Annie Lennox – prìomh tachartas aig an Fhèis Poilitigs |
Is e tachartas le Annie Lennox a’ phrìomh thachartas a bhios ann aig Fèis Poilitigs na bliadhna seo. Bidh Ms Lennox a’ bruidhinn mu a obair san t-strì an aghaidh HIV/AIDS ann an Afraga agus mun phròiseact SING aice.
Bidh an fhèis chliùiteach, a tha a-nis air a bhith a’ ruith airson ceithir bliadhna, a’ gabhail àite eadar 20 agus 23 Lùnastal, le tòrr dhaoine ainmeil bho phoileataigs, bho na h-ealain agus bho na meadhanan. Bidh an luchd-poilitigs Denis Healey agus Dùbhghlas Hurd a’ bruidhinn cho math ri neach-comadaidh Marc Thomas agus neach-naidheachd a’ Ghuardian Polly Toynbee. |
|
| |
Comataidh a' moladh ro-innleachd airson Lìonra nan Aiseagan
|
Bu chòir Riaghaltas na h-Alba ro-innleachd a chur air dòigh airson lìonra-aiseig a bhios èifeachdach agus freagarrach airson an latha an-diugh a rèir aithisg le Comataidh Còmhdhail, Bunstructair is Atharrachadh Clìomaid na Pàrlamaid. Am measg nam molaidhean ann an aithisg ‘Seirbheisean Aiseig na h-Alba’, thathar a’ cur air adhart leasachaidhean a bu chòir a bhith air an dèanamh cho luath sa ghabhas. |
|
| |
Aithisg Bhliadhnail 2007-08 |
Chaidh Aithisg Bhliadhnail Pàrlamaid na h-Alba 2007-2008 fhoillseachadh Dimàirt ann an Beurla agus Gàidhlig. ‘Se tuairisgeul a th’innte de dh’obair Taigh an Ròid bho 9 Cèitean 2007 gu 8 Cèitean 2008 agus gheibhear earrannan innte air a’ Phàrlamaid ri a h-obair, a buaidh thall thairis ’s aig baile agus mar a bha i a’ dol an com-pàirt leis a’ phoball. Faodar lethbhreac den Aithisg Bhliadhnail a thoirt sìos bho làraich-lìn na Pàrlamaid agus tha cuid aca an clò rim faighinn tro iarraidh air Seirbheis Fiosrachaidh a’ Phobaill. Tha i ri fhaighinn sa Ghàidhlig no sa Bheurla. |
|
| |
Rannsachadh air Athchuingean |
Às dèidh 1,100 athchuinge agus le cha mhòr deichead ann bho chaidh Comataidh nan Athchuingean Poblach a stèidheachadh, thathar air obair rannsachadh mu athchuingean a chur air bhog. Chaidh gairm fianais fhoillseachadh an-diugh.
Tha a’ chomataidh airson’s gum bi fios aig barrachd dhaoine mu siostam athchuingean poblach na Pàrlamaid agus gum bi barrachd dhaoine ga chleachdadh. A chionn’s gu bheil àireamh nan athchuingean poblach a’ dol am mead, tha iad cuideachd airson coimhead air mar a ghabhas a’ dèiligeadh ri barrachd athchuingean anns an dòigh as èifeachdaiche. |
|
| |
Bile Eucoirean Feise |
Chuir Comataidh a’ Cheartais gairm fianais a-mach Diciadain mar phàirt de a sgrùdadh air Bile Eucoirean Feise (Alba). Tha am Bile, air a chur a-steach le Riaghaltas na h-Alba, stèidhichte air molaidhean bho Choimisean Lagh na h-Alba gus an lagh a thaobh èigneachadh agus eucoirean feise ath-ùrachadh. |
|
| |
Prògraman ùr Tursan Sgoile Pàrlamaid na h-Alba
|
Is iad “Tadhlaibh air ur pàrlamaid” agus “Ur Pàrlamaid, Ur Sgoil” na prògraman foghlaim ùra againn do sgoiltean. Faodaidh sibh turas a chur air dòigh don Phàrlamaid ann an Dùn Èideann no faodaidh sinne a thighinn don sgoil agaibh. Tha seiseanan foghlam ann mar phàirt de gach seisean agus bi cothrom ann coinneachadh ri BPA (cho fad ’s a tha e comasach dhaibh a bhith an làthair). Faodaidh sibh a chàradh airson tursan eadar an t-Sultain agus an Dùbhlachd 2008 bho Dhiluain 9mh Ògmhios. Tha na prògraman seo rim faighinn tron Ghàidhlig do dh'fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san sgoil.
Airson barrachd fiosrachaidh mu bhith a’ tadhail air a’ Phàrlamaid agus airson seiseanan a chlàradh, faicibh Education Programmes. |
|
| |
A’ tadhal air a’ Phàrlamaid
|
Bidh a’ Phàrlamaid na fosadh eadar 28 Ògmhios agus 31 Lùnastal 2008. Rè an àm seo, cha bhi gnothaichean pàrlamaideach oifigeil ann ach bidh an togalach fosgailte do luchd-tadhail.
Ma tha thu airson tighinn don phàrlamaid, gheibhear fiosrachadh mu uairean fosglaidh, tursan treòraichte agus foillseachaidhean air loidhne. Ma tha sibh airson tighinn don Phàrlamaid, tha fiosrachadh mu na h-uairean fosglaidh, mu thursan treòraichte agus mun crèche ri fhaighinn air-loidhne .
Tha grunn fhoillseachaidhean rim faighinn sa Phàrlamaid a bhios feumail don thuras agad, a’ gabhail a-staigh ‘Faigh a-mach mu Phàrlamaid na h-Alba’. Tha na foillseachaidhean rim faighinn air-loidhne. |
|
| |
|