Fios Naidheachd
2 Ògmhios 2008
Fìor Dhragh ga Nochdadh mu Bhile Alba Chruthachail
Tha a’ Chomataidh Foghlaim, Ionnsachadh Fad-beatha agus Cultair air fìor dhragh a nochdadh nach coilean Bile Alba Chruthachail na h-amasan aige, anns an Aithisg Ìre 1 aca a chaidh fhoillseachadh an-diugh.
Tha am bile airson buidheann leasachaidh ùr cultarach nàiseanta a stèidheachadh air am bi ‘Alba Chruthachail’ mar ainm, a thèid an àite Comhairle Ealain na h-Alba agus Sgrìn na h-Alba.
Anns an aithisg aca, tha a’ chomataidh a’ toirt taic don phlana airson Alba Chruthachail agus iad mothachail gu bheil ùidh anns na roinnean ealain, cultair agus na gnìomhachasan cruthachail airson gun tèid buidheann ùr a stèidheachadh cho luath ’s a ghabhas.
Ach, tha a’ chomataidh den bheachd nach eil am bile soilleir gu leòr ann an grunn àiteachan cudromach agus gu bheil feum aige air atharrachadh susbainteach aig Ìre 2 den phròiseas phàrlamaideach airson cuimseachadh nas cinntiche a bhith aige agus airson grunn chùisean a dhèanamh nas soilleire.
Thuirt Neach-gairm na comataidh, Karen Whitefield BPA:
“Tha a’ chomataidh taiceil don mholadh gum bu chòir Alba Chruthachail a stèidheachadh mar a’ bhuidheann airson ealain agus ghnìomhachasan cruthachail san 21mh linn ann an Alba. Tha sinn mothachail gu bheil ùine co-chomhairleachaidh agus ath-bhreithneachaidh fhada air a bhith ann agus gu bheil an roinn a-nis ag iarraidh soilleireachd agus seasmhachd.
“Ach, chan eil prìomhachasan Alba Chruthachail soilleir gu leòr agus tha cunnart ann gum faodadh amasan a’ bhile (brosnachadh agus leasachadh an eaconamaidh chruthachail agus leudachadh cothroman inntrigidh do chultar) a bhith ag obair an aghaidh a chèile, a’ dèanamh an aon obair ri chèile agus a’ cur nam buidhnean leis am bi e ag obair troimh-a-chèile. Thàinig mòran dragh am follais mu phuingean mionaideach a’ bhile anns an fhianais a fhuair a’ chomataidh.”
Tha a’ chomataidh a’ dèanamh mholaidhean eile leithid -
- Iarraidh air Riaghaltas na h-Alba maoineachadh na buidhne ùire a dhèanamh soilleir, a chionn nach bi àrdachadh maoineachaidh a rèir an uiread leudachaidh a thig air an raon-obrach aice anns a’ chiad trì bliadhna.
- Gu bheil feum air bòrd Alba Chruthachail a tha air a dheagh chothromachadh le raon farsaing de dh’eòlas agus sgilean freagarrach.
- Tha a’ chomataidh cuideachd ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh air ciamar a bhios Alba Chruthachail ag obair le buidhnean eile anns an raon, a’ gabhail a-steach buidhnean iomairt, ùghdarrasan ionadail agus an raon saor-thoileach.
- Bu chòir tuilleadh beachdachaidh a thoirt do mhìneachadh anns a’ bhile. An-dràsta tha abairtean leithid “ealan agus cultar” agus “cruthachadh” gan cleachdadh gun mhìneachadh air dè dìreach a tha iad a’ ciallachadh.
Bidh deasbad Ìre 1 den bhile a’ tachairt san Ògmhios.
------------------
Is e an t-oifigear mheadhanan:
Ann Donald: 0131 348 5605 Bidh fàilte ro ghairmean RNID TypeTalk
Post-d: ann.donald@scottish.parliament.uk
Airson fiosrachadh mun Chomataidh:
Eugene Windsor: 0131 348 5204 Bidh fàilte ro ghairmean RNID TypeTalk
Post-d: Eugene.windsor@scottish.parliament.uk
Airson ceistean fiosrachadh a’ phobaill:
0131 348 5000; Fòn teagsa: 0131 558 7676, Bidh fàilte ro ghairmean RNID TypeTalk
Post-d: sp.info@scottish.parliament.uk
Làrach-lìn: www.scottish.parliament.uk
Duilleag-lìn na Comataidh
Tadhlaibh air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org
|