Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Fios Naidheachd

The new Scottish Palriament logo

29 Cèitean 2008

 

Ath-bhreithneachadh air Sgeama Peinnseanan nam Ball air Fhoillseachadh

 

Chaidh na molaidhean mu riaghailtean ùra mu pheinnseanan is thabhartasan do Bhuill agus do dh’oifigearan Pàrlamaid na h-Alba fhoillseachadh aig Comataidh Sgeama Peinnseanan Pàrlamaid na h-Alba an-diugh.

Chaidh a' chomataidh thar-phàrtaidh a stèidheachadh gus riaghailtean mu pheinnseanan is thabhartasan ùrachadh an dèidh atharrachaidhean reachdail nach bu bheag a chaidh a dhèanamh aig ìre na Rìoghachd Aonaichte bho 1999. Tha a’ chomataidh air caochladh mholaidhean mionaideach a dhèanamh agus air riaghailtean ùra air am moladh a chur sìos mar ùrachadh air Òrdugh nam Peinnsean agus Òrdugh nan Tabhartasan.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Alasdair Morgan BPA:

“Tha a’ Chomataidh againn air molaidhean mionaideach agus dreach bile a chur ri chèile gus na h-atharrachaidhean seo a chur an gnìomh. Is e an ath cheum a bhios ann gun dèan a’ Phàrlamaid deasbad mun aithisg agus mun bhile na lùib.”

Mhol a’ chomataidh thar-phàrtaidh na h-atharrachaidhean seo a leanas san aithisg aice:

  • Gum bu chòir gum biodh urrasairean air an cur an dreuchd gus stiùireadh agus rianachd a dhèanamh air sgeama nam peinnseanan seach an suidheachadh a tha ann an-dràsta far a bheil an SPCB mar luchd-fastaidh agus urrasairean le chèile. Chuireadh seo Pàrlamaid na h-Alba air an aon rèir ri Westminster agus ri Seanadh na Cuimrigh.
  • Gum bi an cothrom aig na buill còraichean peinnsein a thàrmachadh suas nas luaithe ach gum bi aca ris a' chosgais a bharrachd air fad a phàigheadh.
  • Gum bu chòir an ùine airidheachd de 15 bliadhna de sheirbheis airson na Pàrlamaid a thoirt air falbh gus am faod buill a bha ann roimhe an dreachdan a leigeil dhuibh tràth air peinnsean bliadhnail air a lùghdachadh. Bu chòir gum biodh e comasach do Bhuill nach eil nam BPA no nan oifigearan tuilleadh an dreachdan a leigeil dhiubh bho aois 55 a-mach, fo lùghdachadh 4% air a’ pheinnsean aca airson gach bliadhna fo aois 65. Tha seo a’ fuasgladh cheistean mu lethbhreith ri linn aoise a dh’fhaodadh a bhith air èirigh fo na riaghailtean a tha ann an-dràsta.
  • Gun gabh an sgeama ri dòigh dà ìre mu pheinnsean droch shlàinte do bhuill agus do dh’oifigearan a tha ann an-dràsta, air a bhonntachadh air miosad an tinneis agus gum biodh ath-bhreithneachadh bho àm gu àm air a h-uile peinnsein ri linn droch shlàinte a thathar air buileachadh.
  • Gum faod BPA suas ri 25% den pheinnsean aige atharrachadh airson suim ann an aon chnap a rèir mar a cheadaichear fo Achd Ionmhais 2004.
  • Gun tèid an sochar mu shuim an dèidh bàis ann an seirbheis a mheudachadh bho thrì uiread gu ceithir uiread an tuarastail air an aon rèir ri Westminster agus ri Seanadh na Cuimrigh.
  • Gun tèid na h-ullachaidhean a tha ann an-dràsta airson a’ Phrìomh Mhinisteir agus an Oifigeir-riaghlaidh a dhiùltadh do luchd-dreuchd ùr sam bith. Gum bu chòir gum biodh na h-ullachaidhean a thaobh pheinnseanan airson a’ Phrìomh Mhinisteir agus an Oifigeir-riaghlaidh mar an ceudna ri oifigearan eile fo na riaghailtean ùra. Gu bheil iad seo air an aon rèir ri rianachdan tiomnaichte eile coltach ri molaidhean air a bheilear a’ gabhail beachd ann am Westminster an dèidh na h-aithisge a rinn am Bòrd Ath-bhreithneachaidh air Tuarastal aig Àrd-ìre. Gum bi aon tabhartas ath-shocrachaidh ri fhaotainn do Phrìomh Mhinistearan agus do dh’Oifigearan-riaghlaidh san ùine ri teachd nach eil airidh tuilleadh air na h-ullachaidhean a bha ann roimhe mu pheinnseanan airson nan dreuchdan seo.
  • Gum bu chòir gun tèid an ìre de thabhartas a tha ri fhaotainn a ghleidheadh an taobh a-staigh na n-ìrean as ìsle ‘s as àirde le suim a tha co-ionann ri tuarastal sia mìosan do gach Ball suas don t-suim as àirde air a bheilear airidh an-dràsta, ‘s e sin tuarastal dà mhìos deug. Rachadh an t-suim a bhiodh ri pàigheadh obrachadh a-mach bhon ìre as ìsle le aon mhìos airson gach bliadhna gu h-iomlan de sheirbheis le Ball thairis air sia bliadhna. Gum faod Ball an tabhartas as àirde fhaighinn le bhith a’ frithealadh trì teirmean seach ceithir mar a tha ann an-dràsta.
  • Gum bu chòir an ùine a dh’fheumas tighinn gu crìch an dèidh dreuchd oifigeir sam bith a ghabhail – a’ toirt leis ministearan riaghaltais, Morair Tagraidh na h-Alba agus Àrd-neach-lagha a’ Chrùin – mus fhaodar an tabhartas a phàigheadh an dèidh an dreuchd fhàgail a shìneadh bho thrì seachdainean gu trì mìosan.

