Fios Naidheachd
24 Ògmhios 2008
LUCHD-RUGBAIDH NA H-ALBA RI FIANAIS A THOIRT DO CHOMATAIDH SLÀINTE IS SPÒRS THAIGH AN RÒID AIG MURRAYFIELD
Tha daoine ainmeil à saoghal rugbaidh na h-Alba gu bhith a’ toirt fianais do Chomataidh Slàinte is Spòrs Pàrlamaid na h-Alba aig Murrayfield (25 Ògmhios 2008).
Aig coinneamh fhoirmeil a thèid a chumail aig an raon-chluiche nàiseanta, cluinnidh BPA beachdan luchd-rugbaidh mu rannsachadh na comataidh "Slighean a-steach gu Spòrs" - sgrùdadh leis a’ Phàrlamaid air mar a dh’fhaodas Alba a comas a thaobh spòrs a thoirt gu buil aig a h-uile h-ìre sam bi i an sàs, bho ìre cur-seachad gu luchd-dreuchd aig an ìre as àirde.
Aig a’ choinneimh, a tha a’ tòiseachadh aig 10.15m. agus a tha fosgailte don phoball agus do luchd nam meadhanan, cluinnear fianais bhon fheadhainn seo a leanas:
- Seumas Hamaltan, Rugbaidh Dhùn Èideann
- Donna NicUalraig, Neach-ullachaidh, Acadamaidh Aonadh Rugbaidh nam Boireannach ann an Alba
- Pàdraig Wright, Stiùiruiche Rugbaidh, Seabhagan Ghlaschu
- Gòrdan MacAoidh, Ceannard, Rugbaidh na h-Alba
- Coinneamh Moireach, Àrd-oifigeach Leasachaidh Spòrs, Comhairle Ghlaschu
- Cailean MacThòmais, Ceannard Rugbaidh Coimhearsnachd, agus
- Griogair Townsend, Urras Institiùid Spòrs na h-Alba.
Thuirt Neach-gairm Comataidh Slàinte is Spòrs Cairistìona Ghreumach BPA:
“Tha an rannsachadh againn air beachdan a chluinntinn mar-thà bho ghaisgich mhòra na h-Alba, nam measg Ròna Mhàrtainn, Ealasaid NicColgan agus Shirley NicDhonnchaidh.
“Tha sinn gu math riaraichte, ma-thà, nuair a thadhlas sinn air Achadh Mhoireach gun cluinn sinn bho Ghriogair Townsend agus bho Dhonna NicUalraig, dithis de na cluicheadairean as motha urram ann an Alba a rinn leithid a dh’oidhirp airson rugbaidh nam fireanach is nam boireannach ann an Alba."
Thuirt an neach-gairm cuideachd:
“A bharrachd air a bhith a' cluinntinn bho fheadhainn a chluich airson na dùthcha aca aig an ìre as àirde, tòisichidh an rannsachadh againn air fianais a ghabhail bhon fheadhainn a tha ag ullachadh, a’ teagasg is a’ rianachd spòrs anns na raointean aca fhèin.”
Tha rannsachadh Comataidh Slàinte is Spòrs air a chur ri chèile ann an dà ìre.
Ìre a h-Aon – aig a' chiad ìre, cluinnidh a' chomataidh bho chaochladh dhaoine à saoghal spòrs na h-Alba a rinn euchdan anns na raointean aca fhèin.
Ìre a Dhà – a rèir na fianaise a ghabhar aig ìre a h-aon, seallaidh a’ chomataidh nas mionaidiche air: an ìre dham bheil adhartas ga dhèanamh gus slighean spòrs a leasachadh, na bacaidhean as motha air leasachadh ìrean com-pàirteachaidh agus soirbheachaidh ann an spòrs agus eisimpleirean de na cleachdaidhean as fheàrr ann an Alba agus ann an àiteachan eile.
Bheir a' choinneamh aig Murrayfield an cothrom don chomataidh fianais a ghabhail cuideachd a bhuineas don dà ìre, le Gòrdan MacAoidh, Ceannard, Rugbaidh na h-Alba, ri fianais a thoirt cuideachd.
