Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Fios Naidheachd

The new Scottish Palriament logo

27 Ògmhios 2008

ANNIE LENNOX AIR A’ MHULLACH AIG FÈIS POILITIGS 2008

Tha Annie Lennox gu bhith air a’ mhullach aig Fèis Phoilitigs na bliadhna, chaidh ainmeachadh le Pàrlamaid na h-Alba an-diugh.  Bidh Annag a’ nochdadh Diciadain 20 Lùnastal ann an seòmar-deasbaid Thaigh an Ròid is a’ bruidhinn mun ghnothach aice ri strì an aghaidh HIV/AIDS ann an Africa a bhuineas gu bunaiteach do chòraichean daonna, na beachd.

Agus i air a bhith ann fad ceithir bliadhna an-dràsta, bidh an Fhèis Poilitigs urramach a’ dol air adhart bho Dhiciadain 20 gu Disathairne 23 Lùnastal le fichead ‘s a h-ochd de sheiseanan le iomadh neach ainmeil a bhuineas don t-saoghal phoilitigeach, do shaoghal nan ealain agus nam meadhanan, nam measg an fheadhainn seo a leanas:

 

  • Dithis urramach à dà thaobh den chrìch phoilitigeach Denis Healey is Douglas Hurd is iad a-mach air an rèisean poilitigeach Diardaoin 21 Lùnastal.
  • An cleasaiche Simon Callow agus mar a tha beachdan ag atharrachadh ann am Breatann mu dhaoine LGBT.
  • Luchd-coiteachaidh sìthe Arun Gandhi, a bha Mahatma Gandhi na sheanair dha agus Mairéad Corrigan-Maguire, a bhuannaich Duais Sìthe Nobel, agus mar a dh'fhaodamaid obair gus crìoch a chur air an ainneart san linn ùir.
  • Dealbhadair nam meadhanan Platon mun bhrìgh phoilitigeach agus shòisealta an lùib dealbhadaireachd.
  • Fear-coiteachaidh agus fear-àbhachdais poilitigeach Mark Thomas mu dhòighean eile gus cumhachd a thoirt do dhaoine.

 

Thuirt an t-Oifigear-riaghlaidh, Ailig MacFhearghais BPA:

“Tha fèill mhòr a-nis air Fèis Poilitigs a th’ air na mìltean de luchd-tadhail a tharraing gu Taigh an Ròid sna trì bliadhna a chaidh seachad.

“Is e cuspair mòr na Fèise am-bliadhna ‘Ceistean a bhuineas don Chruinne – Seallaidhean Nàiseanta’ agus tha mi an dòchas gun tig uimhir a dhaoine 's a ghabhas don Phàrlamaid gus gnothaichean fhaicinn ‘s a chluinntinn agus dol an sàs annta. Le cuspairean bho fharsaingeachd luchd-aoigheachd ainmeil agus inntinneach, is cinnteach gum faigh an luchd-tadhail tlachd agus dùbhlan ann.”

Bidh an neach-ciùil ainmeil Annie Lennox a-mach air a’ phròiseact SING aice, a bhios a' cur feum air ceòl gus daoine ionnsachadh mu HIV/AIDS agus airgead a thogail airson na buidhne, Treatment Action Campaign (TAC). Bidh i cuideachd a’ bruidhinn mun ghnothach a th’ aice ri Urras 46664 Nelson Mandela a bhios a’ strì ris a’ bhuaidh a dh’fhàgas HIV/AIDS.

Agus i a’ labhairt mus tadhail i air a’ Phàrlamaid, thuirt Annag:

'Tha an cuireadh a fhuair mi Fèis Poilitigs na h-Alba fhosgladh na chothrom mìorbhaileach eile dhomh cuideam a chur air chuspair a' ghalair fharsaing HIV/AIDS ann an Afraga. Tha mi den bheachd gum buin a’ cheist gu bunaiteach do chòraichean daonna, gu sònraichte còraichean bhoireannach agus cloinne a tha a’ fuireach ann am droch bhochdainn gu buan.”

Bidh cothrom aig an fheadhainn a tha tadhal air an fhèis cuideachd sealltainn air na h-ìomhaighean air fad a fhuair duaisean ann an Taisbeanadh Dealbhan Luchd-mheadhanan an t-Saoghail no pàirt a ghabhail ann an Ceistean na Pàrlamaid. Faodaidh an fheadhainn a tha an sàs anns an Fhèis deasbad le feadhainn den luchd-phoilitigs as ainmeile às a' Phàrlamaid nuair a ghabhas BPA bho na pàrtaidhean uile beachd air feadhainn de cheistean an latha.

Agus airson a’ chiad uair, tha a’ Phàrlamaid ag obair le Fèis Charnegie agus a’ cumail sheiseanan còmhla, nam measg Fèill Phoilitigs na h-Òigridh aig am bi an cothrom aig daoine òga an cuid bheachdan a chur an cèill air na ceistean as cudromaiche mun chruinne do dh’òigridh na h-Alba.

