Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Fios Naidheachd

The new Scottish Palriament logo

20 Ògmhios 2008

COMATAIDH NA H-EÒRPA AGUS NAN DÀIMHEAN A-MUIGH AIR TORADH AN RANNSACHAIDH MU LEASACHADH EADAR-NÀISEANTA FHOILLSEACHADH

 

Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh le Comataidh na h-Eòrpa agus nan Ceanglaichean air an Taobh A-muigh aig Pàrlamaid na h-Alba, thathar a’ cur fàilte air a’ mhaoineachadh a bharrachd a thug Riaghltas na h-Alba seachad airson leasachaidh eadar-nàiseanta ach thathar air iarraidh gun tèid am poileasaidh a chur air an aon rèir anns gach roinn den riaghaltas.

Tha a’ chomataidh a’ moladh nach bu chòir an cuideam aig poileasaidh Riaghaltas na h-Alba a bhith air toirt seachad ghoireasan bhon Mhaoin Leasachaidh Eadar-nàiseanta a-mhàin ach gum bu chòir cuspairean mar fhoghlam leasachaidh, càraidean eadar sgoiltean, obair shaor-thoileach agus fastadh luchd-dreuchd slàinte thoirt a-steach cuideachd. 

‘S e aonan dhe na toraidhean as cudromaiche a dh’èirich às an rannsachadh am feum a th’ ann cur ri mothachadh mu cheistean leasachaidh eadar-nàiseanta am measg muinntir na h-Alba agus gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba dol an ceannas gus seo a thoirt seachad.

Tha a’ chomataidh air iarraidh air an Riaghaltas cuideachd dol an ceannas mu rùn na h-Alba gus Amasan Leasachaidh na Mìle-Bliadhna gus crìoch a chur air a' bhochdainn.

Thuirt Neach-gairm Comataidh na h-Eòrpa agus nan Ceanglaichean air an Taobh A-muigh Calum Siosalach:

“Tha sinn a’ cur fàilte air rùn an Riaghaltais barrachd maoineachaidh a thoirt seachad ach a bharrachd air dòighean maoineachaidh iad fhèin, tha sinn ag iarraidh gum bi àite nas laidire aig an Riaghaltas a chuireas ris a' mhothachadh ann an Alba mu cheistean leasachaidh eadar-nàiseanta le bhith a’ cur taice ri foghlam mu leasachadh.” 

Thuirt an Siosalach cuideachd:

Feumaidh Riaghaltas na h-Alba a bhith cinnteach cuideachd nach bi am poileasaidh a th’ aige mu leasachadh eadar-nàiseanta ga thoirt seachad na aonar.  Ghèill an riaghaltas roimhe seo cuideachd ri còd-cleachdaidh far nach bite gabhail cuimse ri luchd-dreuchd slàinte ann an dùthchannan a’ leasachadh a thighinn a dh’obair ann an Seirbheis Nàiseanta na Slàinte ann an Alba.  Tha sinn an dòchas gum bithear a' cumail ris a' chleachdadh seo ach 's e an rud as motha a tha sinn ag iarraidh fhaicinn beachdachadh thairis air caochladh phoileasaidhean aig an riaghaltas gus a dhèanamh cinnteach gum bi iad a’ rèiteachadh ri amasan an Riaghaltais mu leasachadh eadar-nàiseanta.” 

Agus e a-mach air Malairt Chothromach a rèir agus cleachdadh solair an riaghaltais, thuirt an Siosalach:

“Dh’fhaodadh sgioblachadh a bhith a dhìth a thaobh nan cleachdaidhean mu sholar aig an Riaghaltas cuideachd.  Tha am buidseat bliadhnail aige airson leasachaidh eadar-nàiseanta aig £6 millean am-bliadhna ag èirigh gu £9 millean an ceann dà bhliadhna eile.  Ach ‘s e àireamh gu math beag a tha sin an taca ris na bhios an Riaghaltas a' cosg air solar gach bliadhna, mu £8 billean.  Nan toireadh an caiteachas sin a-steach ullachadh mu mhalairt a rèir Cothrom na Fèinne dh’fhaodadh tu cur gu mòr ris an ìre a bheir Alba seachad do leasachadh eadar-nàiseanta.  Tha sinn ag iarraidh air an Riaghaltas rannsachadh a dhèanamh mun dòigh seo mar a rinn riaghltas na h-Òlaind.  

Tha aithisg shlàn na Comataidh ri faotainn air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba.

Cùl-fhiosrachadh

B’ e raon-ùghdarrais rannsachadh na comataidh: breithneachadh farsaing a ghabhail air ceistean leasachaidh eadar-naiseanta ann an Alba agus beachd a ghabhail agus a aithisg a thoirt seachad mun àite a th’ aig poileasaidh Riaghaltas na h-Alba mu leasachadh eadar-nàiseanta agus mar a ghabhas luach cur ris an obair leasachaidh eadar-nàiseanta a tha dol air adhart ann an Alba a-cheana.

 

Is e neach-fiosrachaidh nam meadhanan aig a’ Phàrlamaid:
Eric MacLeòid: 0131 348 5389
Post-d: eric.macleod@scottish.parliament.uk

Cuir fios don Chomataidh

Airson fiosrachaidh don phobaill, cur fios gu:
0131 348 5000; Fòn-teacs: 0131 558 7676, Chuirear fàilte air fiosan RNID Type talk

Post-d: gaidhlig@scottish.parliament.uk
Tadhal air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org