Fios Naidheachd
Comataidh an Riaghaltais Ionadail a’ tòiseachadh rannsachadh air bochdainn cloinne
23 Giblean 2008
Chaidh rannsachadh air bochdainn cloinne an Alba a chur air bhonn an-diugh le gairm fianais le Comataidh Riaghaltais Ionadail agus Choimhearsnachdan. Tha e air a thuairmeas gu bheil 90,000 leanabh an Alba beò ann am fìor dhroch bhochdainn leantaileach agus seallaidh a’ chomataidh gu sònraichte air fuasgladh a lorg agus nì iad sgrùdadh air targaidean a thaobh bochdainn cloinne.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Donnchadh MacNèill BPA:
“Tha droch bhuaidh aig bochdainn cloinne air beatha leanaibh anns a h-uile dòigh, a’ gabhail a-steach slàinte, foghlam, cothroman cosnaidh san àm ri teachd agus mathas beatha.
“Tha a’ Chomataidh airson na cùisean aithneachadh a bheir a’ bhuaidh as làidir agus as luaithe air fuasgladh a lorg, leithid ciamar as fheàrr a ruigear an targaid airson dèanamh às le bochdainn cloinne ro 2020 agus an targaid airson bochdainn cloinne a lùghdachadh dàrna leth ro 2010.
“Bu chòir dhuinn uile ar n-aire a thionndaidh gu oidhirp gus a h-uile leanabh a shaoradh bho bhochdainn agus gum fàs clann an latha an-diugh nan saoranaich ghnìomhach aig làn àirde an comais.”
Am measg nam prìomh chuspairean air am bi a’ Chomataidh a’ beachdachadh bidh:
- dòighean air na targaidean a sgrùdadh airson dèanamh às le bochdainn cloinne ro 2020 agus bochdainn cloinne a lùghdachadh dàrna leth ro 2010
- àite nan Aontaidhean Aon Bhuil agus Com-pàirteachasan Dealbhadh Coimhearsnachd a thaobh poileasaidh agus lìbhrigeadh seirbheis
- dreuchd na Comataidh ann a bhith a’ dèanamh tomhas cunbhalach air dè tha tachairt a thaobh targaidean bochdainn cloinne
- taic do phàrantan airson obair a lorg aig a bheil pàigheadh reusanta agus an obair sin a chumail
- cùisean practaigeach a’ buntainn ri a bhith a’ faighinn gach sochair sòisealta air a bheileas airidh
- cùisean co-ionnanachd agus gu bheil earrannan den mhòr-shluagh a tha tuiteam air dheireadh air càch agus gun dòigh aca air feum a dhèanamh de na poileasaidhean airson bochdainn a lùghdachadh
Thèid agallamh a dhèanamh mu dheidhinn an rannsachaidh le Neach-gairm na Comataidh, Donnchadh MacNèill, air a’ prògram aig Pàrlamaid na h-Alba Holyrood Highlights a thèid a chraoladh air Diardaoin 24 Giblean aig 11.45m. Chithear seo air www.holyrood.tv
Airson tuilleadh fiosrachaidh air an rannsachadh agus air ciamar a chuireas sibh fianais a-steach, theirigibh gu làrach-lìn na Comataidh aig:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/lgc/ChildPovertyinScotland-Callforviews.htm
Cùl-fhiosrachadh
Cho-dhùin a’ Chomataidh gun tòisicheadh iad an rannsachadh seo às dèidh dhaibh fianais a chluinntinn bho grunn bhuidhnean aig tachartas bòrd cruinn ann an Glaschu sa Mhàrt. Am measg na ghabh pàirt san tachartas air bochdainn cloinne bha riochdairean bho Chobhair na Cloinne, Barnardo’s Alba, Teaghlaichean Aona Phàrant, Caidreabhas na Bochdainn Alba, Dachaighean Cloinne Nàiseanta, Ag Obair do Phàrantan agus a’ Bhuidheann-gnìomha Bochdainn Cloinne.
Is e an t-oifigear mheadhanan:
Ann Donald: 0131 348 5605, fàilte ro ghairmean RNID TypeTalk
Post-d: ann.donald@scottish.parliament.uk
Airson fiosrachadh mun Chomataidh:
Martin Verity: 0131 348 5217 Fàilte ro ghairmean RNID TypeTalk
Post-d: martin.verity@scottish.parliament.uk
Airson fiosrachaidh don phobaill, cur fios gu:
0131 348 5000; Fòn-teacs: 0131 558 7676, Chuirear fàilte air fiosan RNID Type talk
Post-d: gaidhlig@scottish.parliament.uk
Tadhal air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org |