Fios Naidheachd
27 Ògmhios 2008
COMATAIDH AIR RO-INNLEACHD IARRAIDH GUS LÌONRA AISEAGAN ÙR, ÈIFEACHDACH IS FREAGAIRTEACH A CHUR AIR DÒIGH
Feumar ro-innleachd a bhuineas don ùine fhada gus lìonra ùr, èifeachdach agus freagairteach a bhith air a dhèanamh le Riaghaltas na h-Alba, a rèir aithisge a chaidh fhoillseachadh an-diugh le Comataidh Còmhdhalach, Fo-structair agus Atharrachadh Clìomaid aig Pàrlamaid na h-Alba. Tha na molaidhean san aithisg ‘Seirbheisean Aithisgean ann an Alba’ a’ comharrachadh leasachaidhean san ùine ghoirid cuideachd air seirbheisean aiseagan a bu chòir a bhith air an toirt air adhart gun dàil.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Pàdraig Harvie BPA:
Tha luchd-cleachdaidh nan aiseagan air feadh na h-Alba 's an cuid bheachdan air a bhith aig cridhe an rannsachadh seo mu mar a dh'fhaodte seirbheisean aiseagan riatanach a leasachadh. Tha sinn cuideachd air cluinntinn mu na bacaidhean a tha ro luchd-obrachaidh nan aiseagan a tha a’ toirt seachad sheirbheisean.
“Tha sinn ag iarraidh ro-innleachd nàiseanta airson aiseagan a chuireas lìonra shlighean air dòigh a nì frithealadh slàn air feumalachdan is amasan nan coimhearsnachdan a bhios nan eisimeil agus a chuireas air adhart seasmhachd nan coimhearsnachdan seo san ùine fhada. Tha sinn den bheachd gu bheil cothrom dha-rìribh fon ath-bhreithneachadh air aiseagan a chuireas Riaghaltas na h-Alba a-mach a dh’aithghearr gus an ro-innleachd seo a lìbhrigeadh agus lìonra nan aiseagan san ùine fhada a dh’fhreagras dhan linn sam beò sinn a dhaingneachadh.”
Rinn a' Chomataidh deannan mholaidhean san ùine fhada rin toirt air adhart le Riaghaltas na h-Alba gun dàil.
- atharrachaidhean air clàran-ama ‘s tricead thurasan gus frithealadh nas fheàrr a dhèanamh air feumalachdan luchd-cleachdaidh aiseagan
- feabhas a chur air conaltradh is co-obrachadh eadar luchd-obrachaidh aiseagan, rathaidean-iarainn agus bhusaichean
- luchd-obrachaidh ri barrachd comhairle chur ri luchd-cleachdaidh aiseagan
- feabhas a chur air cothrom air aiseagan is laimrigean do dhaoine air a bheil ciorram
- ìrean de sheirbeisean luchd-cleachdaidh aig companaidhean nan aiseagan a leasachadh
Rinn a’ chomataidh caochladh mholaidhean cuideachd gus cruth a chur air ath-bhreithneachadh an Riaghaltas air aiseagan, a thòisicheas a dh’aithghearr, nam measg:
- sgrùdadh a dhèanamh air molaidhean tionnsgalach mar shoithichean nas luaithe ‘s nas èifeachdaiche a thaobh connaidh, clàran-ama air an leasachadh gu mòr, slighean ùra agus feum a chur air ceanglaichean stèidhichte
- soithichean is puirt ùra no air an ùrachadh a thoirt a-steach
- a dhèanamh nas fhasa do luchd-obrachaidh nan aiseagan atharrachaidhean air seirbheisean a dhèanamh an taobh a-staigh nan cùnnraidhean aca, gus seirbheisean a leasachadh agus gus tionnsglachadh a bhrosnachadh
- uallach airson ro-innleachd ann an seirbheisean nan aiseagan a thoirt gu Còmhdhail na h-Alba
- comhairleachadh poblach làn a chumail mar phàirt den ath-bhreithneachadh agus an t-ath-bhreithneachadh a thoirt air adhart cho luath 's a ghabhas.
Tha aithisg na Comataidh cuideachd ag aithneachadh a’ chuideim a th’ aig an sgrùdadh aig a’ Choimisean Eòrpach an-dràsta mu ghearan is thabhartasan a phàigheas Riaghaltas na h-Alba do ChalMac agus NorthLink.
Thuirt an Neach-gairm Pàdraig Harvie BPA cuideachd:
Tha a’ Chomataidh mothachail gu bheil sgrùdadh a’ dol air adhart aig an EC an-dràsta ‘s tha sinn a’ feitheamh ris an toradh le ùidh. Bu chòir gun toir seo soilleireachadh seachad air an t-suidheachadh laghail mun cheist seo agus gun cuidich e gus cruth a chur air na h-innleachdan leis am bi seirbheisean air an toirt seachad san ùine romhainn. An dèidh sin, tha sinn den bheachd nach eil gin de na molaidhean againn an crochadh air toradh an rannsachaidh agus gum faodar agus gum bu chòir an toirt air adhart an-dràsta fhèin.”
Cùl-fhiosrachadh
Tha rannsachadh na comataidh air a bith air aon den fheadhainn as farsainge a tharraing Comataidh aig Pàrlamaid na h-Alba a-mach le clàr farsaing de thogail-fianaise ann. Ghabh e a-steach sgrùdadh air-loidhne, co-labhairtean bhidio, turasan-rannsachaidh a choinneachadh ri luchd-obrachaidh agus luchd-cleachdaidh aiseagan agus coinneamhan poblach aig a’ chomataidh air feadh tìr-mòr agus eileanan na h-Alba.
Bheir Riaghaltas na h-Alba freagairt air aithisg na Comataidh agus thathar an dùil gun dèan a’ Phàrlamaid làn deasbad air san t-Sultain.
Ann Donald: 0131 348 5605 Fònaichean RNID Typetalk dì-beathte
Post-dealain: ann.donald@scottish.parliament.uk
Gus fiosrachadh sònraichte mun Chomataidh fhaighinn, cuiribh fios gu:
Steve Farrell: 0131 348 5211 Fònaichean RNID Typetalk dì-beathte
Post-dealain: Steve.Farrell@scottish.parliament.uk
Airson fiosrachaidh don phobaill, cur fios gu:
0131 348 5000; Fòn-teacs: 0131 558 7676, Chuirear fàilte air fiosan RNID Type talk
Post-d: gaidhlig@scottish.parliament.uk
Tadhal air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org |