhàrnaig
Acadamaidh Bearsden, Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Ear
Bun-sgoil na Maighdinn & Naomh Anna, Hamalton a-Deas

 

Diardaoin 27 Samhain
Acadamaidh Lìte, Dùn Èideann
Bun-sgoil Hawthornden, Meadhan Lodainn
Àrd-sgoil na Craoibhe, Craobh
Colaiste Sheòrais MacBhàtair, Dùn Èideann

'Bhur Pàrlamaid, Bhur Sgoil' – far a bheil seiseanan a’ dol air adhart aig sgoil.

 

Diluain 24 Samhain
Bun-sgoil Kirkinner, Newton Stewart
Bun-sgoil Cradlehall, Inbhir Nis
Bun-sgoil Windyknowe, Bathgate
Bun-sgoil Naomh Iòsaf, Obar Dheathain
Àrd-sgoil Bell Baxter, Cupar

 

Cumaidh sgoilearan bho Àrd-sgoil Bell Baxter ann an Cupar a’ chiad taghadh pàrlamaideach mas fhìor aice air Diluain 24 Samhain, le gach neach de na coig thagraichean AS1 le taic bho BPA bho gach pàrtaidh poilitigeach a tha ann am Pàrlamaid na h-Alba. Bidh cothrom aig luchd-teagaisg agus sgoilearan cothrom pàirt a ghabhail anns an taghadh ‘dhà rìreabh’, èisteachd ri òraidean, beachdachadh air a cho-dhùnaidh aca agus an uair sin a’ bhòt aca a chur. Tha luchd-obrach bho Phàrlamaid na h-Alba air a bhith ag obair leis an sgoil gus dèanamh cinnteach gum bi an cùrsa-obrach cho cothromach ‘s as urrainn dha a bhith.

 

Dimàirt 25 Samhain
Bun-sgoil Law, Bearuig a-Tuath
Bun-sgoil Kingcase, Prestwick

 

Diciadain 26 Samhain
Bun-sgoil Aberlady, Lodainn an Ear
Bun-sgoil Chill Chomhainn, Faisg air Ath Tharracail
Bun-sgoil Mount Pleasant, Inbhir Sheòrsa

 

Diardaoin 27 Samhain
Bun-sgoil Dykesmains, Saltcoats
Sgoil Rìoghail Dhùn Chaillinn, Siorrachd Pheairt

 

Dihaoine 28 Samhain
Bun-sgoil Cornbank Naomh Sheumais, Pighinn na Cuthaig

 

Coinneamhan nan Comataidhean

 

Dimàirt 25 Samhain

 

Comataidh a' Cheartais

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.15m ann an Seòmar Comataidh 2

Prìomh chuspair: 3

3. Bile Eucoirean Feise (Alba): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh a' Bhile aig Ìre 1 bho —
Elish Angiolini QC, Am Morair Tagraidh;
Fiona Holligan, Prìomh Leas-neach Casaid a’ Chrùin, agus Anndra Mac an t-Saoir, Ceannard Poileasaidh Luchd-fulaing, Oifis a’ Chrùin agus Seirbheis Neach-casaid a’ Chrùin;
Agus an uair sin bho —
Coinneach MacAsgaill BPA, Rùnaire a' Chaibineit airson Ceartas;
Gery MacLochlainn, Stiùiriche Sgioba Bile Euroirean Feise, Pàdraig Down, Sgioba Bile Eucoirean Feise, agus Caroline Lyon, Seirbheis Stiùiridh an Lagha, Riaghaltas na h-Alba.

 

Comataidh an Ionmhais

Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 1

Prìomh chuspair: 2

2. Bile Riaghlaidh Cunnart Thuiltean (Alba): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh Meòmhrachan Ionmhais Bile Riaghlaidh Cunnart Thuiltean (Alba) bho—
Bob Irvine, Ceannard Roinnean Gnìomhachais Uisge, Aidhir, Talamh & Tuiltean agus Uisge, Dàibhidh MacIlleRuaidh, Ceannard Roinn Riaghlaidh Prògram Ionmhais, agus Judith Tracey, Ceannard Sgioba Poileasaidh Thuiltean, Riaghaltas na h-Alba.

