Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Fios Naidheachd

The new Scottish Palriament logo

 

1 Cèitean 2008

BUILL COIMISEAN CHÒRAICHEAN DAONNA NA H-ALBA GAN AINMEACHADH SA PHÀRLAMAID  

An dèidh don t-Àrd-Ollamh Ailean Mac a’ Mhuillear a chur an dreuchd mar Chathraiche air Coimisean Chòraichean Daonna na h-Alba, fhuair a’ Phàrlamaid fiosrachadh an-diugh a thaobh an triùir bhuill ùra pàirt-ùine a bhios a’ lìonadh ballrachd na buidhne a chaidh a chruthachadh gus a bhith a’ brosnachadh agus a’ dìon chòraichean daonna ann an Alba.   

Is e an triùir bhuill pàirt-ùine an t-Àrd Ollamh Kay Hampton, Ms Shelagh NicColla agus Iain MacNèill.  Thèid gach neach a chur an dreuchd airson ùine-suidhichte ceithir bliadhna, le cothrom sin ùrachadh, agus bìdh iad ag obair 30 latha gu gnàthach gach bliadhna. 

Thèid oifis Coimisean Chòraichean Daonna na h-Alba fhosgladh gu h-oifigeil air 20 Òg Mhios 2008 ann an Optima, 58 Sràid MhicDhonnchaidh, Glaschu. 

Fiosrachadh eachdraidh-beatha

Shelagh M NicColla

 

Tha ceuman aig Shelagh NicColla bho Oilthighean Dhùn Èideann (Baidsealair Lagha) agus Srath Chluaidh (Maighstir Laghan). Thòisich i mar neach-lagha ann an Lodainn an Ear, an sàs gu sònraichte ann an obair dìon eucoirich. Chaidh a gairm chun Bhàr ann an 2000 far an robh i a’ faighinn stiùireadh mar thagraiche dìon. Bha i, aig amannan, a’ riochdachadh a’ Chrùin mar leas-thagraiche.

San Fhaoilleach 2006, fhuair Shelagh obair aig na Dùthchannan Aonaichte mar chomhairliche tagraidhean na Seirbheis Casaid aig Mod-ceartas Eucoir Eadar-nàiseanta Hague airson an dùthaich ris an canar Iugoslabhia, far an robh i a’ dèiligeadh ri tagraidhean ann an cùisean eucoir an aghaidh daonnachd agus eucoirean cogaidh a chaidh air adhart tron chòmhrag a bha san dùthaich ris an canar Iugoslabhia anns na 1990n. Nuair a thig i don dreuchd leis a’ Choimisean, bidh i a’ tilleadh air ais a dh’Alba.

(Raibeart) Iain MacNèill BA (Urram) MSc LLM MPhil

Tha eòlas mòr aig Iain MacNèill ann an dòighean-obrach ceartas eucoir air eadh na Rìoghachd Aonaichte. Bha e ag obair mar Mhaor-tasdail agus na Riaghladair ann an Seirbheis Prìosain Èireann a Tuath; mar Riaghladair ann an Seirbheis Prìosain na h-Alba (SPS); mar Àrd-oifigear air SACRO; agus mar Leas-stiùiriche/Stiùiriche Ionaid san SPS le uallach airson bhuidhnean agus cùram-slàinte. A bharrachd air sin, tha làn-eòlas aige air obair riaghlaidh leis gu robh e ag obair le raon de bhuidhnean no-riaghailteach nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

Mus do dh’fhàg e an SPS san Iuchar 2006, stiùir Iain pròiseact ioma-dhleastanach mu chòraichean daonna agus chuidich e Ùghdarras Riaghlaidh Cunnart (RMA) a stèidheachadh. An dèidh sin, bha e gnìomhach ann an ceartas eucoir mar bhall de Bhòrd Paròil Shasainn agus na Cuimrigh, Bòrd Maor-tasdail Èireann a Tuath, RMA, agus Ùghdarras Poileis Niuclasach Shìobhalta.

