Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Fios Naidheachd

The new Scottish Palriament logo

 

24 Lùnastal 2008

FÈIS PHOILITIGS AIR TIGHINN GU CRÌCH AGUS FÈILL MHÒR DHA-RÌRIBH OIRRE

Thàinig an Fhèis Phoilitigs gu crìch Disathairne, an dèidh ceithir latha de dheasbaireachd agus de bheachdachadh mun bhuaidh a bheir mac an duine air poileasaidh agus ciamar a nì daoine atharrachadh.

Tha fèill mhòr dha-rìribh air an Fhèis Phoilitigs a-nis agus i a’ tàladh an ìre mhath 3,000 neach don Phàrlamaid a h-uile bliadhna. A-mach às na ceithir air fhichead de thachartasan, chaidh aon deug a reic a-mach uile-gu-lèir, an ìre as àirde dhiubh seo bho thòisich an Fhèis ann an 2005.

Anns an t-seisean mu dheireadh den Fhèis am-bliadhna, thuirt am fear-àbhachdais Mark MacThòmais: “Bidh poilitigs agus àbhachdas a’ dol còmhla daonnan. Fhuair mi a-mach mu apartheid bho mhìr-àbhachdais aig Dave Allen! Faodaidh tu rudan atharrachadh daonnan. Gun teagamh, cha dèan aon naidheachd èibhinn an gnothach leatha fhèin ach tha àite gu math cudromach aig cultar san dòigh san toir sinn dùbhlan air an t-saoghal. An atharraich e rudan? Atharraichidh.”

Am measg nan rudan a bu chudromaiche ann, bha: Diciadain, dh’aithris an cleasaiche Simon Callow mu na dh'fhiosraich e mu bheachdan ag atharrachadh ann am Breatainn mu dhaoine LGBT. Thuirt an Calbhach: "Thàinig atharrachadh nach robh a leithid ann roimhe air beachdan daoine. Chunnaic mise atharrachaidhean an dèidh a’ chogaidh agus atharrachaidhean air an lagh a th’ air bhith nan iongnadh buileach. