Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Fios Naidheachd

The new Scottish Palriament logo

 

FIOSRACHADH A DHÌTH AGUS RANNSACHADH MU CHEANGLAICHEAN RÈILE AIG ASTAR LUATH AIRSON ALBA AIR A CHUR AIR BHOG

4 Sultain 2008

Thathar a’ sireadh bheachdan airson an rannsachaidh aig Pàrlamaid na h-Alba mu cheanglaichean rèile aig astar luath eadar, an còrr den Rìoghachd Aonaichte agus an Roinn Eòrpa.

Tha Comataidh Còmhdhalach, Bun-structair agus Atharrachadh Clìomaid ag iarraidh cluinntinn bhon fheadhainn le ùidh sa chùis mu mar a dh'fhaodadh ceanglaichean leasaichte uairean siubhail air trèanaichean a lùghdachadh agus àireamhan luchd-siubhail a mheudachadh eadar Alba agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte agus an Roinn Eòrpa.

Agus an rannsachadh ga chur air bhog aige, thuirt Pàdraig Harvie BPA:

“Tha uimhir a bheachdan agus a ghabhas a dhìth air an rannsachadh mun chomas  a dh’fhaodadh a bhith an lùib seirbheis rèile aig astar luath a nì ceangal eadar Alba ‘s an còrr den Rìoghachd Aonaichte agus an Roinn Eòrpa a thoirt a-steach.

“Gabhaidh an rannsachadh beachd air na buannachdan a dh'fhaodadh èirigh à leasachadh mar sin agus air na cnapan-starra ris am feumamaid aghaidh a chur mus rachadh e air adhart.

Seallaidh a’ Chomataidh air cosgaisean, an teicneolas a bhiodh a dhìth agus cuideachd air an obair a bhiodh a dhìth gus bun-structair rèile na h-Alba a leasachadh gus a dhèanamh cinnteach gum faodar Alba gu lèir a cheangal ri lìonra aig astar luath.

“Nì sinn sgrùdadh cuideachd air an ìre dhan fhaodadh an leithid a leasachaidhean toirt a chreidsinn air barrachd daoine feum a chur air rèile seach adhar no càr mar dòigh-siubhail."

Tha a’ Chomataidh air aontachadh cuideam a chur air na raointean mòra seo a leanas airson an rannsachaidh.

  • Na buannachdan eaconomach agus àrainneachd a dh’fhaodadh èirigh à leasachadh lìonra rèilichean aig astar luath a nì ceangal eadar Alba is sgìrean bailteil mòra san Rìoghachd Aonaichte agus san Roinn Eòrpa a chomharrachadh;
  • An obair a bhiodh a dhìth gus dèanamh cinnteach gum faod bun-structair rèile na h-Alba mar a tha e an-dràsta ceangal èifeachdach a dhèanamh ri lìonra luath sam bith;
  • Na cosgaisean agus an obair a bhiodh a dhìth gus loidhne aig astar luath a thogail agus na roghainnean eadar-dhealaaichte mu shlighean agus mu sheòrsaichean de thrèanaichean;
  • Cnapan-starra a dh’fhaodadh bacadh a chur air leasachaidhean ceanglaichean rèile aig astar luath a chomharrachadh;
  • An comas aig ceanglaichean aig astar luath agus air an leasachadh toirt a chreidsinn air daoine siubhal le rèile seach itealaich agus dràibheadh a thaghadh.

Gheibhear barrachd fiosrachadh mu chur a-steach fianaise agus mu phoileasaidh na Pàrlamaid mu làimhseachadh fianaise air làrach-lìn na Comataidh aig:

www.scottish.parliament.uk/s3/committees/ticc/index.htm

Tha an Gairm Fianais ri fhaighinn sa Ghàidhlig.

Thathar a’ cur fàilte air fianais anns a’ Ghàidhlig.

Is e an ceann-latha mu dheireadh gus fianais a chur a-steach don rannsachadh Dihaoine 17 Dàmhair 2008.

Cùl-fhiosrachadh

Dh’aontaich a’ Chomaataidh sa Chèitean 2008 rannsachadh a chumail mu cheanglaichean rèile aig astar luath eaadar Alba ‘s an còrr den Rìoghachd Aonaichte agus an Roinn Eòrpa.

Chaidh aonta a chur ri raon-ùghdarrais an rannsachaidh aig coinneamh na Comataidh air 24 Ògmhios 2008.

Mhol aithisg o chionn ghoirid bho Chomataidh Còmhdhalach Thaigh nan Cumantan gun gabhadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaaichte beachd air ceanglaichean rèile ùra aig astar luath a leasachadh.

Nì rannsaachadh na Comataidh sgrùdadh air a’ cheist seo bho shealladh na h-Alba dheth.

Gheibhear an aithisg aig Comataidh Còmhdhalach Thaigh nan Cumantan aig www.publications.parliament.uk/pa/cm200708/cmselect/cmtran/219/219.pdf

Rinn rannsachadh Comataidh Thaigh nan Cumantan sgrùdadh air Pàipear Geal Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte: "Delivering a Sustainable Railway".

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun Phàipear Gheal aig: www.dft.gov.uk/about/strategy/whitepapers/whitepapercm7176/whitepapersustainablerailway1

Airson fiosrachaidh mun Chomataidh, cuiribh fios gu:
Steve Farrell: 0131 348 5211
Post-dealain: steve.farrell@scottish.parliament.uk

Airson barrachd fiosrachaidh a bhuineas do na meadhanan, cuiribh fios gu:
Erlend Barclay: 0131 348 6085
Post-dealain: erlend.barclay@scottish.parliament.uk