Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Fios Naidheachd

The new Scottish Palriament logo

10 Iuchar 2008

THA SGILEAN FOGHLAIM AGUS ULLACHAIDH A’ LEIGEIL OBAIR NA TURSACHD ANN AN ALBA SÌOS, THA COMATAIDH AIG TAIGH AN RÒID AG RÀDH

 

Tha e follaiseach nach eil a’ soirbheachadh le structar foghlaim, ullachaidh agus sgilean na h-Alba gus na tha dhìth air obair na turasachd a lìbhrigeadh a rèir aithisg-rannsachaidh a chaidh fhoillseachadh an-diugh le Comataidh Eaconamaidh, Lùtha agus Turasachd Pàrlamaid na h-Alba.   

San aithisg thathar ag iarraidh gun tèid cuibhreannachadh mòr a dhèanamh air na 4,000 de chùrsaichean-ullachaidh aoigheachd ann an Alba, a tha an coltas air mòran dhiubh nach bi iad a' cruthachadh nan sgilean a tha dhìth air muinntir nan taighean-òsta 's na taighean-bidhe. Tha an aithisg cuideachd a’ moladh gun tèid sgioblachadh agus tanachadh a dhèanamh air buidhnean agus tionnsgnaidhean san roinn phoblaich a bhios a’ cur turasachd air adhart.

Thuirt Neach-gairm Comataidh Eaconomaidh, Lùtha agus Turasachd, Tàmhais Scott:

“Tha luach còrr is £4 billean an lùib na turasachd an comhair na bliadhna do dh’eaconamaidh na h-Alba agus bidh i a’ fastadh còrr is 200,000 neach.  ‘S e gnìomhachas a th’ ann nach bu chòir dhuinn leigeil air dhearmad.  Ged a tha sinn a’ cur fàilte air an amas a th’ aig Riaghaltas agus a’ ghnìomhachas còmhla teachd-a-steach a mheudachadh 50 a-mach às a’ cheud ro 2015, tha na h-àireamhan as ùire airson 2007 a’ leigeil fhaicinn gum bi barrachd lùghdachaidh air teachd-a-steach ann an da-rìribh.

“Gun luchd-obrach aig a bheil misneachd is eòlas, cha bhi sinn comasach air an gnìomhachas deatamach seo a leudachadh agus amas 2015 a thoirt gu buil is cha mhotha bidh sinn comasach càileachd na thathar a’ tairgse do luchd-turais a leasachadh.”

Foghlam, ullachadh is sgilean

Agus e a-mach air foghlam, ullachadh is sgilean ann an roinn na turasachd, thuirt Tàmhais Scott cuideachd: 

 

  • “Is e roinn a tha seo far nach eil a’ soirbheachadh idir leis an structar a th’ ann an-dràsta. Ri linn an rannsachaidh, ghabh sinn annas uair is uair mu ìre nan taighean-òsta ‘s nan taighean-bidhe aig am bi tàire luchd-obrach a thàladh is a ghleidheadh.  Tha e gu math follaiseach nach eil na sgilean a tha dhìth air luchd-gnìomhachais agus na th’ aig luchd-ceuma air an aon rèir.
  • “Ged a tha eisimpleirean de dheagh chleachdas, chan eil sinn den bheachd gu bheil e ceart cumail a’ dol le siostam anns a bheil barrachd is 4,000 de chùrsaichean ann an aoigheachd is turasachd, air an toirt seachad le còrr is 40 de luchd-solair foghlaim is ullachaidh air feadh na h-Alba.”

Mar sin dheth, tha a’ chomataidh air moladh a dhèanamh gun sgioblaich agus gun tanaich an Riaghaltas agus na buidhnean eile a tha an sàs solar foghlaim, sgilean is ullachaidh san roinn agus gun cuir e na goireasan ann an rian a tha a rèir iarrtais agus ris am bi an gnìomhachas fhèin a’ cur a thaice.

Mar chuid den sgioblachadh, thathar air gluasad iarraidh gus deannan beag sgoiltean taighean-òsta a stèidheachadh coltach ris an fheadhainn den chiad ìre a thathar a’ cleachdadh anns an Ostair agus anns an Eilbheis.

Furastachd tasgadh fhaighinn

Air furastachd air tasgadh anns an roinn, fhuair an aithisg a-mach gum bi duilgheadasan le dealbhachadh, ceistean mu riaghladh thogalach agus àrainneachd dhoirbh a thaobh tasgaidh air an taobh a-staigh, a’ toirt droch bhuaidh air càileachd, meud agus farsaingeachd airson bathair ùir/sheirbhisean ùra.  Feumaidh seo atharrachadh gus tasgadh dùthchasach agus eadar-nàiseanta a bhrosnachadh.

Thuirt Mgr. Scott:

“Tha e cudromach cudromach gun toir sinn teachdaireachd shoilleir seachad gu bheil Alba ‘fosgailte airson gnìomhachais’ a thaobh leasachaidh air turasachd.

“Tha sinn a’ cur fàilte air ùghdarrasan ionadail leithid Comhairle Baile Ghlaschu a chuir cuideam air tionnsgnaidhean mòra turasachd agus a th’ air an siostam-dealbhachaidh aca a chur ri chèile ga rèir, gu h-àraidh a thaobh nan deasbadan le luchd-leasachaidh is le buidhnean reachdail ro cheadachadh. Tha sinn airson seo fhaicinn air feadh na h-Alba.”

