Bilean
Bilean
Fàilte oirbh gu duilleag-dachaigh nam Bilean aig Pàrlamaid na h-Alba. Gheibhear fiosrachadh an seo mu na Bilean uile a tha a ‘dol air adhart an-dràsta.
Is e a tha ann am Bile dreach lagha. Tha Bilean an dara cuid poblach – far a bheilear a’ feuchainn ris an lagh atharrachadh – no prìobhaideach – far a bheilear a’ sireadh chumhachdan do neach no do bhuidheann fa leth a tha a bharrachd air no an aghaidh an lagha choitchinn.
Faodar Bilean Poblach a bhith ga thoirt a-steach le ball Riaghaltas na h-Alba (“Bile Riaghaltais”), le comataidh Pàrlamaid (“Bile Comataidh”) no le ball fa leth den a’ Phàrlamaid (“Bile Buill”). Bidh Bilean Prìobhaideach gan toirt a-steach leis an neach a tha a’ sireadh nan cumhachdan dham bheil ullachadh sa Bhile.
Mar fhiosrachadh anns an fharsaingeachd mu Bhilean agus mu phròiseas an reachdais, cuiribh fios gu Sgioba an Reachdais
Chan urrainn do sgioba an reachdais chomhairle a thoirt seachad air lagh na h-Alba san fharsaingeachd no air mìneachadh laghail air reachdas. Bu chòir do dhuine sam bith a tha a’ sireadh comhairle mu chur an gnìomh de Bhile Riaghaltais sam bith (a’ gabhail a-staigh latha tòiseachaidh a’ Bhile) a chaidh aontachadh leis a’ Phàrlamaid fios a chur don Riaghaltas fhèin.
Gheibh thu fios mu gach bile a tha air beulaibh na Parlamaid aig an àm seo ann am Bilean a tha a' dol air adhart.
Bilean: Geàrr iomradh
- Bile : dreach Achd aig Pàrlamaid na h-Alba
- Achd : lagh – tuilleadh
- Bile Riaghaltais : Ga thoirt a-steach le Ministearan - tuilleadh
- Bile Buill : Ga thoirt a-steach le Ball Pàrlamaid na h-Alba - tuilleadh
- Bile Comataidh : Ga thoirt a-steach le Neach-gairm Comataidh Pàrlamaid - tuilleadh
- Bile Prìobhaideach : Ga thoirt a-steach le neach, companaidh no buidheann bhon taobh a-muigh - tuilleadh
- Liosta Cruinnichte : Liosta eagraichte de dh’atharrachaidhean a tha ceadaichte - tuilleadh
Ceanglaichean feumail:
Fiosrachadh bho:
Post-dealain: legislation.team@scottish.parliament.uk
Fòn: 0131 348 5253.
|