Fios Naidheachd
10 Ògmhios 2008
Comataidh Riaghaltas Ionadail agus Choimhearsnachdan a’ moladh Sgrùdadh Baileat
Bu chòir sgrùdadh a dhèanamh air na pàipearan baileat a chaidh a chur ann an taghadh riaghaltas ionadail a’ Chèitein 2007, a rèir aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh le Comataidh Riaghaltas Ionadail agus Choimhearsnachdan. Bu chòir don sgrùdadh ri mholadh dearbhadh dè an earrann a bh’ ann de phàipearan baileat shingilte le “X” agus a bheil seo a’ nochdadh duilgheadas sam bith leis a‘ chiad chleachdadh de STV ann an taghaidhean riaghaltas ionadail na h-Alba.
A’ bruidhinn mu aithisg na comataidh a thaobh Taghaidhean 2007, thuirt Neach-gairm na Comataidh Donnchadh MacNèill BPA:
“Tha uallach air a’ chomataidh nach robh siostam àireamhachaidh roghainnean a bha riatanach fo Bhòt Cur-thairis Shingilte (STV) ann an taghaidhean riaghaltas ionadail 2007 cho soirbheachail sa bhathar a’ dèanamh a-mach. Ged a bha an ìre de bhaileatan a chaidh a dhiùltadh na b’ ìsle na bha ann an taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba, a dh’aindeoin sin bha iad na b’ àirde na dh’fheumadh iad a bhith. Cuideachd, bha duilgheadasan ann a thaobh dealbhadh baileat, cunntadh dealanach agus gun deach na taghaidhean air adhart air an aon latha ri taghaidhean ‘siostam àireamh bhòtaichean as motha’ Pàrlamaid na h-Alba.
“Gus creideas poblach anns a’ phròiseas taghaidh ùrachadh, mhol a’ chomataidh cuideachd gun rachadh àrd-oifigear taghaidh a stèidheachadh airson Alba, gun deidheadh sgaradh a dhèanamh eadar taghaidhean riaghaltas ionadail agus nàiseanta agus gun rachadh luchd-taghaidh fhoghlamachadh agus an toirt air bòrd.
“Mar sin, tha a’ chomataidh a’ mìneachadh mar a nì iadsan air a bheil dleastanas a bhith a’ riaghladh thaghaidhean riaghaltas ionadail, cinnteach gum bi misneachd aig sluagh na h-Alba gun tèid bhòt sam bith a thathas a’ cur a chunntadh.”
Am measg mholaidhean eile na comataidh tha –
- Bu chòir tuilleadh sgrùdaidh a dhèanamh air modail Èireann a-Tuath agus àrd-oifigear taghaidh le sùil gun rachadh gabhail ris an seo ann an Alba.
- Bu chòir gum biodh pàipearan baileat furasta a lìonadh a-steach agus a bhith a’ nochdadh fìor bheachdan an neach-bhòtaidh.
- Feumar barrachd trèanaidh a thoirt do dh’oifigearan fiosrachaidh agus feumar iomairtean fiosrachaidh a bhith ann do luchd-bhòtaidh tro fhòraman poblach is tachartasan sgoile.
- Bu chòir gum biodh dleastanas sgrùdaidh ann an obair na Buidhne Stiùiridh Thaghaidhean agus gun rachadh àrd-oifigear thaghaidhean a chur an dreuchd.
- Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba tuilleadh sgrùdaidh a dhèanamh air bhòtadh tron phost mar mheadhan air a bhith ag adhartachadh compàirteachadh bhòtaidh.
Cùl-fhiosrachadh
Dh’aontaich Comataidh Riaghaltas Ionadail agus Choimhearsnachdan aig a’ choinneamh aca air 7 Samhain 2007 fianais bheòil a ghabhail a thaobh na tha ann an aithisg Gould agus beachdachadh air na molaidhean aca a thaobh a’ bhuaidh a tha aig an seo air taghaidhean riaghaltas ionadail.
Is e neach-fiosrachadh nam meadhanan:
Anna NicDhòmhnaill: 0131 348 5605 Chuirear fàilte air fiosan RNID TypeTalk
Post-d: ann.donald@scottish.parliament.uk
Airson fiosrachadh sònraichte Comataidh cur fios gu:
Ceitidh Orr: 0131 348 5230 Chuirear fàilte air fiosan RNID TypeTalk
Post-d: katy.orr@scottish.parliament.uk
Airson fiosrachaidh don phobaill, cur fios gu:
0131 348 5000; Fòn-teacs: 0131 558 7676, Chuirear fàilte air fiosan RNID Type talk
Post-d: gaidhlig@scottish.parliament.uk
Tadhal air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org |