 

Comataidh Còmhdhail, Bun-structar agus Atharrachadh Clìomaid

Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 6

Prìomh chuspair: 1

1. Sgrùdadh a thaobh buannachdan a dh’fhaodadh a bhith an cois seirbheisean rèile àrd-astar: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Ridseard Eccles, Ceannard Dealbhadh Slighe, agus Nigel Wunsch, Prìomh Neach-dealbhaidh Slighe, Lìonra na Rèile;
Mìcheal Beswick, Stiùiriche Gnìomh, Oifis Riaghladair na Rèile;
Agus an uair sin bho-
Art Leathley, Stiùiriche Conaltraidh, Trèanaichean Virgin;
Jerry Farquharson, Ceannard Dealbhaidh Fad-ùine, First Group;
Susan Goldsmith, Leas-stiùiriche Riaghlaidh, National Express Oirthir an Ear;
Seumas Morgan, Neach-gairm, Fòram Dealbhaidh na Rèile, Comunn Chompanaidhean Gnìomh na Rèile.

 

Diciadain 26 Samhain

 

Comataidh Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd

Coinnichidh a' Chomataidh aig 9.30m ann an Seòmar Comataidh 3

Prìomh chuspair: 1

1. A’ co-dhùnadh agus a’ lìbhrigeadh àm ri teachd cumhachd na h-Alba – a’ dealbhadh cnàmh-sgeul: Gheibh a' Chomataidh fianais, timcheall a’ bhùird, bho—
Cailean Imrie, Ceannard Roinn Margaidhean Cumhachd, Riaghaltas na h-Alba;
An t-Àrd Ollamh Seumas Dòmhnallach, Prionnsabal an gnìomh, Oilthigh Shrathchluaidh;
Anndra Haslett, Stiùiriche – Leasachadh Ro-innleachd, Institiud Theicneòlas;
An t-Ollamh Ridseard Dixon, Stiùiriche, WWF na h-Alba;
Maf Mac a’ Ghobhain, Stiùiriche, Coimisean Leasachadh Seasmhach na h-Alba.

 

Comataidh Sgrùdaidh

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 5

Prìomh chuspair: 3

3. Aithisg Earrann 22: Gheibh a' Chomataidh ullachadh bho Neach-cuntais Coitcheann na h-Alba a thaobh na h-aithisge aige leis an ainm "Sgrùdadh 2007/2008 Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean".

 

Comataidh Slàinte is Spòrs

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 1

Prìomh chuspair: 2

2. Bile Bùird Slàinte (Ballrachd is Taghaidhean) (Alba): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh a' Bhile aig Ìre 1 bho —
Nicola Sturgeon BPA, Rùnaire a' Chaibineit airson Slàinte agus Sàr-mhaitheis, Coinneach Hogg, Leas-stiùiriche, Lìbhrigeadh Slàinte, Raibeart Kirkwood, Oifigear Poileasaidh, agus Caitlin Preston, Neach-lagha, Riaghaltas na h-Alba.

 

Comataidh Riaghaltas Ionadail is Choimhearsnachdan

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 4

Prìomh chuspair: 2

2. Sgrùdadh Bochdainn Cloinne ann an Alba: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
An t-Àrd Ollamh Sarah Cunningham-Burley, Stiùiriche, Ionad Sgrùdaidh Theaghlaichean is Dhàimhean;
Seumas MacCarmaig, Comhairliche na h-Alba, Bunait Iòsaf Rowntree;
An t-Àrd Ollamh Pòl Spicker, Stiùiriche, Ionad Poileasaidh is Riaghlaidh Poblach.

