Naidheachdan, Meadhanan & Tachartasan
Fàilte gu duilleag nan naidheachdan is nam meadhanan far am faod thu faighinn a-mach mu na gnothaichean pàrlamaideach as ùire agus fiosan naidheachd fhaicinn.
A bharrachd air na fiosan naidheachd as ùire, tha tasglann naidheachd againn leis na fiosan naidheachd air fad againn bho 1999 a-mach, an dà chuid anns a' Ghàidhlig agus anns a' Bheurla. Tha còrr is ceud dealbh de thogalach Pàrlamaid na h-Alba ri fhaicinn air duilleag nan dealbhan. Chaidh na dealbhan seo a thogail le neach-togail-dhealbhan na Pàrlamaid agus faodaidh luchd-foillseachaidh agus luchd-naidheachd clàraichte an cleachdadh an asgaidh - faicibh an earrann mu dhlighe-sgrìobhaidh. Faodar coimhead air gnothaichean na Pàrlamaid air-loidhne tro TBh Taigh an Ròid. Tron làraich seo, faodar coimhead air gnothaichean an t-Seòmair-deasbaid, agus nan Comataidhean fhad's a tha iad a' dol air adhart, no faodar a choimhead orra an dèidh làimh tro ar tasglann far an tèid clàradh de gach coinneamh phàrlamaideach a chumail fad cola deug. Agus ma tha ùidh agaibh ann an eachdraidh na Pàrlamaid, tha roghainn de dh' fhilmichean fiosrachaidh goirid mun Phàrlamaid bho 1999 gus an latha an-diugh rim faighinn cuideachd.
Tha bhideo goirid ann mu gach BPA agus faodar a choimhead orra uile tro TBh Taigh an Ròid . Tha cothrom agaibh ùr beachdan a chur a-steach agus beachdan dhaoine eile fhaicinn air fòraman air-loidhne. Faodar beachdan a chur a-steach anns a' Ghàidhlig. Tha TBh Taigh an Ròid cuideachd a' toirt dhuibh cothrom a dhol air turas den Phàrlamaid, ge brith dèn dùthaich anns a bheil sibh a' fuireach. Bheir ar Turas air-loidhne cothrom dhuibh an togalach sònraichte, ainmeil seo fhaicinn dhuibh fhèin.
Ma tha sibh airson faighinn a-mach mu thachartas sònraichte anns a' Phàrlamaid, no ma tha sibh airson faighinn a-mach mu dheidhinn poileasaidh tachartasan na Pàrlamaid, faicibh duilleag nan Tachartasan. Bidh Oifis Meadhanan na Pàrlamaid a' toirt seachad fiosrachaidh do luchd-naidheachd air obair na Pàrlamaid. Faicibh Essential Information for Media airson fiosrachaidh mu chlàradh mar neach-naidheachd clàraichte no mu fhaighinn a-steach do ghnothaichean Pàrlamaideach.
Ma tha sibh nur neachd-naidheachd agus ma tha ceist agaibh, cliogaibh air Cuir fios thugainn.
Na Naidheachdan as ùire
04 Sultain - Fiosrachadh a dhìth airson rannsachadh mu cheanglaichean rèile aig astar luath do dh'Alba
01 Sultain - An t-Seachdain seo ann am Pàrlamaid na h-Alba, seachdain a' tòiseachadh 1 Sultain 2008
24 Lùnastal - Fèis Poilitigs air tighinn gu crìch agus fèill mhòr dha-rìribh oirre
20 Lùnastal - A' Phàrlamaid air Fèis Poilitigs 2008 fhosgladh
07 Lunastal - Pàrlamaid na h-Alba a' cur fàilte air Taisbeanadh Dealbhan Luchd-naidheachd an t-Saoghail 2008
10 Iuchar - Tha sgilean foghlaim agus ullachaidh a' leigeil obair na turasachd ann an Alba sìos, tha comataidh aig Taigh an Ròid ag ràdh
7 Iuchar -
Colaiste Àiteachais a’ Buileachadh Urram air an Oifigear-riaghlaidh
7 Iuchar - An t-Seachdain seo ann am Pàrlamaid na h-Alba, seachdain a' tòiseachadh 7 Iuchar 2008
1 Iuchar - Comataidh na h-Eaconamaidh ag iarraidh gun ionnsaichear bhon iarrtais Institiùid Teicneòlas Lùtha leis nach do shoirbhich
27 Ògmhios - Annie Lennox aire a' mhullach aig Fèis Poilitigs 2008
27 Ògmhios - Comataidh air ro-innleachd iarraidh gus lìonra aiseagan ùr, èifeachdach is freagairteach a chur air dòigh
