Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Fios Naidheachd

The new Scottish Palriament logo

2 Cèitean 2008

Tha a’ Chomataidh Eòrpach ag ràdh gum feum Alba “a bhith a-staigh aig toiseach ghnothaichean” airson buaidh a thoirt air reachdas an AE 

Ma tha Alba dol a chur laghan ùra bhon Bhruiseal an sàs gu h-èifeachdach feumar a bhith an làthair aig toiseach ghnothaichean ann am pròiseas reachdais an AE, a rèir aithisg a dh’fhoillsich Comataidh Eòrpach agus Chùisean Taobh a-Muigh Pàrlamaid na h-Alba an-diugh.

Tha an aithsig cuideachd a’ nochdadh gu bheil feum air barrachd follaiseachd air feadh pròiseas reachdais an AE air fad, a’ gabhail a-steach an ìre ‘tar-chur’, agus gu h-àraidh air an fheum air barrachd sgrùdadh pàrlamaideach. 

Tha an aithsig seo mar thoradh air rannsachadh sia mìosan a rinn a’ Phàrlamaid air ‘tar-chur òrdughan an AE’, agus dragh air nochdadh bho luchd-gnothaich agus buidhnean poblach an robh reachdas an AE dha-rìribh ag obair gu math na h-Alba agus a’ coinneachadh feumalachdan luchd-leas Albannach. 

Thuirt Calum Siosalach, neach-gairm na Comataidh Eòrpaich agus Chùisean Taobh a-Muigh:

“Tha sinn air a dhèanamh air leth follaiseach san aithisg againn gu feum Alba dol an sàs gu tràth ann am pròiseas reachdais an AE airson buaidh a thoirt air.  Is iomadh neach-fianais a thuirt seo anns an rannsachadh.

“Bha e soilleir bho na thuirt luchd-gnothaich ann an Alba agus luchd-poileataigs air feadh na Roinn Eòrpa nach eil math beachdachadh air a’ phròiseas tar-chur na aonar, agus gu bheil soirbheas tràth ann am pròiseas leasachadh poileasaidh an AE nas buailtiche soirbheas a bhuannachd ann a bhith a’ toirt reachdas Eòrpach an lùib laghan na h-Alba.”

Bha rannsachadh na comataidh an toiseach an dùil cuimseachadh a-mhàin air tar-chur òrdughan an AE – an dà no trì bliadhna eadar òrdugh a bhith a’ faighinn aonta anns a’ Bhruiseal agus an t-àm a dh’fheumar a thoirt an lùib lagh gach ball-stàite no reachdas tiomnaichte.    

Am measg prìomh mholaidhean an rannsachaidh:

 

  • Tha a’ Chomataidh a’ moladh gum bu chòir an stiùireadh air tar-chur a th’ aig Riaghaltas na h-Alba san amharc prìomhachas a thoirt do cho cudromach ’s a tha e dol an sàs tràth agus mar a tha buaidh làidir aig seo ri gnìomhachadh èifeachdach. 
  •   Tha a’ Chomataidh a’ moladh gum bu chòir an stiùireadh air tar-chur a th’ aig Riaghaltas na h-Alba san amharc innse gu soilleir ciamar a tha e an dùil obair còmhla ri Pàrlamaid na h-Alba air feadh pròiseas reachdais an AE, a’ gabhail a-steach an ìre tar-chur.
  • Tha a’ Chomataidh a’ moladh gum beachdaich Riaghaltas na h-Alba air luchd-obrach a thoirt air iasad do stèidhean an AE mar aon dòigh air math na h-Alba a chur air adhart aig ìre deasachadh poileasaidh an AE. 

 

Cùl-fhiosrachadh

Ged a bha cuid den fhianais a’ sealltainn gu robh deagh chleachdaidhean gan cur gu feum aig an ìre tar-chur, cha robh seo cunbhalach airson nan òrdughan AE gu lèir.   

 

  • Rinn luchd-fianais luaidh air an Òrdugh Frèam-obrach air Uisge agus an Òrdugh air Measadh Roi-innleachdail na h-Àrainneachd, a bha, airson na mòr-chuid, nan eisimpleirean èifeachdach air tar-chur.  Air an làimh eile, dh’ainmicheadh an t-Òrdugh Àrainnean agus an t-Òrdugh Niotraitan mar eisimpleirean nach do shoirbhich cho math. 
  • Bha e follaiseach cuideachd nach robh na riaghaltasan roinneil leis na choinnich BPA bhon Ghearmailt, a’ Bheilg agus an Spàinn cho draghail mu thar-cur nan òrdughan ’s a bha iad mu a bhith a’ toirt buaidh air leasachadh poileasaidh an AE.
  • Cuideachd, am beachd Länder na Gearmailt, tha e mòran nas duilghe buaidh a thoirt air molaidhean an AE às dèidh do òrdugh aonta fhaighinn, fiù ann an suidheachadh far a bheil cothroman ann airson sùbailteachd aig ìre ionadail.    
  • Thuirt Länder Bavariairia gu faodar feuchainn ri buaidh a thoirt air moladh mus tèid e fiù fhoillseachadh leis a’ Choimisean. Chuala a’ Chomataidh gum bi oifisean Bhruiseil nan riaghaltasan roinneil ann am Baden-Württemberg agus Babhàiria ag obair gu dlùth le stèidhean AE agus luchd-leas airson feuchainn ri buaidh a thoirt air dreachd molaidhean agus reachdas an AE.   
  • Chunnacas cho soirbheachail ’s a dh’fhaodas na dòighean neo-fhoirmeil seo a bhith le bhith a’ coimhead air molaidhean reachdais a’ Choimisein airson truailleadh bho chàraichean a lùghdachadh. Fhuair Riaghaltas Babhàiria dreachd thràth den mholadh agus chaidh iad a dh’obair còmhla ri prìomh luchd-leas leithid BMW agus Volkswagen airson beachd coitcheann airson Babhàiria a stèidheachadh agus chaidh am beachd seo a chur an cèill don Choimisean agus don Riaghaltas Fheadarail.

Gheibhear an làn aithsig phàrlamaideach air làrach-lìn na Pàrlamaid. 

Is e neach-fiosrachaidh nam meadhanan aig a’ Phàrlamaid:

Eric Macleod: 0131 348 5389

Post-dealain: eric.macleod@scottish.parliament.uk

Airson fiosrachaidh don phobaill, cur fios gu:
0131 348 5000; Fòn-teacs: 0131 558 7676, Chuirear fàilte air fiosan RNID Type talk

Post-d: gaidhlig@scottish.parliament.uk
Tadhal air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org