FIOSRACHADH DO DHAOINE A THOGAS GEARAN AN AGHAIDH BHILEAN PRÌOBHAIDEACH
Tha an bileag seo a' toirt seachad fiosrachadh don fheadhainn a tha ag iarraidh gearan a thogail an aghaidh Bile Prìobhaideach a chaidh a thoirt a-steach do Phàrlamaid na h-Alba.
Dè a tha ann am Bile Prìobhaideach?
Bidh Bile Prìobhaideach ga thoirt a-steach le àrdaiche (a dh'fhaodadh a bhith na neach fa leth, na chompanaidh no na bhuidhinn), gus cumhachdan no sochairean àraidh, a bharrachd air no an aghaidh an lagha choitchinn, fhaighinn. Mar as trice buinidh Bilean Prìobhaideach do dh'iomairtean leasachaidh (m.e. togail rathaid-iarainn), do dh'fhearann, do mhaoin no do dh'inbhe.
Thathar a' toirt a-steach Bile le bhith ga chur a-steach gu clàrcan na Pàrlamaid. Feumaidh an t-àrdaiche sgrìobhainnean-taice chur a-steach cuideachd a' mìneachadh eachdraidh a' Bhile agus nan adhbharan air a shon.
Bidh lethbhreac den Bhile agus de na sgrìobhainnean-taice rim faicinn anns gach leabharlannan com-pàirteachais aig a' Phàrlamaid anns an sgìre a tha fo bhuaidh aig a' Bhile a thathar a' moladh agus, nuair a ghabhas e dèanamh, air làraich-lìn na Pàrlamaid.
Feumaidh an t-àrdaiche fios a chur gu gach duine a thathar den bheachd a bhith fo bhuaidh dhìreach aig a' Bhile mu adhbharan a' Bhile, an ceann-latha air an tèid a thoirt a-steach agus far am faighear an tuilleadh fiosrachaidh. Cuideachd, feumaidh e sanas a chur ann an dà phàipear-naidheachd a thathar gan reic anns an sgìre a tha fo cheist.
Cò as urrainn dha gearan a thogail?
Faodaidh duine, companaidh no buidheann sam bith a tha am beachd gum biodh droch bhuaidh aig a' Bhile air an leas gearan a thogail.
Is dòcha gum biodh daoine a dh'fhaodadh gearan a thogail agus air a bheil car an aon dragh ag iarraidh beachd a ghabhail air gearan a chur a-steach còmhla seach a bhith a' gearan fa leth.
Is e as adhbhar ri seo gu bheil de chumhachd aig Comataidh nam Bilean gearain a tha car coltach ri chèile a chur ann an aon chnap còmhla. Tha an obair seo a' ciallachadh nach bi àireamh ghearan fa leth air a' chuspair cheudna ann an suidheachadh nas fheàrr na aon ghearan leis fhèin ris an do chuir àireamh daoine làmh is ainm-sgrìobhte.
Faodaidh daoine a tha meòrachadh air gearan a thogail bruidhinn ri clàrcan mu chomhairle mu mhodhan na Pàrlamaid, mas e sin am miann.
A bheil crìoch-ama ann?
Bu chòir gearain a chur a-steach leis na clàrcan taobh a-staigh 60 latha an dèidh don Bhile a bhith air a thoirt a-steach. Is e an rud a thathar a' gabhail air seo ‘ùine a' ghearain'.
Dè tha agam ri dhèanamh?
Feumaidh gearain:
ainm-sgrìobhte agus ceann-latha a bhith riutha;
a bhith sgrìobhte anns a' Bheurla;
a bhith air an clò-bhualadh air neo air an sgrìobhadh gu soilleir le làimh;
ainm, seòladh agus, nuair a tha e comasach, fios eile mun ghearanaiche (fòn, post-dealain, facs) a thoirt seachad;
aithris gu soilleir a bheil an gearan an aghaidh a' Bhile gu lèir no dìreach an aghaidh pàirt/phàirtean den Bhile – agus anns an t-suidheachadh sin bu chòir an sònrachadh gu follaiseach – air neo gach cuid;
cur an làthair gu soilleir carson a tha an gearanaiche a' cur an aghaidh a' Bhile – mar eisimpleir, ma thathar am beachd fearann no maoin leis a' ghearanaiche a cheannach; air neo ma tha fuaim no triobhualadh ( vibration) a' bualadh orra an lùib a' Bhile a thathar ga mholadh;
sònraich mar a bhiodh leas a' ghearanaiche fo dhroch bhuaidh aig a' Bhile – mar eisimpleir, call cosnaidh; lùghdachadh air luach maoine; droch bhuaidh air fastadh/gnìomhachas; no call goireasachd; agus
cìs £20 a chur a-steach còmhla ris – dèanaibh a-mach seicean gu ‘The Scottish Parliament'.