 

Comataidh Cùisean Dùthchail is na h-Àrainneachd

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 2

Prìomh chuspair: 2

2. Bile Riaghlaidh Cunnart Thuiltean (Alba): Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh a' Bhile aig Ìre 1 bho —
Ùisdean Clayden, Comhairliche Poileasaidh Riaghlaidh Coilltearachd Seasmhach, Coimisean Coilltearachd na h-Alba;
Mike Donaghy, CEANGAL Àrainneachd na h-Alba;
Iain MacThòmais, Stiùiriche Ro-innleachd is Conaltraidh, Dualchas Nàdair na h-Alba;
Agus an uair sin bho—
Nigel Mac a’ Mhuilleir, Leas-chinn Suidhe, Aonadh nan Tuathanach an Alba;
An t-Ollamh Karen Nic a’ Ghobhainn, Manaidsear Leasachaidh Dùthchail, Comann Seilbh agus Gnìomhachais Dùthchail na h-Alba;
Gareth MacUilleim, Manaidsear Poileasaidh a-Tuath, Comhairle Leasachaidh agus Gnìomhachais na h-Alba.

Gheibhear pàipearan Comataidh aig:

Sgrùdadh
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/audit/index.htm

Co-ionannachd Chothroman
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/equal/index.htm

Eòrpa is Dàimhean Taobh-a-muigh
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/europe/index.htm

Ionmhas
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/finance/index.htm

Ceumannan obrach
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/procedures/index.htm

Athchuingean Poblach
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/petitions/index.htm

Inbhean is Dreuchdan Poblach
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/standards/index.htm

Fo-reachdas
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/subleg/index.htm

Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/eet/index.htm

Foghlam, Ionnsachadh Fad-beatha agus Cultar:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/ellc/index.htm

Slàinte is Spòrs
Health and Sport: http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/hs/index.htm

Ceartas:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/justice/index.htm

Riaghaltas Ionadail is Coimhearsnachdan:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/lgc/index.htm

Cùisean Dùthchail is Àrainneachd:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/rae/index.htm

Sgeama Peinnsean Pàrlamaid na h-Alba:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/spps/index.htm

Còmhdhail, Bun-structar is Atharrachadh Clìomaid:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/ticc/index.htm

 

 

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh an seo: Clàr-ama de Thachartasan Pàrlamaideach

Ceanglaichean feumail ris an làraich-lìn

Tha clàr-innse naidheachdan sònraichte air a stèidheachadh airson naidheachdan Fòram Alba air Thoiseach:

http://www.scottish.parliament.uk/nmCentre/news/futuresforum_news.htm


Anns an earrainn Tadhail, Ionnsaich & Eadar-obraich den làrach-lìn againn gheibhear earrann ùraichte de dh’Eachdraidh na Pàrlamaid:
http://www.scottish.parliament.uk/vli/history/index.htm

Airson barrachd fiosrachaidh, is iad seo luchd-fiosrachaidh nam meadhanan:

Eric MacLeod: 0131 348 5389

Post-d: eric.macleod@scottish.parliament.uk

Sally Coyne: 0131 348 6265

Post-d:sally.coyne@scottish.parliament.uk

Ann Donald: 0131 348 5605
Post-d: ann.donald@scottish.parliament.uk


Stuart McLean 0131 348 6088
Post-d: stuart.mclean@scottish.parliament.uk

Tha pasan làitheil nam meadhanan rim faighinn bho Oifis Dhàimhean nam Meadhanan: http://www.scottish.parliament.uk/nmCentre/accreditation/index.htm

Airson cheistean air fiosrachadh poblach/cheistean anns an fharsaingeachd, cuiribh fios gu:

0131 348 5395 (Gàidhlig)

Post-d:gaidhlig@scottish.parliament.uk

0131 348 5000 (Beurla)

Post-d:sp.info@scottish.parliament.uk


Tha am fios naidheachd seo ri fhaighinn anns a' Ghàidhlig gach seachdain. Bu chòir do dhuine sam bith a tha airson a bhith air an liosta-sgaoilidh fios a chur gu Seirbheis Ghàidhlig na Pàrlamaid air 0131 348 5395, gaidhlig@scottish.parliament.uk