Fios Naidheachd
22 Cèitean 2008
Comataidh aig Taigh an Ròid air rannsachadh pàrlamaideach mu 'lùth
ann an Alba san àm air thoiseach' a chur air bhog
A bheil Alba ann an da-rìribh comasach air a bhith an ceannas air a' chruinne mu lùth ath-nuadhachaidh? A bheil amasan Riaghaltas na h-Alba gun tèid an dara cuid den dealan a thoirt bho àiteachan ath-nuadhachaidh mu 2020 iomchaidh? Agus ciamar agus cuine bhios Alba deiseil gus na h-amasan mòra seo a thoirt gu buil?
Trì ceistean loma a chuireas Tàmhais Scott, neach-gairm air Comataidh Eaconamaidh, Lùtha agus Turasachd na Pàrlamaid, nas fhaide air adhart an-diugh aig co-labhairt mhòr mu lùth ann an Obar Dheathain.
Agus e ag ainmneachadh cur-air-bhog an rannsachaidh ùir aig a’ chomataidh aige mu Lùth ann an Alba san Àm air Thoiseach, iarraidh Mgr Scott air muinntir a’ ghnìomhachais innse do luchd-poilitigs dè na co-dhùnaidhean a dh’fheumar a ghabhail gus feumalachdan na h-Alba mu lùth san àm air thoiseach a dhaingneachadh.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Tàmhais Scott BPA:
“Thuirt Iain Marchant aig Lùth na h-Alba ‘s a’ Chinn a Deas o chionn ghoirid gu bheil amasan an riaghaltais gun tig an dara cuid den dealan againn bho àiteachan ath-nuadhachaidh mu 2020 ionmholta dha-rìribh ach, stèidhichte air na rinn sinn gu ruige seo, the e a cheart cho coltach gun glèidh St. Johnstone Cuach Curaidhean na h-Eòrpa san dà bhliadhna deug a th’ air thoiseach.
“Chan e cainnt gun bhrìgh a bha aige. ‘S e bh’ ann measadh lom air an dùbhlan romhainn ma thathar ri amas 2020 a thoirt gu buil.
“Tha luchd-stiùiridh gnìomhachais ann an Alba ag ràdh gu bheil feum againn air co-dhùnaidhean nas luaithe agus barrachd seasmhachd le co-dhùnaidhean dealbhachaidh. Tha sinn cuideachd a’ cluinntinn gun fheum misneachd a bhith aig luchd-gnìomhachais nach tèid poileasaidhean riaghaltais a tha an gnìomh an-dràsta a thrèigsinn no a mhùthadh le riaghaltasan san ùine romhainn.
“Sna mìosan a tha romhainn, bidh a’ chomataidh againn ag iarraidh air luchd-gnìomhachais, luchd-riaghaltais agus eòlaichean neo-eisimeileach tighinn còmhla gus am faod sinn feumalachdan na h-Alba mu lùth san ùine romhainn a shocrachadh agus mar a ghabhas a leithid toirt gu buil.”
Thuirt Iain Marchant, Cathraiche air a’ Bhuidhinn-lìbhrigidh Ghnìomhachais mu Atharrachadh na Tìde agus Ceannard air Lùth na h-Alba ‘s a’ Chinn a Deas:
“Tha mi a’ cur fàilte air an rannsachadh agus tha mi toilichte gum bi e a’ gabhail cuimse ris na h-amasan mu lùth a dh’fheumas Alba toirt a-mach mu 2020. Tha mi toilichte cuideachd gu bheil a’ chomataidh ri cuideam a chur air bacaidhean air leasachadh seasmhach san roinn ri lùth.
“Tha uallach mòr oirnn uile gnìomh a dhèanamh gu grad gus aghaidh a chur air mùthadh na tìde agus an solar lùtha a bhios againn san ùine air thoiseach a dhaingneachadh. Tha uallach air luchd-poilitigs bho na pàrtaidhean uile obair gu cruthachail còmhla. Tha luchd-gnìomhachais deiseil a dh'obair leis an rannsachadh agus tha fiughair againn ri cuideachadh a dhèanamh a chuidicheas ri Alba gluasad air adhart le rùn is le astar."
Raon-ùghdarrais an rannsachaidh mu lùth ann an Alba san àm air thoiseach
Seach gu bheil e cho deatamach gun tèid gasaichean bhon taigh-ghlainne agus bho thruailleadh eile a lùghdachadh, ‘s e raon-ùghdarrais an rannsachaidh, san t-suidheachadh thiomnaichte agus an crochadh air comas Pàrlamaid na h-Alba:
- dè an seòrsa lùtha a tha sinn ag iarraidh ann an Alba a thaobh dèanadais, sgaoilidh agus feum nas fheàrr a chur air lùth,
- ciamar agus cuine a ghabhas seo lìbhrigeadh gus amasan Riaghaltas na h-Alba gus gineadh lùtha ath-nuachaidh a mheudachadh agus brùchdadh a lùghdachadh a thoirt a-mach,
- ciamar a ghabhas solar lùtha daingneachadh aig prìs air am faodar ruigsinn agus ciamar a ghabhas na buannachdan eaconamach as fheàrr toirt à gnìomhachasan lùtha
Faighnichidh gairm na comataidh airson fianaise sgrìobhte don rannsachadh:
- Dè na co-dhùnaidhean a dh'fheumar gabhail, cuine agus cò leis airson lìbhrigeadh mu lùth ann an Alba san ùine romhainn?
Tha barrachd fiosrachaidh mu rannsachadh na comataidh agus ciamar a dh’fhaodas sibh dol an sàs ann ri fhaotainn air a duilleag-dachaigh air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba aig:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/eet/index.htm
Tha an Gairm Fianais ri fhaighinn aig:
Gairm Fianais: a ' socrachadh agus a' lìbhrigeadh cumhachd na h-Alba san àm ri teachd
Is e neach-fiosrachaidh nam meadhanan aig a’ Phàrlamaid:
Eric Macleod: 0131 348 5389
Post-dealain: eric.macleod@scottish.parliament.uk
------------------
Gus fiosrachadh sònraichte mun Chomataidh fhaighinn, cuiribh fios gu:
Stephen Imrie: 0131 348 5207 Fònaichean RNID Typetalk dì-beathte
Post-dealain: Stephen.imrie@scottish.parliament.uk
Airson cheistean mu fhiosrachadh poblach, cuiribh fios gu:
0131 348 5000; 0131 348 5395 (Gàidhlig), Fòn Teacs: 0131 558 7676, Fàilte air fiosan Type talk RNID
Post-dealain: sp.info@scottish.parliament.uk
Nach tadhail sibh air an làraich-lìn againn aig: www.scottish.parliament.uk
Tadhlaibh air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org |