 

An t-Àrd-Ollamh Kay Hampton (BA, BA (Urram), MA, PhD, FRSA, FHEA)

 

Tha Kay Hampton an-dràsta na Àh-rd Ollamh Coimhearsnachdan agus Dàimh Cinnidh ann an Sgoil Lagh is Saidheans Shòisealta aig Oilthigh Caileanach Ghlaschu (GCU). Chaidh i chun an Oilthigh ann an 1994 mar Neach-sgrùdaidh ann an Aonad Sgrùdaidh Mion-choimhearsnachdan Cinnidh na h-Alba (SEMRU) agus beagan ùine an dèidh sin chaidh a h-àrdachadh gu bhith na Stiùiriche Sgrùdaidh air an Aonaid.  

Bho 2000, bha Kay na h-òraidiche ann an Eòlas-shòisealta aig GCU (gu 2005) agus ann an Eòlas-eucoir (bho 2005), agus tha i aig an àm seo a’ toirt taic do Roinn Leasachaidh Bhuidhneil na h-Oilthigh. Bha i cuideachd ag obair aig Oilthigh Durban-Westville, Afraga a Deas (1978-1998) mar Òraidiche Eòlais-shòisealta agus mar neach-sgrùdaidh (Institiud Sgrùdaidh Shòisealta agus Eaconamach) agus ann an Aonad Dealbhaidh Ro-innleachdail Mòr-bhaile Durban mar Neach-sgrùdaidh (1990-1993), a’ toirt stiùireadh do sgrùdaidh agus phoileasaidh airson àm an dèidh apartheid.

Bho thàinig i a dh’Alba ann an 1993, tha i air a bhith an sàs air grunn chomataidhean riaghlaidh, urrasan agus bùird NDPB ann an raon no-ionannachd agus anacothrom, a’ toirt a-steach bhuidhnean maoineachaidh (Ionmhas Coimhearsnachd, a-nis An Crannchur Mòr, Ball Bùird agus Cathraiche Albannach,1998-2003; Urras Fàilte, Duaisean Buidhneil, 2001-2003; Urras Nuffield, Fòram Comhairleachaidh, 2008-) agus buidhnean co-ionann (Urrasair, Comhairle Teicheach na h-Alba, -2003-2005; Cathraiche, Leas-chathraiche agus Coimiseanair na h-Alba, Coimisean airson Co-ionannachd Cinnidh, 2003-2007). Tha i aig an àm seo na Coimiseanair air Coimisean Co-ionannachd agus Còraichean Daonna san RA agus na Tosgaire airson BTCV, buidheann àrainneachd san RA.

 

Cùl-fhiosrachaidh

Tha Coimisean Chòraichean Daonna na h-Alba a’ dèanamh ullachadh airson buidheann chorporra a stèidheachadh leis an t-ainm Coimisean Chòraichean Daonna na h-Alba (SCHR).  Bidh a’ Choimisean a’ brosnachadh mothachaidh farsaing, tuigse air, agus spèis dha còraichean daonna. 

Tha dùil gun tòisich an triùir bhuill pàirt-ùine den Choimisean a dh’aithghearr. Le bhith ag obair gu gnàthach 30 latha sa bhliadhna, is e an ìre tuarastal gach latha airson na dreuchdan sin £250, a bharrachd air cosgaisean.

Airson fiosrachadh eachdraidh-beatha agus fiosrachadh mu dhreuchd Àrd-Ollamh Ailean Mac a’ Mhuillear mar Chathraiche air Coimisean Chòraichean Daonna na h-Alba, tadhlaibh air:

http://www.scottish.parliament.uk/nmCentre/news/news-07/pa07-091.htm

 

------------------

Eric MacLeòid: 0131 348 5389 Fàilte air fiosan RNID TypeTalk

Post-d: eric.macleod@scottish.parliament.uk

Airson ceist sam bith mu fhiosrachaidh a’ phobaill, cuiribh fios gu:

0131 348 5000

0131 348 5395 (Gàidhlig)

Fòn-teacs: 0131 558 7676

Post-d: sp.info@scottish.parliament.uk


Tadhlaibh air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org