Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Poileasaidh mu làimhseachadh fianais sgrìobhte le comataidhean èigneachail agus comataidhean cuspair
 

 

Tha am fiosrachadh seo ag innse dhuibh mar a làimhsicheas comataidhean aig Pàrlamaid na h-Alba fiosrachadh sam bith a chuirear thuca mar fhreagairt air gairmean-fianais agus air conaltradh sam bith an dèidh sin.

Bidh a’ chuid as motha de dhaoine a bhios a’ cur fianais a-steach ag iarraidh gun tèid a foillseachadh. Cuideachd, tha na comataidhean aig Pàrlamaid na h-Alba a’ gealltainn a bhith fosgailte nan cuid obrach a rèir nam prionnsabal air an deach Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh.

Is e an cleachdadh a tha againn mar as trice fianais a fhuair sinn fhoillseachadh air an làraich-lìn againn agus is dòcha a cur a-steach sa chruth chruaidh de dh’aithisg comataidh sam bith.

Mar sin dheth, ma tha sibh ag iarraidh gun tèid gnothach a ghabhail ris an fhianais agaibh fhèin ann an dìomhaireachd, no gun tèid an fhianais agaibh fhoillseachadh gun urra, cuiribh fios gu Clàrc na Comataidh mus cuir sibh ur cuid fianais a-steach.

Bu chòir dhuibh a bhith mothachail gu bheil e an urra ris a’ Chomataidh iomchaidh co-dhùnadh a dhèanamh am bu chòir gabhail ris an fhianais air an tuigse gum faicear gu h-iomlan leis a’ chomataidh i ach nach tèid a foillseachadh, no gun tèid a foillseachadh ann an cruth deasaichte no gun urra. Faicibh an earrann mu “Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) 2002” gu h-ìseal.

Tha cuid de shuidheachaidhean far nach bi sinn a’ foillseachadh na fianais a fhuair sinn. Dh’fhaodadh seo a bhith air adhbharan pragtaigeach no adhbharan laghail. Am measg eisimpleirean de dh’adhbharan pragtaigeach tha far nach leig ìre nam beachdan a fhuair sinn a leithid a dhèanamh no far am faigh sinn àireamh mhòr de bheachdan a tha an ìre mhath a’ tarraing air an aon ràmh. Anns an t-suidheachadh sin, mar bu trice cha bhiomaid a’ foillseachadh ach liosta ainmean nan daoine a chuir fianais a-steach.

Cuideachd, is dòcha gum bi cuid de shuidheachaidhean ann far nach cuir sinn romhainn an fhianais agaibh fhoillseachadh no far am bi againn ri deasachadh a dhèanamh ro fhoillseachadh air adhbharan laghail.

Achd Dìon Dàta 1998

Feumaidh a’ Phàrlamaid cumail ri Achd Dìon Dàta 1998. Tha seo a’ bualadh air an fhiosrachadh as urrainn dhuinn fhoillseachadh mu dhaoine a tha fhathast maireann.

Nuair a dh’fhoillsicheas sinn fianais, chan fhoillsich sinn an làmh sgrìobhte agaibh no fiosrachadh mur dheidhinn mar àireamh-fòn no an seòladh agaibh.

Is dòcha cuideachd gum bi againn ri deasachadh a dhèanamh air fiosrachadh a chomharraicheadh neach maireann eile nach tug cead sònraichte gun rachadh fiosrachadh mun deidhinn fhoillseachadh.

Anns na suidheachaidhean seo, bidh cothrom aig buill nan comataidhean air an fhianais air fad agaibh, fiù ’s ged nach deach foillseachadh gu h-iomlan.

Ma tha sibh den bheachd gun tog an fhianais a tha sibh am beachd cur a-steach ceistean ceangailte ris an Achd Dìon Dàta, cuiribh fios gu Clàrc na Comataidh mus cuir sibh an fhianais agaibh a-steach.

Stuth a dh’fhaodadh a bhith mì-chliùiteach (defamatory)

Mar as bitheanta, chan fhoillsich a’ Phàrlamaid aithrisean no stuth a tha mì-chliùiteach. Ma tha sinn den bheachd gu bheil stuth a dh’fhaodadh a bhith mì-chliùiteach anns na chuir sibh thugainn, mar as bitheanta bidh sinn ga chur air ais thugaibh agus ag iarraidh oirbh na beachdan a dhaingneachadh no a thoirt air falbh. Anns an t-suidheachadh seo ma chuirear an fhianais air ais thugainn le adhbhar na chois a tha fhathast mì-chliùiteach nar beachd, is dòcha nach gabh a’ chomataidh beachd oirre agus gum bi againn ri a sgrios.

 

Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) 2002

Tha a’ Phàrlamaid fo bhuaidh aig Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) 2002. Tha seo cuideachd a’ bualadh air an dòigh sam bi sinn a’ gabhail gnothaich ris an fhianais agaibh.

Mar a chaidh a ràdh gu h-àrd, ma tha sibh ag iarraidh gun tèid gnothach a ghabhail ris an fhianais agaibh ann an dìomhaireachd, no gun tèid an fhianais agaibh fhoillseachadh gun urra, cuiribh fios gu Clàrc na comataidh mus cuir sibh an fhianais agaibh a-steach.

Gu h-àraidh, bu chòir dhuibh a bhith mothachail ma gheibh sinn iarrtas airson fiosrachaidh fo Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) 2002, gum bi uallach laghail oirnn am fiosrachadh a sgaoileadh don neach a rinn an t-iarrtas – fiù nuair a tha a’ Chomataidh air aontachadh gnothach a ghabhail ris an fhiosrachadh gu lèir no cuid den fhiosrachadh ann an dìomhaireachd.

Mar sin dheth, anns na suidheachaidhean a mhìnich sinn gu h-àrd, ged a dh’fhaodas sinn gealladh a thoirt dhuibh nach tèid an sgrìobhainn / an t-ainm agaibh a chur fa chomhair a’ phobaill ceangailte ris an obair a tha a’ dol air adhart aig a’ chomataidh an-dràsta, chan urrainn dhuinn barantas a thoirt dhuibh nach tèid an sgrìobhainn a leigeil mu sgaoil a-chaoidh.