Na h-ath cheuman

Tha dùil gun cùm a’ Phàrlamaid deasbad mun aithisg agus mun mholadh airson bile comataidh mus sguir i ro dheireadh an Ògmhios. Mas e gun gabh a’ Phàrlamaid ris an aithisg, faodar bile comataidh a thoirt a-steach gus na molaidhean a thoirt gu buil.

Aon uair gun tèid a thoirt a-steach, thèid beachd a ghabhail air bile na comataidh le Comataidh an Ionmhais aig ìre 1 mus cùm a’ Phàrlamaid deasbad mu dheidhinn. Mas e gun tèid aonta chur ris, rachadh a chur an uair sin gu comataidh a chaidh a stèidheachadh gu sònraichte gus atharrachaidhean a sgrùdadh agus a bheachdachadh aig ìre 2 mus tèid e air adhart gu ìre 3 nuair a ghabhas a’ Phàrlamaid iomlan beachd air.


Cùl-fhiosrachadh

Chaidh Comataidh Sgeama Peinnseanan Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh air 27 Ògmhios 2007, gu sònraichte gus beachd a ghabhail air na riaghailtean a tha ann an-dràsta mu Sgeama Peinnseanan Pàrlamaid na h-Alba. Chaidh an raon-ùghdarrais aice shìneadh air 28 Samhain gus beachd a ghabhail air an Òrdugh mu Thabhartasan do Bhuill agus do dh’Oifigearan.

Is iad buill na Comataidh an Neach-gairm Alasdair Morgan BPA, an Leas-neach-gairm Peadar Peacock BPA, Dàibhidh MacIllEidich BPA agus Uisdean Ó Dónaill BPA. Chùm a’ chomataidh coinneamhan 9 tursan uile-gu-lèir. Aon uair ‘s gum bi a’ Phàrlamaid air beachd a ghabhail air aithisg na comataidh agus air crìoch a chur air beachdachadh air bile comataidh a thig na dhèidh, thèid a’ Chomataidh a sgaoileadh.

Gheibhear an t-Òrdugh mu Pheinnseanan a tha ann an-dràsta ann an Òrdugh Achd na h-Alba 1998 (Ullachaidhean san Eadar-ama) (Sgeama Peinnseanan Pàrlamaid na h-Alba) 1999. Gheibhear an t-Òrdugh mu Thabhartasan a tha ann an-dràsta ann an Òrdugh Achd na h-Alba 1998 (Ullachaidhean san Eadar-ama) (Tabhartasan do Bhuill agus do dh’Oifigearan) 1999.  Tha an dà Òrdugh nan ullachaidhean Eadar-ama a chaidh a dhèanamh an dèidh nam molaidhean a rinn am Bòrd Ath-bhreithneachaidh air Tuarastal aig Àrd-ìre mus deach Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh. Bha e riamh san amharc gun rachadh feadhainn ùr a thoirt a-steach nan àite aon uair gun robh a’ Phàrlamaid air a stèidheachadh.

Bho 1999 tha atharrachaidhean reachdail nach beag air a bhith ann aig ìre na Rìoghachd Aonaichte a bhuail air na sgeamaichean uile mu pheinnseanan ann an dreuchdan. Is iad an fheadhainn as cudromaiche Achd Ionmhais 2004 agus Achd nam Peinnseanan 2004 agustha reachdas mu cho-ionannachd air a dhol am meud car grad cuideachd. Tha atharrachaidhean reachdail eile far a bheil gnìomhadh a dhìth air roinneadh Pheinnsean air reachdas a’ bualadh air dealachadh-pòsaidh agus com-pàirteachas catharra. Gus atharrachaidhean a chur an gnìomh, tha feum air Achd le Pàrlamaid na h-Alba agus feumar e seo a dhèanamh ron Ghiblean 2011.

 

------------------

Is e an t-oifigear mheadhanan:

Ann Donald: 0131 348 5605 Bidh fàilte ro ghairmean RNID TypeTalk

Post-d: ann.donald@scottish.parliament.uk

Cuiribh fios don Chomataidh

 

Airson ceistean fiosrachadh a’ phobaill:
0131 348 5000; Fòn teagsa: 0131 558 7676, Bidh fàilte ro ghairmean RNID TypeTalk

Post-d: sp.info@scottish.parliament.uk
Làrach-lìn: www.scottish.parliament.uk  
0131 348 5395 (Gàidhlig), gaidhlig@scottish.parliament.uk


Tadhlaibh air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org