Fios Naidheachd
26 Ògmhios 2008
THA COTHROM, COM-PÀIRTEACHAS AGUS SGRÙDADH NAS FHEÀRR AIG CRIDHE AN RANNSACHAIDH MU ATHCHUINGEAN POBLACH
An ìre mhath deich bliadhna agus còrr is 1,100 de dh’athchuingean an dèidh do Chomataidh nan Athchuingean Poblach aig Pàrlamaid na h-Alba tighinn am bith, thathar air rannsachadh mu mhodh-obrachaidh nan athchuingean poblach a chur air chois. Tha e mar amas aig a’ chomataidh sgrùdadh a dhèanamh air fiosrachadh, cothrom agus com-pàirteachas agus mar a dh’fhaodas meud nan athchuingean a làimhseachadh agus a sgrùdadh cho èifeachdach is a ghabhas.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Frang Mac an Bhiataigh BPA:
“Bidh a’ chomataidh ag obair air modh a tha fosgailte is follaiseach le bhith cur àite air dòigh sam faod am poball poileasaidh poblach a chruthachadh agus buaidh a thoirt air. ‘S e an t-amas a th’ againn dèanamh cinnteach gum bi siostam athchuingean aig Pàrlamaid na h-Alba ann a fhreagras air an ùine romhainn. Tha e cudromach gun cùm sinn oirnn gus iarrtas muinntir na h-Alba gum bi modh-obrachaidh athchuingean ann a tha earbsach, èifeachdach agus buntainneach a choilionadh. Tha sinn air sgrìobhadh an-diugh gu mu 600 neach agus buidhnean ionadail, roinneil, nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Tha sinn ag iarraidh cluinntinn bho shaoranaich, bho bhuidhnean-coimhearsnachd, bho bhuidhnean-cothruim agus mòran eile mu cho math ‘s a tha am modh-obrachadh agus nas urrainn dhuinn a dhèanamh gus am bi e nas fheàrr fhathast.”
Bho 1999, tha Comataidh nan Athchuingean Poblach air beachd a ghabhail air athchuingean mu chuspairean cho fada bho chèile ri deoch-làidir shaor, suidheachadh chriosan-tèarainteachd air busaichean-sgoile agus o chionn ghoirid tè a dh’adhbharaich rannsachadh na Comataidh mun ìre de chungaidh-leigheis airson na h-aillse a tha ri fhaotainn air Seirbheis Nàiseanta na Slàinte. B’ e Pàrlamaid na h-Alba a’ chiad bhuidheann san t-saoghal a ghabh ri athchuingean dealanach agus tha seo air fèill mhòr a tharraing le barrachd is 1,000,000 de dh’amasan gach mìos.
Barrachd fiosrachaidh
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun rannsachadh air duilleag-dhachaigh an rannsachaidh no le bheith a’ cur fios guclàrcan na comataidh aig an t-seòladh gu h-ìseal.
Tha an gairm fianais ri fhaighinn sa Ghàidhlig.
Cùl-fhiosrachadh
Tha a an rannsachadh air èirigh an dèidh don Chomataidh beachd a ghabhail air athchuinge PE1065 às leth Young Scot. Am measg na bhathar ag iarraidh, chaidh iarraidh air Pàrlamaid na h-Alba san athchuinge teicneolas ùr a chleachdadh gus am biodh barrachd ceangail aig daoine òga ris an deamocrasaidh. Ghabh a’ chomataidh beachd air an athchuinge seo roimhe air 23 Dàmhair 2007 agus 19 Gearran 2008. Tha e cuideachd ag èirigh à aithisg a rinn a’ Chomataidh a bh’ ann roimhe, Measadh air Siostam nan Athchuingean Poblach aig Pàrlamaid na h-Alba 1999-2006. Bha caochladh cho-dhùnaidhean ann mu mhodh-obrachaidh nan athchuingean poblach. Tha a’ chomataidh air sgrìobhadh gu dìreach gu còrr is 500 neach ann an Alba agus thall thairis a dh’iarraidh bheachdan.
Is e neach-fiosrachaidh nam meadhan:
Ann Donald: 0131 348 5605 Fònaichean RNID Typetalk dì-beathte
Post-dealain: ann.donald@scottish.parliament.uk
Gus fiosrachadh sònraichte mun Chomataidh fhaighinn, cuiribh fios gu:
Fergus Cochrane: 0131 348 5186 Fònaichean RNID Typetalk dì-beathte
Post-dealain: fergus.cochrane@scottish.parliament.uk
Airson fiosrachaidh don phobaill, cur fios gu:
0131 348 5000; Fòn-teacs: 0131 558 7676, Chuirear fàilte air fiosan RNID Type talk
Post-d: gaidhlig@scottish.parliament.uk
Tadhal air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org |