Fios Naidheachd
24 Ògmhios 2008
BRATACH NA CROISE A CHUIR PÀRLAMAID NA H-ALBA DHA NA SPEURAN AIR LAIGHE ANN AN TAIGHEAN-TASGAIDH NA H-ALBA
Chaidh bratach-croise a bhios ri fhaicinn ann an Taigh an Ròid mar as trice, ach a th' air a bhith air turas air leth dha na speuran, a thoirt mar thiodhlac an-diugh do Thaighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba leis an Oifigear-riaghlaidh Ailig MacFhearghais BPA.
Bidh bratach Pàrlamaid na h-Alba, a chaidh a thoirt air turas-fànais leis an speuradair aig NASA Nick Patrick a rugadh ann am Breatann, mar chomharrachadh air a thaic ri Sgoil Fànais Dreuchdan Alba, na phàirt de chruinneachadh nàiseanta na h-Alba.
Dh’èirich a' bhratach dha na speuran bho Ionad Fànais MhicUalraig aig NASA ann am Florida san Dùbhlachd 2006 air bòrd Soitheach-fànais STS-116 air turas-rannsachaidh 12 latha gu ruige an Stèisean Fànais Eadar-nàiseanta.
B’ e an turas-rannsachaidh seo a’ chiad turas do Mhgr. Patrick a thòisich ag ullachadh mar speuradair ann an 1998.
Chaidh Mgr. Patrick, aig a bheil màthair às an Eilean Sgitheanach, a thogail ann an ceann a tuath Siorrachd York. Mar bhall de sgioba NASA a chumas taic gu math dlùth ri Sgoil Fànais Dreuchdan Alba, chuir e fios air Dreuchdan Alba a dh’iarraidh bratach na h-Alba a bh’ air a bhith air nochdadh aig Taigh an Ròid.
Thuirt an t-Oifigear-riaghlaidh, Ailig MacFhearghais BPA:
“Tha a’ bhratach air turas a ghabhail nach gabh a’ chuid as motha againn a-chaoidh ach ann an aisling.
“Tha e na chrìoch iomchaidh ris an turas ud don fhànas agus air ais, gun tèid a’ Bhratach seo a bhuileachadh air Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba. Tha mi an dòchas gun spreag i na glùintean ri thighinn de luchd-saidheans agus de speuradairean òga strì a dhèanamh gus an cuid aisling a thoirt gu buil.”
Chaidh a’ bhratach a bhuileachadh air Sìne NicIlleMhìcheil, Stiùiriche nan Cruinneachaidhean aig Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba.
Thuirt Sìne NicIlleMhìcheil, Stiùiriche nan Cruinneachaidhean aig Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba:
“Tha sinn gu math toilichte gun do thagh Pàrlamaid na h-Alba a’ Bhratach chudromach seo a bhuileachadh oirnn. Tha eachdraidh uasal aig Taighean-tasgaidh na h-Alba a bhith ag obair le agus a’ cruinneachadh mhìrean bho luchd-fànais air feadh na cruinne agus cuiridh a' bhratach seo ris na cruinneachaidhean nàiseanta gu gasta fhèin."
Cùl-fhiosrachadh
- Is e Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba seirbheis nàiseanta nan taighean-tasgaidh ann an Alba. Tha a’ mhaoin thar tomhais a th’ aca mar thoradh air barrachd is dà cheud bliadhna de chruinneachadh. Bidh cruinneachaidhean a’ gabhail a-steach a h-uile nì bho àrsaidheachd na h-Alba agus àrsaidheachd chlasaigeach agus bho ealain air a cur an sàs; bho dhùthchasan an t-saoghail agus bho eachdraidh shòisealta gu saidheans; teicneolas agus saoghal an nàdair. Tha iad cuideachd a’ toirt seachad comhairle, teòmachd agus taice do luchd nan taighean-tasgaidh air feadh na h-Alba.
- Tha Riaghaltas na h-Alba agus Luchd-fànais air feadh an t-saoghail a’ cur taice ri Sgoil Fànais Dreuchdan Alba. Tha an cùrsa a’ feuchainn ri daoine òga à Alba a bhrosnachadh gus rannsachadh a dhèanamh air cùrsaichean ceangailte ri saidheans agus beachd a ghabhail air dreuchdan ri saidheans agus teicneolas.
- A h-uile bliadhna, bidh 3,000 oileanach à sgoiltean air feadh na h-Alba an sàs anns a’ phrògram tro chùrsaichean air astar a chuireas rin cuid rannsachaidh ann am Matamataig, ann am Fisic, ann an Ceimiceachd agus ann am Bitheolas aig Àrd-ìre. Bidh na h-aonadan foghlaim gan cur an altaibh a chèile le Dreuchdan Alba ag obair le luchd-saidheans NASA mar thaic ri clàr-oideachaidh na h-Alba.
Tha mu 50 de dhaoine òga air an taghadh an uair sin a fhrithealadh air Sgoil fànais fad deich latha ann an Ionad Fànais NASA ann am Houston, Texas. Tha 120 a bharrachd de dh’oileanaich air an taghadh a fhrithealadh air Sgoil Shamhraidh a chumas Olithigh Shrath Chluaidh ‘s Oilthigh Ghlaschu far am bi sgioba de speuradairean agus de luchd-saidheans NASA a th’ ann an Alba gus taic a chur ris an Fhèill Shaidheans agus Iomairt aig Dreuchdan Alba.
- Bidh am prògram a’ cuideachadh ri daoine òga tuigsinn mar a dh’fhaodas saidheans agus teicneolas dreuchdan tarraingeach a chruthachadh agus cur ris an ùidh a th’ aca sa chuspair.
Gus barrachd fiosrachaidh fhaighinn mu thuras-fànais STS-116, rachaibh gu làrach-lìn NASA aig:
http://www.nasa.gov/mission_pages/shuttle/shuttlemissions/sts116/index.html
Is e neach-fiosrachaidh nam meadhanan aig a’ Phàrlamaid:
Lisa Mackenzie 0131 348 6088
Fònaichean RNID TypeTalk dì-beathte: 18001 0131 348 5389
Post-dealain: lisa.mackenzie@scottish.parliament.uk
Airson fiosrachaidh don phobaill, cur fios gu:
0131 348 5000; Fòn-teacs: 0131 558 7676, Chuirear fàilte air fiosan RNID Type talk
Post-d: gaidhlig@scottish.parliament.uk
Tadhal air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org |