Fios Naidheachd
7 Lùnastal 2008
PÀRLAMAID NA H-ALBA AIR FÀILTE A CHUR AIR TAISBEANADH DEALBHAN LUCHD-NAIDHEACHD AN T-SAOGHAIL 2008
Bho Dhihaoine seo, bidh taisbeanadh Dealbhan Luchd-naidheachd an t-Saoghail ri fhaicinn ann am Pàrlamaid na h-Alba, bho Dhihaoine 8 gu Disathairne 30 Lùnastal 2008.
Thig taisbeanadh Dealbhan Luchd-naidheachd an t-Saoghail mar thoradh air farpais bliadhnail a bhios a’ tàladh dealbhadairean-naidheachd, buidhnean-gnìomha, pàipearan-naidheachd agus irisean air feadh na cruinne. Tha còrr is 70,000 neach-tadhail air tighinn don taisbeanadh an-asgaidh seo san dà bhliadhna mu dheireadh a bha e ann an Taigh an Ròid roimhe seo.
Thuirt Oifigear-riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba Ailig MacFhearghais BPA:
“Tha sinn gu math toilichte fàilte a chur air an taisbeanadh san Talla Mhòr againn airson an treas bliadhna. Bidh na h-ìomhaighean smaoineachail seo daonnan a' cur ris an Fhèis Poilitigs ann an seagh brosnachail agus tha Fèis mhòr orra.
“Bidh dealbhan luchd-naidheachd rim faicinn gu follaiseach san Fhèis Poilitigs am-bliadhna far am bi am fear a ghlèidh an duais airson Dealbhan Daoine, Platon, a-mach air an dòigh sam bi e glacadh nan ìomhaighean soirbheachail aige."
A bharrachd air a bhith mar an aon Phàrlamaid gus an taisbeanadh a chumail, is e Taigh an Ròid cuideachd an aon ionad a-mach air Amsterdam far am bi tri innealan Apple iMac - rud a bheir seachad fiosrachadh mu na dealbhan a bhuannaich na duaisean, na dealbhadairean agus na britheamhan an dèidh dhut dìreach beantainn ris an sgàilean.
Am measg nan dealbhadairean a ghlèidh duaisean ann an 2008, is e am fear os cionn chàich Tim Hetherington a rugadh san Rìoghachd Aonaichte, agus an dealbh a ghabh e de shaighdear Americanach aig fois ann an Afghanistan.
Am measg nan daoine eile às an Rìoghachd Aonaichte a ghlèidh duaisean tha Vanessa Winship a rinn dealbh de dhithis nighean a’ fuireach ann an Ceann an Ear na Tuirce, agus dealbh Phlaton de Vladimir Putin, a bha na Cheann-suidhe air an Ruis.
Thuirt Stephen Mayes, Rùnaire nam Britheamhan, air an robh an t-uallach rianachd a dhèanamh air a’ bhreitheanas air an fharpais:
“Ann a bhith a’ sealltainn air còrr is 80,000 ìomhaigh a chaidh a chur a-steach don fharpais am-bliadhna, dh’fheuch na britheamhan ri duais a thoirt airson obair-naidheachd a bha cruthachail agus èifeachdach. Tha feadhainn de na h-ìomhaighean nan dùbhlan, tha feadhainn eile samhlachail ach tha a h-uile gin dhiubh a’ cur ris an tuigse a th’ againn air an t-saoghal.
San taisbeanadh tha ìomhaighean smaoineachail fhèin bho thachartasan mòra air feadh an t-saoghail ann an 2007. Chaidh na h-ìomhaighean a fhuair duais a thaghadh a-mach às an 80,536 de dhealbhan a chaidh a chur a-steach le 5019 de dhealbhadairean dreuchdail à 125 dùthchannan. Faodar sealltainn air an taisbeanadh an-asgaidh.
Bidh taisbeanadh Dealbhan Luchd-naidheachd an t-Saoghail a’ tadhal air 100 baile-mòr ann an 50 dùthaich is i seo an 51mh bliadhna dha a bhith ann. Uair eile, is i a’ Phàrlamaid dìreach aon ionad a-mach à dithis anns an Rìoghachd Aonaichte agus is i an aon Phàrlamaid san t-saoghal gus na dealbhan a ghlèidh duaisean a thaisbeanadh.