Ma riaraichear na slatan-tomhais seo air fad, faodar gabhail ris a' ghearan agus a chur a-steach.
Ciamar a chuireas mi a-steach gearain?
Faodar gearain a chur don t-seòladh a tha ri fhaotainn aig deireadh an fhiosrachaidh seo (thathar a' moladh lìbhrigeadh clàraichte no post clàraichte a chleachdadh) no le làimh. Feumar a' chìs a bhith a-staigh taobh a-staigh na h-ùine gearain 60 latha. Bhiodh e gu math cuideachail gearain a chur a-steach air post-dealain cuideachd.
Dè an ath rud a thachras?
Bheir na clàrcan fiosrachadh don a h-uile gearanaiche am faodar gabhail ris a' ghearan aige. A thaobh gearain ris an do chuir barrachd is aon neach ainm-sgrìobhte, sgrìobhaidh na clàrcan don chiad neach a tha ceangailte ris a' ghearan (agus feumar an neach sin a shònrachadh gu follaiseach). Bidh e an urra ris an neach sin bruidhinn ris an luchd-ghearain eile.
Aig deireadh ùine a' ghearain nochdaidh liosta ainmean nan daoine a chuir a-steach gearain ris am faodar gabhail ann an Iris Ghnothaichean na Pàrlamaid.
Dè an t-àite a tha aig BPA ann an Gnothaichean?
Thèid Comataidh Bile Phrìobhaidich a chur an dreuchd leis a' Phàrlamaid gus beachd a ghabhail air a' Bhile. Feumaidh don Chomataidh, a tha air a dèanamh suas de chòignear Bhall de Bhuill Pàrlamaid na h-Alba (BPA), beachd a ghabhail air gearain sam bith a fhuaras gus a bhith cinnteach gu bheil a h-uile gearan air a stèidheachadh gu soilleir air agairt reusanta gum biodh droch bhuaidh aig a' Bhile air leas a' ghearanaiche.
Mura bheil a' Chomataidh toilichte faodaidh i an gearan a dhiùltadh. Ma tha a' Chomataidh toilichte, thèid beachd a ghabhail air na ceistean brìoghmhor a chaidh a thogail anns a' ghearan ri linn pròiseas a' Bhile.
Cuiridh na clàrcan an cèill do dhuine sam bith a chaidh an gearan aige dhiùltadh leis a' Chomataidh. Chan eil còir tagraidh ann agus cha tèid a' chìs gus a chur a-steach a phàigheadh air ais.
Dè ged a dh'Atharraicheas mi m' Inntinn?
Faodaidh neach-gearain an gearan aige/aice tharraing air ais ag àm sam bith le bhith cur an cèill do na clàrcan (ach thoiribh fa-near nach tèid a' chìs gus a chur a-steach a phàigheadh air ais).
Dè bhios a' tachairt anns a' Phàrlamaid?
Tha Pròiseas trì Ìrean anns a' Phàrlamaid, mar seo a leanas :
Ìre Tòiseachaidh;
Ìre Beachdachaidh;
Ìre Dheireannach;
Bheir clàrcan barrachd fiosrachaidh mhionaidich seachad mun phròiseas nuair a bhios iad a' sgrìobhadh gu luchd-gearain aig deireadh ùine a' ghearain. Faodaidh gun iarrar air chuid a ghearanaichean barrachd fiosrachaidh a thoirt seachad aig àm nas fhaide air adhart.
Air a' cheann thall, is e seo a nì a' Phàrlamaid:
gabhail ris a' Bhile; no
gabhail ris a' Bhile le atharrachadh; no
am Bile a dhiùltadh.
Faodaidh an t-àrdaiche am Bile a tharraing air ais aig àm sam bith.
Càite am faigh mi tuilleadh fiosrachaidh?
Faodar tuilleadh fiosrachaidh mu phròiseas nam Bilean Prìobhaideach, go h-àraidh mu phròiseas a' ghearain, fhaighinn bho:
Stiùireadh mu Bhilean Prìobhaideach
www.scottish.parliament.uk/billguidance/gprb-c.htm
Gnàth-riaghailtean Pàrlamaid na h-Alba (Caibidil 9A)
www.scottish.parliament.uk/business/so/stoc.htm
Air neo, cuiribh fios gu:
Aonad nam Bilean Prìobhaideach
Pàrlamaid na h-Alba
Dùn Èideann, EH99 1SP
Fòn: 0131 348 6789
(Typetalk RNID 1800 0131 348 6789)
Facs: 0131 348 6467
Fòn-teacsa 0131 348 5415
Post-d: private.bills@scottish.parliament.uk
Làrach-lìn: www.scottish.parliament.uk
|