Fios Naidheachd
24 Ògmhios 2008
PÀRLAMAID NA H-ALBA AIR AN AITHISG BHLIADHNAIL AICE FHOILLSEACHADH
Dh’fhoillsich Pàrlamaid na h-Alba an aithisg bhliadhnail aice anns a bheil fiosrachadh mu obair na Pàrlamaid bho 9 Cèitean 2007 gu 8 Cèitean 2008.
Am-bliadhna, thadhail an 1.5 milleanamh neach air a’ Phàrlamaid agus chuir còrr is 100 buidheann-riochdachaidh à àiteachan air feadh an t-saoghail cuairt innte.
Tha trì bilean Riaghaltais a chaidh a thoirt a-steach bho 9 Cèitean 2007 air a dhol tron Phàrlamaid agus tha iad nan Achdan aig Pàrlamaid na h-Alba a-nis.
- Ach Cur às do Chìsean nan Drochaid (Alba) 2008
- Cur às do Bhronnadh Luchd-ceuma (Alba) 2008
- Achd Buidseat (na h-Alba) 2008
Am measg nam prìomh rudan a dh'èirich aig an àm a tha san aithisg, tha:
- Cead aig Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba airson Plana Gàidhlig 5 bliadhna fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005
- Taisbeanadh sealach a chaidh a chur ri chèil mar chomharrachadh air 300 bliadhna bho Achd an Aonaidh 1707 san robh Achdan agus Sgrìobhainnean an Aonaidh
- Buidheann-riochdachaidh thar-phàrtaidh – leis an Oifigear-riaghlaidh na ceann – gu America a Tuath airson Seachdain na h-Alba 2008, mar chomharrachadh air 10 bliadhna bho Cho-dhùnadh an t-Seanaidh mu Latha a’ Bhreacain, a chuireas cuideam air na ceanglaichean eadar Alba agus America
Thuirt an t-Oifigear-riaghlaidh Ailig MacFhearghais:
"Tha bliadhna dhripeil eile air a bhith aig a' Phàrlamaid. Tha sinn fhathast a’ cur fàilte air luchd-turais à gach ceàrnaidh den t-saoghal agus tha am prògram-foghlaim againn air beantainn ri an ìre mhath 12,000 de dh’oileanaich is de luchd-teagaisg.
“Tha sinn air an treas Fèis Poilitigs againn a chumail – a’ chiad fhèill riaghailteach den t-seòrsa seo san t-saoghal. Agus tha dòighean ùra gan cur ri chèile againn gus conaltradh a dhèanamh ris a' phobal. Am-bliadhna tha sinn air deuchainn a chur air tionnsgnaidhean mar an t-seirbheis gus teachdaireachdan-teacsa a chur, craoladh-lìn agus duilleag YouTube againn fhìn.”
Am measg an fhiosrachaidh agus nan àireamhan eile san aithisg seo sa bheil 36 duilleagan, tha:
- Eadar an Cèitean 2007 agus an Cèitean 2008, chuir a’ Phàrlamaid fàilte air còrr is 330,000 de luchd-tadhail, a bha mu thrì cairtealan aca a’ fuireach ann an Alba an-dràsta
- Tha còrr is 1.5 millean neach-tadhail air dol tro dhorsan Thaigh an Ròid bho chaidh fhosgladh ann an 2004
- Chaidh còrr is 300 de thachartasan, cho-labhairtean agus dheasbadan poblach a chumail sa Phàrlamaid tron bhliadhna
- Tharraing taisbeanadh Dealbhanan Meadhanan an t-Saoghail – a chaidh a chumail don dara bliadhna aig a’ Phàrlamaid – còrr is 42,000 de luchd-tadhail sna trì seachdain a bha e a’ dol
- Tha còrr is 1,500 neach a’ dèanamh ceangail a-nis ris an litir dhealanaich a nochdas gach seachdain le fiosrachadh mu ghnothachean air fàire aig a’ Phàrlamaid
Tha copaidhean den Aithisg Bhliadhnail gan cur a-mach gu tòrr bhuidhnean, a h-uile àrd-sgoil ann an Alba agus leabharlannan com-pàirteachais anns gach roinn-taghaidh. Tha an aithisg ri faotainn sa Bheurla cuideachd.
Faodar copaidhean fhaighinn cuideachd bho làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba no bho 0131 348 5000 (Beurla) no 0131 348 5395 (Gàidhlig), gaidhlig@scottish.parliament.uk.
Tha an aithisg ri faighinn air-loidhne.
Is e neach-fiosrachaidh nam Meadhanan:
Lisa NicCoinnich: 0131 348 6088
Fònaichean RNID TypeTalk dì-beathte: 18001 0131 348 5389
Post-dealain: lisa.mackenzie@scottish.parliament.uk
Airson fiosrachaidh don phobaill, cur fios gu:
0131 348 5000; Fòn-teacs: 0131 558 7676, Chuirear fàilte air fiosan RNID Type talk
Post-d: gaidhlig@scottish.parliament.uk
Tadhal air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org |