 

  • Soilleireachadh mu ghnìomhan
  • Air an dòmhlachd de bhuidhnean poblach a tha ri turasachd, thuirt a’ chomataidh gun robh iomagain mhòr oirre mun dùblachadh de dh’oidhirpean, na goireasan air an caitheamh agus an dòigh sam bi buidhnean poblach àraidh a’ dol thairis air na bha san amharc bho thùs dhaibh mar a th' ann an-dràsta. 
  • Dh’iarr a’ chomataidh air Riaghaltas na h-Alba cuideachd an fharsaingeachd de thionnsgnaidhean turasachd le maoineachadh poblach a th' ann an-dràsta leithid Pride and Passion, Hospitality Assured, Tourism Intelligence Scotland agus Scot – Land of Food and Drink a “sgioblachadh is a thanachadh”.
  • Mar quid pro quo airson barrachd soilleireachaidh mu ghnìomhan san roinn phoblaich, tha a’ chomataidh air moladh a dhèanamh gun gabh na buidhnean as motha sa ghnìomhachas beachd air aon bhuidheann-malairt aonaichte a chur air bhonn. 

Ceanglaichean dìreach ri Alba

Tha aithisg an rannsachaidh ag iarraidh air an Riaghaltas cuideachd beachd a ghabhail air ‘tionnsgnaidhean margaideachd cheann-uidhe’ a stèidheachadh, a’ gabhail cuimse ri luchd-cleachdaidh mu shlighean-adhair ùra a dh’Alba.  Gus seo a dhèanamh, cha bhiodh feum tabhartas a thoirt do na buidhnean-itealaich fhèin agus bhiodh branndadh, margaideachd agus leasachadh air slighean-adhair follaiseach ann.  Bu chòir tionnsgnaidhean car coltach riutha fheuchainn le luchd nan rathaidean-iarainn.

Tha a’ chomataidh cuideachd air iarraidh gum bi ceangal rèile seasmhach, slàn ag obair eadar Alba is Sasainn fad na tìde.

Teicneolas, margaideachd is conaltradh

A thaobh VisitScotland.com (an làrach-lìn air a maoineachadh gu poblach), tha a’ chomataidh den bheachd gu bheil am modail-gnìomhachais a th’ ann an-dràsta gu follaiseach easbhaidheach agus seann fhasanta.  Mhol i gun gabhar beachd às ùr air seo, a’ cur cuideim air solar fiosrachaidh agus seirbheis liostaichean a tha farsaing agus an-asgaidh agus nach bi a' feuchainn ri àiteachan-fuirich a chur air dòigh no a thoirt do luchd-cleachdaidh ach an cur air adhart gu feadhainn eile.

Mhol a’ chomataidh cuideachd gun dèan an Riaghaltas sgrùdadh an gabh barrachd ghoireasan toirt seachad gus am faigh buidhnean bathar-bog an-asgaidh gus iad fhèin a chur air an lìon.

Tachartasan

Mhol a’ chomataidh gun gabh an Riaghaltas beachd às ùr air na tha san amharc agus gun dèan e rannsachaidh mu na roghainnean uile gus Homecoming 2009, an ath thachartas mòr a bhios ann, a mhaoineachadh. Tha a’ chomataidh air iarraidh cuideachd gum bi maoineachadh slàn is seasmhach ann airson feadhainn de na tachartasan as ainmeile ann an Alba, leithid Fèisean Dhùn Èideann.

‘Cìs-leapa’

 

Cha chuireadh a’ chomataidh a taic ri tionnsgnadh sam bith gus ‘cìs-leapa’ no ‘cìs luchd-siubhail car ùine’ a thoirt a-steach ann an Dùn Èideann no ceàrnaidh sam bith eile de dh’Alba gus tachartasan no tionnsgnaidhean turasachd a mhaoineachadh.

Aithisg shlàn

Tha an aithisg shlàn le Comataidh Eaconamaidh, Lùtha is Turasachd Pàrlamaid na h-Alba air a bheil  “Growing Pains – can we achieve a 50 per cent growth in tourist revenue by 2015?” ri fhaotainn air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba.  

 

Staitistig mu thurasachd o chionn ghoirid

 

Gheibhear staitistig mu thurasachd ann an Alba, a chaidh fhoillseachadh air 4 Iuchar 2008, aig:

http://www.visitscotland.org/news_item.htm?newsID=50528

Is e neach-fiosrachaidh nam meadhanan aig a’ Phàrlamaid:

Eric Macleod: 0131 348 5389

Post-dealain: eric.macleod@scottish.parliament.uk

Gus fiosrachadh sònraichte mun Chomataidh fhaighinn, cuiribh fios gu:

Stephen Imrie, 0131 348 5207; Fònaichean RNID TypeTalk dì-beathte

Post-dealain: eet.committee@scottish.parliament.uk

 

Airson fiosrachaidh don phobaill, cur fios gu:
0131 348 5000; Fòn-teacs: 0131 558 7676, Chuirear fàilte air fiosan RNID Type talk

Post-d: gaidhlig@scottish.parliament.uk
Tadhal air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org