Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Fios Naidheachd

The new Scottish Palriament logo

I Iuchar 2008 

 

Comataidh na h-Eaconamaidh ag iarraidh gun ionnsaichear bhon iarrtais Institiùid Teicneòlas Lùtha leis nach do shoirbhich

 

Ann am breith an rannsachaidh a chaidh fhoillseachadh leis a’ Phàrlamaid an-diugh, thathar air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba ionnsachadh bhon iarrtas leis nach do shoirbhich gus a' phrìomh oifis aig Institiùid Teicneolas Lùtha £1 billean ùr a thoirt gu Alba.

Thàinig an sgrùdadh le Comataidh Eaconamaidh, Lùtha agus Turasachd Pàrlamaid na h-Alba an dèidh a’ cho-dhùnaidh ann an 2007 an institiùid ùr a shuidheachadh ann am Meadhan Shasainn aig Oilthigh Loughborough seach ann an Obar Dheathain, Glaschu no Dùn Èideann fo iarrtas à Alba.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Tàmhais Scott BPA:

“'Chaidh iongnadh mòr a chur air buidhnean ann an Alba nuair a chaidh an institiùid teicneolas lùtha ùr a bhronnadh air Oilthigh Loughborough. Dh’iarr an rannsachadh againn freagairtean mar sin carson nach do shoirbhich leis an iarrtas à Alba.

Mu mhodh-obrachaidh na tairgse agus mun làraich ann an Alba gus a' bhuidheann a chumail, thuirt an neach-gairm:

Nochd an rannsachadh againn fianais eadar-dhealaichte mu bhith a’ cur aon tairgse à Alba ri chèile agus mun mhodh-obrachaidh a' cho-dhùnaidh far an deach Glaschu a chur air adhart mar an làrach a bhathar a' moladh ann an Alba. Mar thoradh air seo, cha robh e comasach na beachdan eadar-dhealaichte seo a rèiteach agus 's e call mòr a th' ann gun deach stad a chur air an obair againn le cion pàipearachais agus droch chlàradh ann an Riaghaltas na h-Alba."

Mun àite aig seirbheisich chatharra is aig Ministearan thuirt e cuideachd:

Fhuair sinn briseadh-dùil nach b’ urrainn do Mhinistear na h-Eaconamachd, Seumas Mather BPA, barrachd fiosrachaidh a thoirt don chomataidh mun obair eadar Ministearan na h-Alba agus seirbheisich chatharra mu mhodh-obrachaidh a’ cho-dhùnaidh air an taobh a-staigh mun làrach a bu chòir a mholadh airson na h-institiùid a thaghadh.

“Mar thoradh, tha a’ chomataidh againn air moladh gun tòisich Rùnaire Buan Riaghaltas na h-Alba ath-bhreithneachadh gus leasanan ionnsachadh, gun toir e aithisg dhuinn mun fhiosrachadh aige an dèidh dha crìochnachadh agus gun cuir e molaidhean sam bith an gnìomh ann an ùine airson barrachd chothroman eile mar sin san ùine air thoiseach.”

Agus e a’ coimhead air adhart, thuirt Mgr. Scott:

“’S e ceum gu math cudromach a th' ann an institiùid a bhith air a stèidheachadh le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte. A dh'aindeoin oidhirp na h-Alba gus an fharpais gus a' phrìomh oifis a chumail a ghleidheadh, cha do shoirbhich leinn. ‘S e call mòr a tha a seo ach tha a’ chomataidh den bheachd gu bheil tìde gluasad air adhart a-nis.

“tha sinn a’ cur taice gu h-iomlan ris an oidhirp aig buidhnean ann an Alba, a bha mòran dhiubh an sàs anns an iarrtas, dol am farpais airson rannsachaidh a dh’iarras an institiùid teicneolas lùtha ùr. Nì sinn nas urrainn dhuinn gus an cuideachadh agus tha sinn an dòchas gun dèan agus Riaghaltas na h-Alba.”

Aithisg shlàn

Tha Aithisg na comataidh mun Institiùid Teicneolas Lùtha ri fhaotainn air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba. Aithisg mun Institiùid Teicneolas Lùtha.

Is e neach-fiosrachaidh nam meadhanan aig a’ Phàrlamaid:
Sally Coyne: 0131 348 6265 Post-dealain: sally.coyne@scottish.parliament.uk

Fiosrachadh gus ceangal a dhèanamh ri Comataidh Eaconamaidh, Lùtha is Turasachd

Airson fiosrachaidh don phobaill, cur fios gu:
0131 348 5000; Fòn-teacs: 0131 558 7676, Chuirear fàilte air fiosan RNID Type talk

Post-d: gaidhlig@scottish.parliament.uk
Tadhal air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org