Fios Naidheachd
18 Ògmhios 2008
LEASACHAIDHEAN DO DH’EUSLAINTICH AILLSE A GHEIBH CUNGAIDH-LEIGHEIS GAN IARRAIDH AIG COMATAIDH AIG A’ PHÀRLAMAID
Tha Comataidh nan Athchuingean Poblach air soilleireachadh iarraidh an-diugh mu mhaoineachadh cungaidh-leigheis aillse nach buin do Sheirbheis Nàiseanta na Slàinte. Tha an aithisg mun ìre de dhrogaichean gus aillse làimhseachadh a tha rim faotainn air an t-Seirbheis a’ tighinn an dèidh rannsachadh na comataidh a dh’èirich às an athchuinge a chuir Tina Nicìomhair (McGeever) agus an duine aice Michael Gray nach maireann fa comhair.
Tha a’ chomataidh air ceistean mòra thogail mu mhodhan-obrachaidh ann am bùird na Seirbheis gus measadh a dhèanamh am faodar cungaidh-leigheis nach buin don t-Seirbheis a thoirt 'gu reusanta’ do dh’euslainteach leis an aillse. Chaidh cion soilleireachaidh agus follaiseachd, le fiosrachadh gun a bhith air a nochdadh do dh'euslainteach aig an àm as cudromaiche nuair a thathar a' dèanamh sgrùdaidh, a nochdadh sna seiseanan fianaise cuideachd. Chaidh am modh-obrachaidh a shealltainn mar gun a bhith ag obair a chum leas an euslaintich.
Tha a’ chomataidh a’ moladh gum bu chòir fiosrachadh a thional bho gach bòrd san t-Seirbheis mun dòigh sam bi na modhan-obrachaidh fa leth seo ag obair agus mar a tha stiùireadh a bheir na buidhnean a nì measadh air cungaidh-leigheis ga chur an gnìomh. Chaidh moladh a bharrachd a dhèanamh gus rannsachadh a dhèanamh mu na modhan-obrachaidh a thathar a’ cleachdadh gus na buannachdan a thaobh slàinte aig cungaidh-leigheis a thomhas agus a mheas, air a bheilear a’ gabhail an modh-obrachaidh bliadhna beatha (quality-adjusted life year) air atharrachadh a thaobh càileachd.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Frang Mac an Bhiataigh BPA:
“Tha seo air a bhith na rannsachadh gu math deatamach agus tha sinn fìor thoilichte a bhith ga thoirt air adhart. Bha ceistean follaiseach a’ bualadh air mothachadh na lùib, gu h-àraidh bàs dòrainneach an athchuingiche Micheal Gray ri linn an rannsachaidh. Tha sinn ag iarraidh gnìomh bho Riaghaltas na h-Alba gus dèanamh cinnteach nach tèid neach sam bith tro na dh’fhiosraich Michael Gray agus Tina NicIomhair agus iad a’ feuchainn ri cothrom fhaighinn air cungaidh-leigheis airson na h-aillse.
“Tha breisleach am measg nam bòrd aig an t-Seirbheis agus am measg luchd-dreuchd na slàinte mun stiùireadh a bheir an Riaghaltas dhaibh mu mhaoineachadh cungaidh-leigheis aillse nach buin don t-Seirbheis. Nuair a bhios luchd-dreuchd slàinte a’ cumail a-mach gu bheil iad air an cur ann an suidheachadh riaslach no gur e troimhe-chèile dha-rìribh a thaobh moraltachd, logistics agus eile, tha e follaiseach an uair sin nach eil an stiùireadh a' dèanamh mar a bu chòir dha.
“Tha sinn ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach gum bi an cothrom as fheàrr aig euslaintich leis an aillse tighinn troimh agus a bhios seirbheis cùram na slàinte againn a’ tairgse.”
Cùl-fhiosrachadh
Chaidh Atchuinge PE1108 a chur a-steach air 7 Faoilleach 2008. Tha i ag iarraidh air a’ Phàrlamaid toirt air Riaghaltas na h-Alba beachd a ghabhail air an ìre de chungaidh-leigheis a tha ri faotainn air Seirbheis Nàiseanta na Slàinte, gu sonraichte Cetuximab, gus a dhèanamh cinnteach gum bi Cothrom na Fèinne air gach bòrd aig an t-Seirbheis mu cho iomchaidh, èifeachdach agus pailt agus a tha a leithid de làimhseachadh.
Chaidh beachd a ghabhail air an athchuinge leis a’ Chomataidh air 15 Faoilleach 2008 agus 19 Gearran 2008. Aig a’ choinneimh aice air 4 Màrt 2008, dh’aontaich i an dòigh san gabhadh i gnothach ris an rannsachadh seo agus an raon-ùghdarrais seo a leanas-
‘Rannsachadh mun ìre de chungaidh-leigheis airson na h-aillse a tha ri faotainn air Seirbheis Nàiseanta na Slàinte agus a bheil bùird na Seirbheis air an aon rèir mu cho iomchaidh, èifeachdach agus pailt a tha a leithid de chungaidh-leigheis agus a bheil an rian mu chungaidh-leigheis airson na h-aillse aig an aon ìre ri tinneas eile a bhios a’ bagairt no ag adhbharachadh a' bhàis.'
Chùm i trì seisean a dh’èisteachd ri fianais-labhairt air na cinn-là seo a leanas-
29 Giblean 2008, 13 Cèitean 2008 agus 20 Cèitean 2008.
Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaotainn tro dhuilleag-dachaigh rannsachadh na Comataidh.
Faodar cothrom fhaighinn air an aithisg fhèin tro dhuilleag-dhachaigh na Comataidh. Thoiribh fa-near nach eil Leasachain A, B agus C rim faotainn ach ann an cruth dealanach.
Tha a’ Chomataidh air cuireadh a thoirt do Riaghaltas na h-Alba freagairt a thoirt le clàr-ama cur-an-gnìomh ro 1 Sultain 2008.
Is e neach-fiosrachaidh nam meadhanan aig a’ Phàrlamaid:
Ann Donald: 0131 348 5605 RNID TypeTalk di-beathte
Post-D: ann.donald@scottish.parliament.uk
Cuiribh fios don Comataidh
Gus fiosrachadh sònraichte mun Chomataidh fhaighinn, cuiribh fios gu:
Stephen Imrie, 0131 348 5207; Fònaichean RNID TypeTalk dì-beathte
Post-dealain: eet.committee@scottish.parliament.uk
Airson fiosrachaidh don phobaill, cur fios gu:
0131 348 5000; Fòn-teacs: 0131 558 7676, Chuirear fàilte air fiosan RNID Type talk
Post-d: gaidhlig@scottish.parliament.uk
Tadhal air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org |