Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Fios Naidheachd

The new Scottish Palriament logo

9 Ògmhios 2008

 

 

BUIDHEANN-CNUASACHAIDH TAIGH AN RÒID AG IARRAIDH SEALLAIDHEAN ÙRA GUS DÈILIGEADH RI ANA-CLEACHDADH DHRUGAICHEAN AGUS DEOCH LÀIDIR

An-diugh dh’fhoillsich Fòram Àm ri Teachd na h-Alba aithisg a shuidhich an dòigh anns am b’urrainn do dh’Alba gearradh leathach a dhèanamh ro 2025 air a’ chron a tha deoch làidir agus drugaichean a’ dèanamh air sluagh na dùthcha.

Is e seo toradh sgrùdadh fad-bhliadhna air fianais a chaidh a thional bho chuid de dh’eòlaichean ainmeil an t-saoghail ann a bhith a’ dèiligeadh ri ana-cleachdadh dhrugaichean agus dheoch làidir.

Thuirt Frang Pignatelli, Neach-gairm Bòrd Pròiseact na h-aithisge:

“Nuair a dh’aontaich mi a bhith nam neach-gairm air a’ phròiseact seo, bha fios agam nach robh peilear airgid na chois, nach robh freagairt falaichte a’ feitheamh ri bhith air fhuasgladh.  An àite sin, dh’fheuch sinn tuigse fhaighinn air ìre an dùbhlain a tha far comhair air falbh bho dheasbadan eile a tha nas fharsainge no nas giorra.

“Tha an Fhòram air co-dhùnadh gu bheil e comasach fìor lughdachadh fhaighinn sa chron a tha ana-cleachdadh dhrugaichean is deoch làidir a’ dèanamh, le bhith cur an gnìomh stiùireadh làidir, deasbad onarach agus dòighean obrach poileasaidh innleachdach, sùbailte, stèidhichte air ceumannan soirbheachail. Cuimhnichibh, cha deach cuid de luchd-cleachdaidh dhrugaichean is deoch làidir 2025 fhathast am breith, agus mar sin tha na dorsan fhathast fosgailte.”

Thuirt Tòmas Wood, Leas-neach Gairm Bòrd Pròiseact na h-aithisge agus a bha na Leas-Àrd Chonnstabal air Poileis Lodainn is nan Crìochan:

“Is ann ainneamh a gheibh sinn an cothrom ceum air ais a ghabhail agus sealladh ùr a thoirt air na prìomh chuspairean ris am bi sinn a’ strì bho latha gu latha. Tha pròiseact an Fhòraim air an cothrom sin a thoirt dhuinn gus sealltainn air mar a rachadh sinn air adhart gus prìomh lughdachadh fhaighinn air a’ chron a tha drugaichean agus deoch làidir a’ dèanamh.

“Tha e soilleir gu bheil fuasgladh làidir fad-ùine a dhìth, gus an leithid sin de dh’atharrachadh a thoirt gu buil, le bhith a’ cur barrachd cuideam air poileasaidh nas cothromaiche stèidhichte air fianais. Tha mi a’ creidsinn gu bheil ro-innleachd ùr dhrugaichean na h-Alba air bunait a stèidheachadh airson an leithid sin de dh’atharrachadh. Agus tha mi an dòchas gum bi obair an Fhòraim mar shoidhne airson na h-ath cheumannan a dh’fheumas sinn a ghabhail.”

Thuirt Roger Howard, Àrd-oifigear Coimisean Poileasaidh Dhrugaichean na RA:

“Tha mi a’ cur fàilte air an aithisg seo mar cheum math a’ cur ris an deasbad. Tha fòcas agus sealladh fad-ùine an Fhòraim air gluasad gu co-dhùnaidhean calma a tha air am bunaiteachadh le beachdachadh fianais faiceallach ach a dh’aindeoin sin bheir e dùbhlan do smuaintean gnàthach.

“le bhith ag aithneachadh na h-ioma chuspairean coimhearsnachd a tha a’ cur ri duilgheadasan dhrugaichean agus dheoch làidir ann an Alba, tha e soilleir nach eil sealladh cumhang air ‘poileasaidh dhrugaichean’ iomchaidh gu leòr. Tha e buailteach gum bi buannachdan nas motha ann ma sheallas duine air an dealbh as motha.”

