Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Fios Naidheachd

The new Scottish Palriament logo

16 Cèitean 2008 

 

Rannsachadh Pàrlamaideach ag iarraidh air an Riaghaltas Plana-tasgaidh Rianachd air Tuiltean

25 Bliadhna a Stèidheachadh

Ba chòir gun tèid ‘dealbh-rathaid’ nàiseanta ro-innleachdail 25 bliadhna gus tasgadh a dhèanamh ann an rianachd air tuiltean a bhith air a stèidheachadh le Riaghaltas na h-Alba a rèir aithisge a chaidh fhoillseachadh an-diugh le Comataidh Chùisean Dùthchail agus na h-Àrainneachd.

Tha a’ chomataidh cuideachd air gairm air Buidheann-gnìomha Dìon Àrainneachd na h-Alba (SEPA) ceannas a dhèanamh aig ìre nàiseanta air rianachd air cunnartan thuiltean ann an Alba.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Ròsanna Choineagan BPA:

“Tha sinn beò ann an linn anns a bheil atharrachadh clìomaid a’ fàgail gur coltach gum fàs tuiltean nas bitheanta. Tha e deatamach fhèin uime sin gun tèid an saoghal sam beò sinn a dhìon cho math ‘s a ghabhas. Cha ghabh gach tuil a stad ach tha e deatamach fhèin gum fàs sinn nas fheàrr air a bhith gan rianachd agus tha an comas sealladh ro-innleachdail san ùine fhada a ghabhail na chuid den obair sin.

“Agus e san amharc aig Riaghaltas na h-Alba reachdas mu rianachd air tuiltean a thoirt a-steach am-bliadhna, tha 26 de mholaidhean air an cur sìos anns an aithisg againn a chuidicheas gu mòr nar beachd, ma thèid gabhail riutha mar lagh is mar chleachdadh, gus cunnartan mu na tuiltean a thig air Alba a rianachd agus a lùghdachadh.”

Am measg nam molaidhean aig a’ chomataidh tha:

  • Gum bu chòir an obair mar ùghdarras iomchaidh agus ceannas air rianachd air cunnartan thuiltean aig ìre nàiseanta a thoirt do SEPA le innleachdan-dìon iomchaidh eile gus a chumail neo-eisimeileach.
  • Gun nochd Riaghaltas na h-Alba ‘dealbh-rathaid’ nàiseanta ro-innleachdail mu thasgadh ann an rianachd air tuiltean a sheallas air adhart thairis air ùine 25 bliadhna air a’ char as lugha dheth, le ullachadh gus ùrachadh anns gach seisean den phàrlamaid.
  • Gun dèan Riaghaltas na h-Alba rannsachadh eile gus measadh a dhèanamh air a’ chuideachadh a nì ceumannan rianachd air tuiltean aig ìre ‘glacaidh’ (catchment).
  • Gun gabh Riaghaltas na h-Alba ceumannan gus beachd a ghabhail air ciamar a bheir e oideachadh don phoball a tha an cunnart thuiltean agus mun dòigh as fheàrr gus iad fhèin agus an cuid seilbhe dhìon.

Mu thuiltean mar thoradh air an uisge:

An taca ri tuiltean nuair a bhriseas aibhnichean far nam bruach aca agus tuiltean ri taobh a’ chuain nuair a bhios a’ mhuir ag èirigh os cionn ìre a’ chladaich, chan eil fhios cò meud seilbhe ann an Alba a tha fo chunnart thuiltean mar thoradh air an uisge nuair a bhios uisge trom a’ tuiteam aig ìre nas luaithe na an ìre aig am bi e a’ sìoladh air falbh.

Sheall fianais a fhuair a’ chomataidh cion tuigse mun chunnart an lùib thuiltean mar thoradh air an uisge. A rèir sin, tha a’ chomataidh a’ moladh gun cuir Riaghaltas na h-Alba sios na ceumannan agus am maoineachadh a tha dhìth na bheachd gus aghaidh a chur air tuiltean mar thoradh air an uisge. Cuideachd, tha a’ Chomataidh den bheachd gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba mòran a bharrachd de chuideam a chur air rianachd air tuiltean mar thoradh air an uisge agus amasan airson Uisge na h-Alba gan socrachadh san ùine romhainn.

Rianachd air cunnartan  thuiltean air a stèidheachadh air glacadh.

Tha a’ chomataidh a’ cur a taice ri dòigh-dèiligidh air a stèidheachadh air glacadh mu rianachd air cunnartan thuiltean seach gun fheum an glacadh ([cathchment] an àrainn a bhios abhainn a’ sìoladh) a bhith mar an t-aonad bunaiteach gus cunnartan thuiltean a thuigsinn agus a rianachd.

Tha a’ chomataidh den bheachd gu bheil an reachdas a th’ ann an-dràsta agus an cion seasmhachd eadar glacaidhean agus crìochan aig ùghdarrasan ionadail ga fhàgail doirbh rianachd cheart a dhèanamh air cunnartan thuiltean.

Tha aithisg shlàn na comataidh ri fhaotainn air làrach-lìn na Pàrlamaid.

Is e neach-fiosrachaidh nam meadhanan aig a’ Phàrlamaid:

Eric Macleod: 0131 348 5389

Post-dealain: eric.macleod@scottish.parliament.uk

 

------------------

Gus fiosrachadh sònraichte mun Chomataidh fhaighinn, cuiribh fios gu:

Comataidh nan Cùisean Dùthchail agus na h-Arainneachd

 

Airson cheistean mu fhiosrachadh poblach, cuiribh fios gu:
0131 348 5000; 0131 348 5395 (Gàidhlig), Fòn Teacs: 0131 558 7676, Fàilte air fiosan Type talk RNID

Post-dealain: sp.info@scottish.parliament.uk
Nach tadhail sibh air an làraich-lìn againn aig: www.scottish.parliament.uk  


Tadhlaibh air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org