Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Gairm Fianais

The new Scottish Palriament logo

 

Gairm Fianais mu Bhile Clàr Bhreacain na h-Alba

Chaidh Bile Clàr Bhreacain na h-Alba (Bile SP 8) a thoirt air adhart ann am Pàrlamaid na h-Alba le Jamie MacGriogair BPA air 25 Màrt 2008. Is e prìomh adhbhar a’ Bhile Clàr Bhreacain na h-Alba a chruthachadh agus gum biodh e na riatanas air Neach-glèidhidh Clàr Bhreacain an Clàr agus clàraidhean ùra a chumail suas agus a sgrùdadh. Tha e cuideachd a mìneachadh pròiseas airson dealbhaidhean breacain ùra an clàradh anns a’ Chlàr.

Tha Comataidh an Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd air an ainmeachadh mar a’ Chomataidh Stiùiridh air a’ Bhile agus beachdaichidh iad air prionnsabalan coitcheann a’ Bhile aig Ìre 1 den chùrsa reachdail. Tòisichidh a’ Chomataidh a’ gabhail fianais bheòil air a’ Bhile air Diciadain 14 Cèitean.

Tha a’ Chomataidh a’ sireadh fianais sgrìobhte a thaobh phrionnsabalan coitcheann a’ Bhile, a’ gabhail a-steach:

  • Am feum agus an dearbhadh a tha ann airson Clàr Bhreacain a bhios air a chruthachadh agus air a chumail gu poblach;
  • Na buannachdan eaconamach a bhiodh ann an Clàr Bhreacain do ghnìomhachasan clò agus turasachd;
  • Mìneachadh reachdail taobh a-staigh a’ Bhile air na tha breacan a’ ciallachadh;
  • Am moladh airson dleastanas a chur air Neach-glèidhidh Chlàran na h-Alba a bhith a’ stèidheachadh agus a’ cumail suas a’ Chlàr agus a’ cumail sùil air siostam clàraidh dealbhaidhean breacan ùra;
  • Am pròiseas airson a  bhith a’ clàradh dhealbhaidhean breacain ùra;
  • Ùghdarras an Neach-glèidhidh a bhith a’ stèidheachadh chosgais airson sheirbheisean a bhiodh an Clàr a’ toirt seachad leithid clàradh bhreacain ùra agus solarachadh stuthan bhon Chlàr.

 

Mar a chuirear fianais a-steach

Feuch an toir sibh aithris anns na freagairtean sgrìobhte agaibh air prionnsabalan coitcheann a’ Bhile, gu sònraichte mu na cuspairean a chaidh ainmeachadh gu h-àrd. Bu chòir fianais a bhith an ìre mhath goirid agus clò-sgrìobhte (gu h-àbhaisteach gun a bhith nas fhaide na 4 taobh-dhuilleagan de A4 gu h-iomlan).

Thathar a’ cur fàilte air fianais anns a’ Ghàidhlig.

Is e 7 Cèitean an ceann-là airson freagairtean sgrìobhte an cur a-steach. Tha an ceann-là rudeigin goirid gus leigeil leis a’ Chomataidh fianais sgrìobhte mun Bhile fhaighinn a-steach mus tòisich iad a’ gabhail fianais bheòil air 14 Cèitean 2008. Cha tèid gabhail ri freagairtean anmoch ach le ro-aonta bho chlàrc na Comataidh.

B’fheàrr leis a’ Chomataidh fianais sgrìobhte fhaighinn gu dealanach ann an cruth word. Bu chòir sin a chur gu:

EET.committee@scottish.parliament.uk

Faodaidh sibh cuideachd leth-bhreac sgrìobhte a chur gu:

Comataidh an Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd

Pàrlamaid na h-Alba

Taigh an Ròid

Dùn Èideann

EH99 1SP

Mus cur sibh fianais a-steach, feuch an dèan sibh cinnteach gu leugh sibh ar poileasaidh airson a bhith a’ làimhseachadh fiosrachaidh a gheibhear mar fhreagairt air gairmean fianais (pdf 15kb) –

http://www.scottish.parliament.uk/vli/language/gaelic/pb-fianais-sgriobhte.htm

Fiosrachadh

Airson fiosrachadh sònraichte mun Bhile, feuch an cur sibh fios gu Ceitidh Orr, Àrd Leas-chlàrc na Comataidh air 0131 348 5230 no post-d EET@scottish.parliament.uk

------------------

Airson iarrtasan fiosrachaidh a’ phobaill , cuiribh fios gu: 0131 348 5000 no 0845 278 1999 (ìrean ionadail)
Fòn teacs: 0131 348 3415 RNID Fàilte air fiosan Typetalk
post-d: sp.info@scottish.parliament.uk

Tadhlaibh air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org