Tha an aithisg a’ tighinn chun cho-dhùnadh seo:

  • Tha ceist mun chuideam a tha an-dràsta air goireasan co-èigneachaidh agus tha e riatanach sin a thionndadh gus am biodh na goireasan an sàs ann an obair casg is làimhseachaidh.
  • Bu chòir gum biodh sealladh ùr air riaghladh ann an Alba chun ìre gum biodh stuthan iomlan saidhc-gnìomhach – a’ toirt a-steach deoch-làidir, tombaca, leigheasan òrdaichte agus drugaichean laghail eile – air an riaghladh le aon fhrèam-obrach a bheir a-steach an cron a dh’fhaodadh iad a dhèanamh
  • Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba agus Bùird Ceadachaidh Ionadail, le taic bho ghnìomhachas an deoch, feuchainn ri stad a chur air àrdachadh deoch-làidir gun uallach anns na h-ionadan ceadaichte
  • Gus dèiligeadh ri ìrean àrda de bhàsan mar thoradh air drugaichean agus ri tinneasan Hepatitis C, bu chòir smaoineachadh air dòighean lughdachaidh cron eile a shoirbhich air feadh an t-saoghail an toirt a-steach mar phìleat, leithid seòmraichean gabhail dhrugaichean agus làimhseachadh le taic heroin
  • Bu chòir barrachd ghoireasan a chur thairis gu obair-sgrùdaidh, cumail sùil agus measaidh
  • Bu chòir gum biodh teannachadh no-ionnanachd ann an Alba na phrìomh bhunait de phoileasaidh casg cron deoch-làidir agus drugaichean
  • Tha tasgadh àrd-ìre ann am foghlam tràth-aoisean deatamach airson a bhith a’ cur bacadh air ginealaichean ùra de luchd ana-cleachdaidh dhrugaichean agus deoch-làidir
  • Bu chòir taic agus leudachadh a thoirt air prògraman a bheir taic do ath-bheothachadh taobh a-staigh suidheachadh coimhearsnachd.
  • Bu chòir a bhith a’ coimhead air ana-cleachdadh deoch-làidir agus dhrugaichean gu mòr mar ghnothach slàinte, dòigh-beatha agus shòisealta, an àite gnothach ceartas eucoir
  • Feumar barrachd fiosrachaidh so-chreidsinn agus fìrinneach a thoirt do dhaoine òga a thaobh deoch-làidir agus drugaichean gus comas a thoirt dhaibh roghainnean nas fheàrr a dhèanamh

 

Notaichean do luchd-deasachaidh

    • Chaidh Fòram Àm ri Teachd na h-Alba a chruthachadh le Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba san Lùnastal 2005. Tha e na amas don Fhòraim aithne fhaighinn air prìomh dhùbhlannan a tha fa chomhair na dùthcha agus deasbad a bhrosnachadh eadar BPA, eòlaichean acadaimiceach, coimhearsnachdan sìobhalta, luchd-cruthachaidh beartas agus buidhnean eadar-nàiseanta a thaobh dhòighean air an coinneachadh.
    • Chaidh am Bòrd Pròiseact a tha ag ath-bheachdachadh air an aithisg an stèidheachadh sa Chèitean 2007 agus thug sin a-steach daoine bho raointean gnìomhachais, slàinte, foghlaim, meadhanan, carthannais agus na raointean coimhearsnachd.
    • Chaith Neach-gairm Bòrd Pròiseact Frang Pignatelli 26 bliadhna ag obair san raon phoblach, mu dheireadh mar Stiùiriche Gnìomh Seirbheis Foghlaim Shrath Chluaidh mus do ghluais e chun roinn phrìobhaidich, an toiseach mar Stiùiriche Buidhnean Luchd-obrach le Pàipearan-naidheachd Ceangailte an Lunnainn agus an uairsin mar Stiùiriche Gnìomh aig gnìomhachas Albannach a’ tabhann taic riaghlaidh agus leasachaidh do stiùirichean agus àrd-mhanaidsearan chompanaidhean san RA agus thall thairis. Ann an 1999, fhuair e dreuchd a’ chiad Àrd-oifigear aig Oilthigh Gnìomhachais Albannach, aithnichte don phoball mar learndirect scotland, dreuchd a leig e dheth san Dùbhlachd 2006.
    • Bha Tòmas Wood na neach-gairm air Buidheann Sgiobaidhean Gnìomh Deoch-làidir is Drugaichean na h-Alba, agus na neach-gairm air Sgioba Gnìomh Deoch-làidir agus Drugaichean Dhùn Èideann. Ron sin bha e air a’ phoileas agus mu dheireadh na Leas-Àrd Chonnstabal air Poileis Lodainn is na Crìochan an Dùn Èideann. Bidh e gu math tric ag aithris air poileasaidh ceartas eucoir, deoch-làidir agus drugaichean.

Is e neach-fiosrachaidh nam meadhanan aig a’ Phàrlamaid:

Lisa NicCoinnich 0131 348 6088 Chuirear fàilte air fiosan RNID TypeTalk: 18001 0131 348 5389
post-d: lisa.mackenzie@scottish.parliament.uk

Airson fiosrachaidh don phobaill, cur fios gu:
0131 348 5000; Fòn-teacs: 0131 558 7676, Chuirear fàilte air fiosan RNID Type talk

Post-d: gaidhlig@scottish.parliament.uk
Tadhal air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org