Fios Naidheachd
A’ PHÀRLAMAID AIR FÈIS POILITIGS 2008 FHOSGLADH
Tha Fèis Phoilitigs 2008 aig Pàrlamaid na h-Alba a’ fosgladh an-diugh, anns am bi farsaingeachd de thaisbeanaidhean, òraidean agus deasbadan smaoineachail bho dhaoine ainmeil, nam measg luchd-poilitigs, luchd-iomairt sìthe agus luchd-naidheachd.
Agus i air a bhith ann ceithir bliadhna a-nis, tha fèill mhòr air an Fhèis, a mhaireas ceithir là agus a bhios a’ tàladh an ìre mhath 3,000 neach don Phàrlamaid a h-uile bliadhna.
Bidh tòrr nithean a' dol air adhart aig an Fhèis, rud a chuireas ris a' bheachd gum bi poilitigs a' bualadh air a h-uile duine. Tha rudan ann do dh’òg is do dh’aosta, le tachartasan airson nan sgoiltean tron t-seachdain agus airson na h-òigridh Disathairne.
Don chiad uair, tha a’ Phàrlamaid ag obair le Fèis Charnegie agus a’ cumail sheiseanan còmhla, nam measg Fèis Phoilitigs na h-Òigridh aig am bi an cothrom aig daoine òga an cuid bheachdan a chur an cèill air na ceistean as cudromaiche mun chruinne do dh’òigridh na h-Alba.
Tòisichidh an Fhèis an-diugh leis an deasbad “Cò a phàigheas am Pìobaire?” mu mhaoineachadh cultar agus gnìomhachasan cruthachail na h-Alba agus na modhan gus co-dhùnaidhean a dhèanamh na lùib.
Bidh deasbad anns a’ Phàrlamaid mu mhalairt dhaoine cuideachd aig 12.30f ann an Seòmar Comataidh 3. Bheir Stiùiriche Amnesty International na Rìoghachd Aonaichte mìneachadh seachad mu rannsachadh ùr mun ìre de mhalairt dhaoine ann an Alba.
Aig an Fhèis an-diugh bidh deasbadan mun bheachd gu bheil slighean a dh’ionnsaigh na sìthe fhathast rim faotainn anns an t-saoghal sam beò sinn far a bheil strì agus ainneart gu mòr air thoiseach. Bidh Arun Ghandi, a bha Mahatma mar sheanair dha, agus Mairéad Ní Chorragáin–Nig Uidhir a bhuannaich Duais Nobel na Sìthe na latha, an ceann an deasbaid seo agus bheir iad seachad lèirsinn mu iomairtean sìthe air feadh an t-saoghail.
An dèidh sin, thèid deasbad a chumail mun bhuaidh a dh’fhaodadh ceann-suidhe ùr toirt air America agus a’ chuid eile den t-saoghal agus taghadh sna Stàitean air fàire anns an t-Samhain.
A' bruidhinn aig an Fhèis cuideachd bidh an cleasaiche Sìm Mac a' Chalbhaich mu na dh’fhiosraich e mu bheachdan ann am Breatainn don luchd aoibhinn uile. Bidh e a-mach air a chuid obrach leis an eagrachadh a tha an urra ri còraichean nan daoine aoibhinn Stonewall agus mu na tha ri dhèanamh fhathast na bheachd gus Cothrom na Fèinne làn fhaighinn.
Thèid na deasbadan a chumail tron là agus tha cuireadh don phoball agus do luchd nam meadhanan frithealadh anns a’ Phrìomh Sheòmar agus sna Seòmraichean Comataidh. Thèid na deasbadan bhon Phrìomh Sheòmar a chraoladh beò air www.holyrood.tv
Gheibhear clàr slàn aig www.festivalofpolitics.org.uk/programme no bho oifis nam meadhanan aig a’ Phàrlamaid, fiosrachadh gu h-ìseal.
Diardaoin bidh Dennis Healey bruidhinn air an Riaghaltas Làbarach agus am Morair Hurd mu na dleastanasan a bh’ aige aig àm Thatcher-Major.
Clàr is ticeadan:
Tha an clàr agus ticeadan rim faotainn:
Air-loidhne bho: www.festivalofpolitics.org.uk
Air fòn: 0131 473 2000 (RNID Typetalk: 018001 0131 473 2000). Facs: 0131 473 2003.
Tron phost: gu Fèis Phoilitigs, Ticeadan, The Hub, Cnoc a’ Chaisteil, Dùn Èideann, EH1 2NE.
Le bhith nochdadh aig Pàrlamaid na h-Alba no an Hub.
Ged a tha a’ chuid as motha de na nithean an-asgaidh, bidh faradh beag £6 (lasachadh £3.50) airson feadhainn dhubh agus thathar a’ moladh do dhaoine a tha ‘g iarraidh frithealadh orra a chur air dòigh ro làimh.
Tha fiosrachadh slàn mu chlàr na fèise ri fhaotainn bho:www.festivalofpolitics.org.uk
Com-pàirtichean na Fèise
Tha Fèis Phoilitigs na bliadhna ga cur air dòigh ann an com-pàirteachas foirmeil ri:
• Urras Charnegie na Rìoghachd Aonaichte agus Urras Charnegie Dhùn Phàrlain
• Comann Lagha na h-Alba
• An t-Albannach
Is e neach-fiosrachaidh nam meadhanan aig a’ phàrlamaid:
Sally Coyne fòn: 0131 348 6265 Fònaichean RNID Typetalk dì-beathte Post-dealain: sally.coyne@scottish.parliament.uk
Isla Mair fòn: 0131 348 6269 Fònaichean RNID Typetalk dì-beathtePost-dealain: isla.mair@scottish.parliament.uk
Airson cheistean mu fhiosrachadh poblach, cuiribh fios gu 0131 348 5000 no 0845 278 1999 (ìre ionadail)
Fòn-teacsa: 0131 348 3415 Fònaichean RNID Typetalk dì-beathte; post-dealain gàidhlig@scottish.parliament.uk
Nach tadhail sibh air an làrach-lìn againn aig www.parlamaid-alba.org
|