Cùl-fhiosrachadh
Taisbeanadh Dealbhan Luchd-naidheachd an t-Saoghail
Tha Dealbhan Luchd-naidheachd an t-Saoghail, a chaidh a stèidheachadh ann an 1955, ga chumail mar bhuidhinn neo-eisimeileach neo-phrothaideach le oifis ann an Amsterdam. Tha cliù air a’ bhuidhinn airson am farpais dealbhan luchd-naidheachd as motha anns an t-saoghail a chumail a h-uile bliadhna. Tha na dealbhan a bheir a-mach duais air an toirt còmhla mar thaisbeanadh-siubhail air am bi còrr is dà mhillean neach a’ tadhal ann an 45 dùthchannan air feadh an t-saoghail. Cuideachd, am measg nan cùisean gus a chur air adhart tha brosnachadh dealbhan luchd-naidheachd tro fhoghlam agus barrachd follaiseachd a chruthachadh airson dealbhan luchd-naidheachd tro chaochladh fhoillseachaidhean. Is e an t-amas a th’ aige ìrean dreuchdail àrda ann an dealbhan luchd-naidheachd a bhrosnachadh agus roinneadh fiosrachaidh a tha saor is gun bhacadh a chur air adhart.
Chruthaich feadhainn ann an aonadh-ciùird luchd-naidheachd na h-Òlaind farpais eadar-nàiseanta mar leudachadh air an fhear nàiseanta aca agus ‘s ann à seo a dh’èirich Farpais Dealbhan an t-Saoghail sa bhliadhna 1955.
Tha Dealbhan Luchd-naidheachd an t-Saoghail a’ faighinn taice bho Chrannchur na h-Òlaind agus urras air feadh an t-saoghail bho Chanon agus TNT.
Stephen Mayes
Is e Stephen Mayes an Rùnaire air Buidheann nam Britheamhan aig Dealbhan Luchd-naidheachd an t-Saoghail. Mar Rùnaire tha dreuchd gun bhòt aige agus is e an obair a th’ aige rianachd a dhèanamh air na britheamhan gus a dhèanamh cinnteach gum bi modh-obrachaidh ceart ann. Chaidh a chur an dreuchd o chionn ghoirid mar Stiùiriche air VII Photo ann an New York, buidheann-gnìomha a bhios a’ riochdachadh dealbhadairean-naidheachd. Tha e air a bhith an sàs ann an dealbhan, ealain agus obair-naidheachd fad 20 bliadhna agus tha e mar stiùiriche an-dràsta air tasgadh nan ìomhaighean aig Art + Commerce (New York).
Fhad ‘s a bha e mar Stiùiriche air Network Photographers (1989 – 1994), a’ bhuidheann-gnìomha naidheachd neo-eisimeileach as motha ann an Lunnainn, bha Stephen na chathraiche air farpais Dealbhan Luchd-naidheachd an t-Saoghail agus chuir e caochladh taisbeanaidhean dhealbhan air dòigh, nam measg Positive Lives a tha a' siubhal na cruinne fhathast. Chaidh e air adhart gus ro-innleachdan a chruthachadh do bhuidhnean-gnìomha malairteach mòra, ag obair mar Stiùiriche Cruthachail aig Ìomhaighean Ghetty agus mar Cheannard air Photonica sna Stàitean Aonaichte. Mar Stiùiriche Cruthachail air eyestorm.com, bha Stephen ag obair le tòrr de luchd-ealain an latha, nam measg Damien Hirst, Jeff Koons, Richard Misrach agus feadhainn eile. Tha e air tòrr a sgrìobhadh agus a chraoladh mun mhoraltachd agus mun obair an lùib a bhith a' cruthachadh dhealbhan.
Fèis Poilitigs
Tha an taisbeanadh na cuid de dh'Fhèis Poilitigs na bliadhna seo. Agus i air a bhith ann fad ceithir bliadhna an-dràsta, bidh an Fhèill Poilitigs urramach a’ dol air adhart bho Dhiciadain 20 gu Disathairne 23 Lùnastal le fichead ‘s a h-ochd de sheiseanan le iomadh neach ainmeil a bhuineas don t-saoghal phoilitigeach, do shaoghal nan ealain agus nam meadhanan.
Tha Fèis Poilitigs na bliadhna ga cur air dòigh ann an com-pàirteachas foirmeil ri:
Urras Charnegie na Rìoghachd Aonaichte agus Urras Charnegie Dhùn Phàrlain
Comann Lagha na h-Alba
An t-Albannach
Gus barrachd fiosrachaidh ann, ’s e neach-conaltraidh nam meadhanan:
Isla Mair 0131 348 6269 Fònaichean RNID Typetalk dì-beathte
Post-dealain: isla.mair@scottish.parliament.uk
Airson cheistean mu fhiosrachadh poblach, cuiribh fios gu:
0131 348 5000; Fòn-teacsa: 0131 558 7676, Fònaichean RNID Type talk dì-beathte
Post-dealain: gaidhlig@scottish.parliament.uk
Nach tadhail sibh air an làraich-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org
|