Is e neach-fiosrachaidh nam meadhan:

Sally Coyne: 0131 348 6265 Fònaichean RNID Typetalk dì-beathte

Post-dealain: sally.coyne@scottish.parliament.uk

 

Cùl-fhiosrachadh

 

Tha an clàr làn aig Fèill Phoilitigs 2008 ri fhaotainn air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba www.festivalofpolitics.org.uk

Am measg nan nithean ann:

Diciadain 20 Lùnastal

Annie Lennox agus iomairt SING

Tha an seinneadair is sgrìobhadair-òran ainmeil Annie Lennox air aon den fheadhainn as motha air thoiseach anns an strì an aghaidh HIV/AIDS.  Thigibh ga faicinn is i a-mach air na dh’fhiosraich i fhìn den ghalar ann an Africa agus na dh’fhaodas sinn uile a dhèanamh gus crìoch a chur air. Leis an Oifigear-riaghlaidh, Ailig MacFhearghais, BPA sa chathair.

Nach Aoibhinn Dhuinn?

 

An cleasaiche Simon Callow a-mach air na dh’fhiosraich e fhèin de dh’ atharrachadh air beachdan ann am Breatann mu dhaoine gèidh agus na tha fhathast ri dhèanamh gus co-ionannachd iomlan fhaighinn. An Leas-oifigear Riaghlaidh Trish Godman, BPA, sa chathair.

Diardaoin 21 Lùnastal

Beatha ann am Poilitigs: Denis Healey

 

Ceannairceach clì nan làithean a dh’fhalbh agus seanair nan Làbarach Denis Healey san latha a th’ ann ‘s e a-mach air beatha phoilitigeach bho ‘Gheamhradh an Riaslaidh’ gu aiseirigh nan Làbarach nuair a chaidh Tony Blair a thaghadh. Leis an Oifigear-riaghlaidh, Ailig MacFhearghais BPA sa chathair.

 

Beatha ann am Poilitigs: Douglas Hurd

 

Bha Douglas Hurd air duine den fheadhainn a bu sheasmhaiche ann an riaghaltasan Thatcher agus Major. Bhon àm a bha e mar Rùnaire na Stàite Cheann a Tuath na h-Èireann don dreuchd aige mar Rùnaire Cèin, feuch am bi sibh ann agus feadhainn de na beachdan as inntinniche mu àm Thatcher-Major a chluinntinn. An Leas-oifigear Riaghlaidh Alasdair Morgan BPA, sa chathair.

Dihaoine 22 Lùnastal

Iraq – Cogadh air Ceannairc no Strì gun Cheann?

 

Còig bliadhna an dèidh na h-ionnsaigh air Iraq leis na Stàitean Aonaichte ‘s an Rìoghachd Aonaichte na ceann agus a' cheannairc chruinneadail a bhagair luchd-riaghlaidh Saddam Hussein, chan eil coltas air a' chogadh a bhith dad sam bith nas fhaisge air tighinn gu crìch.

Èistibh ris na beachdan aig an ùghdar, fhear-naidheachd agus sgrìobhadair aig an Daily Mail, Peter Oborne mu na rinn an Àird an Iar agus na dh’fhiosraich e a’ filmeadh airson sreath Dispatches Channel 4 agus mun t-suidheachadh phoilitigeach agus chogail a th' ann an Iraq an-dràsta.

 

Diluain 23 Lùnastal

Dealbhan-daoine

 

Bidh Platon, a bhuannaich roinn nan dealbhan-daoine ann am farpais Dealbhan Luchd-mheadhanan an t-Saoghail 2008, a-mach air brìgh phoilitigeach agus shòisealta na h-obrach aige is mar a bhios e glacadh nan ìomhaighean aige.

Poilitigs - Èibhinn Mark Thomas a’ Labhairt

 

Am fear-coiteachaidh ‘s fear-àbhachdais poilitigeach Mark Thomas a-mach air na ceistean a tha cudromach dha ‘s mar a chleachdas e àbhachdas gus dòighean èibhinn eile gus puingean poilitigeach cudromach a dhèanamh is cumhachd a thoirt do dhaoine.

Clàr is ticeadan:

Tha an clàr agus ticeadan rim faotainn:

  • Air-loidhne bho: www.festivalofpolitics.org.uk .
  • Air fòn: 0131 473 2000 (RNID Typetalk: 018001 0131 473 2000). Facs: 0131 473 2003.
  • Tron phost: gu Fèill Phoilitigs, Ticeadan, The Hub, Cnoc a’ Chaisteil, Dùn Èideann, EH1 2NE.
  • Le bhith nochdadh aig Pàrlamaid na h-Alba no an Hub.

Ged a tha a’ chuid as motha de na nithean an-asgaidh, bidh faradh beag £6.00 (lasachadh £3.50) airson feadhainn dhubh agus thathar a’ moladh do dhaoine a tha ‘g iarraidh frithealadh orra a chur air dòigh ro làimh.

Tha fiosrachadh slàn mu chlàr na fèille ri fhaotainn bho:www.festivalofpolitics.org.uk

Com-pàirtichean na Fèille

Tha Fèill Phoilitigs na bliadhna ga cur air dòigh ann an com-pàirteachas foirmeil ri:

Urras Charnegie na Rìoghachd Aonaichte agus Urras Charnegie Dhùn Phàrlain

Comann Lagha na h-Alba

An t-Albannach

Airson cheistean mu fhiosrachadh poblach, cuiribh fios gu:

0131 348 5000; Fòn-teacs: 0131 558 7676, Chuirear fàilte air fiosan RNID Type talk

Post-d: gaidhlig@scottish.parliament.uk
Tadhal air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org