Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Fios Naidheachd

The new Scottish Palriament logo

 

5 Cèitean 2008 

Sgrùdadh Taigheadais Dùthchail Pàrlamaid na h-Alba a’ tighinn gu Garbhchriochan Pheairt

Bidh taigheadas dùthchail aig ìre cosgais a tha comasach a’ tighinn fo sgrùdadh nuair a thòisicheas Comataidh Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd Pàrlamaid na h-Alba air turas gu sgìre Baile Chloichrigh airson eòlas fhaighinn mar phàirt den sgrùdaidh aca air taigheadas dùthchail air Dimàirt 6 Cèitean.

Tha buill na Comataidh airson faighinn a-mach gu dìreach a thaobh cuid de na cuspairean taigheadais a tha ann am beatha dhaoine ann an sgìrean dùthchail. Tha iad cuideachd airson faighinn a-mach mu iomairtean ionadail soirbheachail an-aghaidh dhuilgheadasan taigheadais dùthchail le bhith a’ sealltainn ri eisimpleirean ann an diofar àiteachan de dh’Alba agus thèid iad air adhart le tuilleadh thursan fiosrachaidh gu Lodainn an Ear agus Àrainn nas fhaide sa Chèitean.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Ròsanna Choineagain BPA –

“Is e cothrom math a tha sa chiad turas fiosrachaidh seo do bhuill na comataidh dealbh nas soilleire fhaighinn de na suidheachaidhean toinnte a bheir buaidh air taigheadas dùthchail ann an Garbhchrìochan Pheairt – leithid iomallachd, seilbh fearainn agus seirbheisean riaghaltas ionadail. Tha mi gu mòr airson suidheachadh Cheann Loch Raineach fhaicinn, coimhearsnachd a tha gu ìre mhòr iomallach far a bheil an dàrna dachaigh na adhbhar dragh agus airson ionnsachadh barrachd mu dheidhinn na leasachaidhean o chionn ghoirid a chaidh air adhart air Oighreachd Athaill.

“Còmhla, cuidichidh na trì tursan le bhith a’ cur ri chèile dealbh de na diofar chuspairean taigheadais dùthchail a tha a’ nochdadh ann an diofar àiteachan de dh’Alba. Bidh seo na phàirt chudromach den oidhirp tional-fiosrachaidh anns a bheil sinn an sàs thairis air na seachdainean agus mìosan a tha romhainn.” 

 

Ma tha ùidh aig riochdairean nam meadhanan ann a bhith a’ toirt iomradh air an tachartas seo no a tha airson agallamh fhaighinn le Neach-gairm na Comataidh Ròseanna Choineagain agus buill comataidh eile, bu chòir dhaibh fios a chur gu Anna Donald air 0131 348 5605

 

Cùl-fhiosrachaidh

Stèidhich tachartas bogaidh na Comataidh anns an Aghaidh Mhòr san Dùbhlachd 2007 far an robh còrr is 50 riochdaire an làthair, grunn phrìomh chuspairean airson an sgrùdaidh. Tha iad sin a’ toirt a-steach raon-ùghdarrais an t-siostam dealbhaidh, an ìre gu bheil fearann iomchaidh ri fhaighinn airson togail thaighean, cuspairean fo-structar, beachdachadh air ionmhas, dòighean-obrach gus taighean a chumail aig prìs a tha comasach agus seasmhachd tìreil thaigheadais.

Is e na buill comataidh a bhios air turas Siorrachd Pheairt:

  • Ròseanna Choineagain BPA (Neach-gairm)
  • Jamie Hepburn BPA
  • Peadar Peacock BPA
  • Iain Scott BPA (Leas-neach gairm)

 

Tursan san àm ri teachd

Bhair an ath thuras Comataidh gu Lodainn an Ear air 13 Cèitean a-steach turas le Comunn Taigheadais Lodainn an Ear a tha a’ coimhead air taigheadas gnàthaichte agus ath-leasaichte.  Air 20 Cèitean tadhlaidh a’ Chomataidh air Àrainn gus sealltainn ris a’ bhuaidh a bha aig dachaighean saor-làithean agus tuarastal ìseal air an ìre gu bheil taigheadas dùthchail ri fhaighinn.

------------------

Faodaidh luchd nam meadhanan fios a chur gu:

Anna Donald: 0131 348 5605 Fàilte air fiosan TypeTalk RNID

Post-d: ann.donald@scottish.parliament.uk

Airson fiosrachadh Comataidh sònraichte cuiribh fios gu:

Marc Roberts: 0131 348 5221 Fàilte air fiosan TypeTalk RNID

Post-d: rae.committee@scottish.parliament.uk

 

Ma tha ceistean mu fhiosrachaidh poblach, cuiribh fios gu:
0131 348 5000; 0131 348 5395 (Gàidhlig), Fòn Teacs: 0131 558 7676, Fàilte air fiosan Type talk RNID

Post-d: sp.info@scottish.parliament.uk

Tadhlaibh air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org