Thuirt Mgr. MacAoidh:
“Tha Rugbaidh na h-Alba gu math riaraichte fàilte a chur air Comataidh Slàinte is Spòrs Pàrlamaid na h-Alba gu Murrayfield. Tha sinn den bheachd gun do shoirbhich le rugbaidh ann an Alba slighean a chruthachadh a-steach do rugbaidh aig a h-uile h-ìre, le cuideam ga chur air a’ gheama aig ìre na h-òige ‘s na coimhearsnachd. Tha fiughair againn ri fiosrachadh a thoirt don chomataidh mun obair a rinn sinn gu ruige seo, air a sealltainn le eisimpleirean bho chluicheadairean an latha an-diugh 's an là an-dè, a bharrachd air na tha sinn an dòchas dèanamh san ùine romhainn agus mar a dh'fhaodas luchd-poilitigs agus an Riaghaltas cuideachadh a thoirt."
Àite
Thèid a’ choinneamh a chumail ann an Seòmar Smith is Wallace (an Seastan an Iar) aig Murrayfield. Tha an rathad a-steach gu goireasan na coinneimh tro Gheata B air Sràid Roseburn (am fear as fhaisge air an drochaid rèile).
Cothrom do luchd nam meadhanan
Faodaidh luchd nam meadhanan – luchd-aithris spòrs nam measg – frithealadh air a' choinneimh phoblaich seo aig a' chomataidh. Thèid suidheachain a ghleidheadh airson luchd nam meadhanan. Thoiribh leibh dearbhadh mheadhanan mar fhianais mas e ur toil e. Tha camarthan telebhisein, craoladairean radio agus dealbhadairean dì-beathte.
Cuiribh fios gu: Eric MacLeod, Oifis nam Meadhanan aig Pàrlamaid na h-Alba (0131 348 4389)
Dealbhan
Thèid ìomhaighean de choinneamh na Comataidh agus de na Buill gan toirt timcheall Achadh Mhoireach a chur a-mach le Oifis nam Meadhanan aig a' Phàrlamaid air an latha fhèin. Cuiribh fios gu Andrew Cowan gus barrachd fiosrachaidh fhaighinn (0131 348 6269)
Cothrom don phoball
Faodaidh daoine suidheachain a chur air dòigh ann an gailearaidh a' phobaill. Tha na suidheachain an-asgaidh agus rim faotainn do na h-uile a rèir mar a nochdas iad. Gus ticeadan a chur air dòigh, cuiribh fios gu Seirbheisean Luchd-tadhail Pàrlamaid na h-Alba Fòn: 0131 348 5200, Post-dealain: sp.bookings@scottish.parliament.uk.
Cùl-fhiosrachadh mun rannsachadh
Am measg nan ceist mòra air an gabh a’ Chomataidh beachd tha:
- Gu dè an ìre dham bheil adhartas ga dhèanamh gus slighean spòrs a leasachadh?
- Dè na bacaidhean as motha air slighean spòrs a thoirt gu buil?
- A bheil cleachdaidhean eile ann a bheireadh feabhas air na slighean?
Gheibhear duilleag-dhachaigh Comataidh Slàinte is Spòrs aig:
http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/hs/index.htm
Is e neach-fiosrachaidh nam meadhanan aig a’ Phàrlamaid:
Eric Macleod: 0131 348 5389
Post-dealain: eric.macleod@scottish.parliament.uk
Gus fiosrachadh sònraichte mun Chomataidh fhaighinn, cuiribh fios gu:
0131 348 5210; Fònaichean RNID TypeTalk dì-beathte
Post-dealain: healthandsportcommittee@scottish.parliament.uk
Airson fiosrachaidh don phobaill, cur fios gu:
0131 348 5000; Fòn-teacs: 0131 558 7676, Chuirear fàilte air fiosan RNID Type talk
Post-d: gaidhlig@scottish.parliament.uk
Tadhal air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org |