Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Fios Naidheachd

The new Scottish Palriament logo

 

25 Ògmhios 2008

SPCB AIR COSGAISEAN AN LÙIB NA THACHAIR DO MHULLACH AN T-SEÒMAIR FHAIGHINN AIR AIS

 

Dh’ainmich Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba (SPCB) an-diugh gun do shoirbhich leatha £647,000 de mhaoin phoblach a dh’èirich nuair a bhris teanntag ann am mullach seòmar-deasbaid Pàrlamaid na h-Alba ann an 2006 fhaighinn air ais.

Tha am fiosrachadh a’ tighinn an dèidh barganachaidh gu math fada eadar a’ Phàrlamaid agus companaidhean a bha àn sàs ann an dealbhachadh is togail mullach an t-seòmair.

Thuirt Oifigear-riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba Ailig MacFhearghais:

“Nuair a dh’fhairtlich air a’ mhullach ann an 2006, bha an SPCB gu math daingeann gun dèanadh i a dìcheall gus a' chosgais a thoirt air ais do sporan a' phobaill.

“An dèidh barganachadh a dhèanamh le Laing O’Rourke is Arup, tha sinn air aonta ruigsinn mun chosgais gus am mullach a chàradh agus mun imrich shealach a thàinig air a’ Phàrlamaid togail don Hub ann an Dùn Èideann. 

Ann am pàipear bhon SPCB a chaidh fhoillsachadh an-diugh, tha fiosrachadh mun chàradh a’ leigeil fhaicinn gu bheil na companaidhean air aontachadh cosgaisean slàn de £647,000 a phàigheadh.

An dèidh barganachaidh gu math fada, chaidh aonta thoirt a-mach le Laing O’Rourke gum pàigheadh iad £575,000 den chosgais an lùib na tachair leis an teanntaig a cheartachadh.  A bharrachd air sin, dh’aontaich Arup an dàrna cuid den fharadh aige airson na rinn i gu dìreach an dèidh na thachair, rud a bha gu math deatamach gus mullach an t-seòmair a chàradh gus am faodadh gnothaichean dol air adhart a-rithist, a chur an dàrna taobh - thàinig seo gu £72,000.

Agus e a-mach air na cumhaichean san aonta-ionmhais, thuirt an t-Oifigear-riaghlaidh cuideachd:

“Mus deach aonta chur ris na cumhaichean seo, dh’iarr an SPCB beachdan bho luchd-dreuchd togail agus bhon luchd-chomhairle air an taobh a-muigh againn agus chaidh innse dhuinn gur e ‘aonta chiallach agus làidir’ a bhiodh ann 80% de na cosgaisean fhaighinn. 

“Seach gum faodadh cosgais cùise sa chùirt còrr is £100,000 a chosg agus nas lugha de dh'airgead fhaighinn mar dhìol, tha an SPCB sàsaichte gun toir an aonta seo gnothaichean gu ceann."

Tha pàipear làn an SPCB a’ leigeil fhaicinn gur h-iad na cosgaisean dìreach a bh’ ann gus na thachair don teanntaig anns an t-seòmar a cheartachadh £800,000.

Tha pàipear an SPCB a’ dearbhadh cuideachd gu bheil Laing O’Rourke air aontachadh £50,000 a phàigheadh don Phàrlamaid às a’ chosgais de £100,000 gus gnothach a ghabhail ris an uisge a’ tighinn a-steach ann am pàirc-charbadan na Pàrlamaid.  Tha a’ chompanaidh air aontachadh cuideachd ma bhios an SPCB den bheachd gum bi barrachd càraidh a dhìth a thaobh seo gum faodadh gum bi e mar fhiachaibh air Laing O’Rourke barrachd a phàigheadh. 

 

Is e neach-fiosrachaidh nam meadhanan aig a’ Phàrlamaid:

Eric Macleod: 0131 348 5389

Post-dealain: eric.macleod@scottish.parliament.uk

Airson fiosrachaidh don phobaill, cur fios gu:
0131 348 5000; Fòn-teacs: 0131 558 7676, Chuirear fàilte air fiosan RNID Type talk

Post-d: gaidhlig@scottish.parliament.uk
Tadhal air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org