Fios Naidheachd
6 Ògmhios 2008
Comataidh Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd a’ cur fàilte air Bile Clàr Bhreacain na h-Alba
Thàinig clàr reachdail airson bhreacan na h-Alba ceum nas fhaisge an-diugh nuair a dh’fhoillsich Comataidh Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd an Aithisg Ìre 1 aca mu Bhile Clàr Bhreacan na h-Alba a chaidh a thoirt air adhart anns a’ Phàrlamaid le Jamie MacGriogair BPA.
Tha am Bile a’ moladh gun stèidhichear Clàr Albannach de Bhreacain agus Neach-glèidhidh clàr bhreacan airson a bhith a’ cumail suas agus a’ cumail sùil air a’ chlàr agus air clàraidhean ùra. Tha e cuideachd a’ suidheachadh nan ceumannan airson a bhith a’ clàradh dealbhaidhean bhreacan ùra.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh Tàmhais Scott BPA –
“Tha a’ Chomataidh air a taic a thoirt do phrionnsabalan coitcheann Bile Jamie MhicGriogair airson Clàr Bhreacain na h-Alba a stèidheachadh. Tha i cuideachd a’ moladh gun stèidhichear Ùghdarras Bhreacain na h-Alba agus Clàr Cruinne Bhreacain na h-Alba airson a bhith cho deònach na cruinneachaidhean aca a chur air a’ chlàr ùr a thathas a’ moladh.
“Tha sinn a’ creidsinn gu bheil e cudromach a bhith a’ dìon agus a’ glèidheadh nan clàran eachdraidheil a th‘ ann a tha co-cheangailte ri breacain agus gum faigh am poball a h-uile fiosrachadh a thaobh bhreacan. Tha sinn cuideachd ag aithneachadh nam buannachdan a dh’fhaodadh a bhith an seo do ghnìomhachas clò na h-Alba.
“Chuala a’ Chomataidh beachdan bho dà champa am bu chòir no nach bu chòir do bhreacan a bhith air fhighe. Tha ‘muinntir an latha an diugh’ a’ creidsinn gum bu chòir do bhreacan mar dhealbh a bhith ri fhaighinn ann an diofar chruthan, agus tha ‘luchd-fighe’ den bheachd gur e gu h-eachdraidheil dealbh air fhighe a bha anns a’ bhreacan agus gum bu chòir seo a bhith air aithneachadh anns na tha air a mhìneachadh sa Bhile. Bha a’ Chomataidh den bheachd gun robh am breacan gu h-eachdraidheil air a chomharrachadh mar chlò air fhighe agus dh’iarr iad air Jamie MacGriogair beachdachadh am bu chòir mìneachadh a‘ bhreacain atharrachadh gus toirt a-steach gum bu chòir “dealbh a’ bhreacain a bhith comasach air fhighe.”
Am measg cho-dhùnaidhean agus mholaidhean eile na Comataidh tha -
- Gu bheil feum air tuilleadh fianais bhon Bhall a thaobh nam biodh e na riatanas eisimpleir beag den chlò a chur an cois gach tagradh, am brosnaicheadh sin gnìomhachas a’ chlò ann an Alba no an cuireadh e bacadh air tagraidhean.
- Gum bu chòir don Neach-glèidhidh siostam sgaraidh a dhealbhadh a nochdas eadar-dhealachadh eadar bhreacan sònraichte eachraidheil agus an fheadhainn a thèid a chruthachadh airson adhbharan eile leithid dhealbhaidhean corporra no spòrsail.
- Gu bheil tuilleadh mìneachaidh a dhìth mu dè a chomharraicheas ceangal gu leòr eadar na tagraichean agus a’ chòir a th’aca cead a thoirt don Neach-glèidhidh breacain a chlàradh.
- Gu bheil e air leth cudromach gun tèid cosgais clàraidh breacan a stèidheachadh aig ìre nach dì-mhisnicheas tagraichean iomchaidh ach aig an aon àm a dhì-mhisnicheas tagraichean faoin.
Cùl-fhiosrachadh
Chaidh Bile Clàraidh Bhreacain na h-Alba a thoirt air adhart ann am Pàrlamaid na h-Alba le Jamie MacGriogair BPA air 25 Màrt 2008. Air 16 Giblean 2008, dh’ aontaich a’ Phàrlamaid gun rachadh Comataidh Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd ainmeachadh mar a’ chomataidh stiùiridh airson beachdachadh air a’ Bhile.
A bharrachd air breacain ùra a chlàradh, bheir an Clàr a-steach timcheall air 3,000 breacain a tha air Clàr Cruinne Bhreacan na h-Alba (CCBA) agus na 6,000 breacain a tha air clàr Ùghdarras Bhreacan na h-Alba (UBA). Thèid an tasglann sònraichte seo a chumail ann an Taigh nan Clàran fo chùram Tasglann Nàiseanta na h-Alba.
Ceangal duilleag dachaigh an sgrùdaidh -Scottish Register of Tartans Bill 2
Is e neach-fiosrachadh nam meadhanan:
Anna NicDhòmhnaill: 0131 348 5605 Chuirear fàilte air fiosan RNID TypeTalk
Post-d: ann.donald@scottish.parliament.uk
Airson fiosrachadh sònraichte Comataidh cur fios gu:
Ceitidh Orr: 0131 348 5230 Chuirear fàilte air fiosan RNID TypeTalk
Post-d: katy.orr@scottish.parliament.uk
Airson fiosrachaidh don phobaill, cur fios gu:
0131 348 5000; Fòn-teacs: 0131 558 7676, Chuirear fàilte air fiosan RNID Type talk
Post-d: sp.info@scottish.parliament.uk
Tadhal air an làrach-lìn againn aig: www.scottish.parliament.uk
|