26 Ògmhios - Tha cothrom, com-pàirteachas agus sgrùdadh nas fheàrr aig cridhe an rannsachaidh mu athchuingean poblach
25 Ògmhios - SPCB air cosgaisean an lùib na thachair do mhullach an t-seòmair fhaighinn air ais
24 Ògmhios - Pàrlamaid na h-Alba air an aithisg bhliadhnail aice fhoillseachadh
24 Ògmhios - Bratach na croise a chuir pàrlamaid na h-alba dha na speuran air laighe ann an Taighean-tasgaidh na h-Alba
24 Ògmhios - Luchd-rugbaidh na h-Alba gu bhith a' toirt fianais do chomataidh slàinte is spòrs Thaigh an Ròid aig Murrayfield
23 Ògmhios - An t-Seachdain seo ann am Pàrlamaid na h-Alba, seachdain a' tòiseachadh 23 Ògmhios 2008
20 Ògmhios - Comataidh na h-Eòrpa agus nan dàimhean a-muigh air toradh an rannsachaidh mu leasachadh eadar-nàiseanta fhoillseachadh
18 Ògmhios - Leasachaidhean do dh'euslaintich aillse a gheibh cungaidh-leigheis gan iarraidh aig comataidh aig a' Phàrlamaid
10 Ògmhios - Comataidh Riaghaltas Ionadail agus Choimhearsnachdan a' moladh sgrùdadh baileat
9 Ògmhios - Buidheann-cnuasachaidh Taigh an Ròid ag iarraidh seallaidhean ùra gus dèiligeadh ri ana-cleachdadh dhrugaichean agus deoch làidir
9 Ògmhios - An t-Seachdain seo ann am Pàrlamaid na h-Alba, seachdain a' tòiseachadh 9 Ògmhios 2008
6 Ògmhios - Comataidh Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd a’ cur fàilte air Bile Clàr Bhreacain na h-Alba
2 Ògmhios - Fìor Dhragh ga Nochdadh mu Bhile Alba Chruthachail
2 Ògmhios - An t-Seachdain seo ann am Pàrlamaid na h-Alba, seachdain a' tòiseachadh 2 Ògmhios 2008
29 Cèitean - Ath-bhreithneachadh air Sgeama Peinnseanan nam Ball air Fhoillseachadh
26 Cèitean - An t-Seachdain seo ann am Pàrlamaid na h-Alba, seachdain a' tòiseachadh 26 Cèitean 2008
22 Cèitean -
Rannsachadh pàrlamaideach mu 'lùth san àm air thòiseach'
16 Cèitean - Rannsachadh Pàrlamaideach ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba Plana-tasgaidh 25 bliadhna a chur air dòigh airson Thuiltean
02 Cèitean - Tha a' Chomataidh Eòrpach ag ràdh gum feum Alba "a bhith a-staigh aig toiseach ghnothaichean" airson buaidh a thoirt air reachdas an AE
02 Cèitean - Sgrùdadh Taigheadais Dùthchail Pàrlamaid na h-Alba a' tighinn gu Garbhchriochan Pheairt
02 Cèitean - Gairm Fianais air Clàr Bhreacan na h-Alba
01 Cèitean - Buill Coimisean Chòraichean Daonna na h-Alba air an ainmeachadh
28 Giblean - An t-Seachdain seo ann am Pàrlamaid na h-Alba 28 Giblean 08
26 Giblean -
Pàrlamaid na h-Alba a’ toirt a-steach suaicheantas dà-chànanach
23 Giblean - Comataidh an Riaghaltais Ionadail a' tòiseachadh rannsachadh air bochdainn cloinne
31 Màrt - An t-Seachdain seo ann am Pàrlamaid na h-Alba 31 Màrt 08
18 Mart - Comataidh ann an Taigh an Ròid air aonta a chur ri Bile Slàinte a’ Phobaill (Alba)
18 Mart - Comataidh aig Taigh an Ròid air iarraidh gun tèid dàrnach reachdas a sgioblachadh
10 Màrt - An t-Seachdain seo ann am Pàrlamaid na h-Alba 10 Màrt 08
03 Màrt An t-Seachdain seo ann am Pàrlamaid na h-Alba 03 Màrt 08
26 Gearran A’ Phàrlamaid Gnìomhach A Thaobh Co-ionnanachd Gnè
25 Gearran An t-Seachdain seo ann am Pàrlamaid na h-Alba 25 Gearran 08
11 Gearran An t-Seachdain seo ann am Pàrlamaid na h-Alba 11 Gearran 08
28 Faoilleach An t-Seachdain seo ann am Pàrlamaid na h-Alba 14 Faoilleach 08
14 Faoilleach An t-Seachdain seo ann am Pàrlamaid na h-Alba 14 Faoilleach 08
Naidheachdan nas sine |
|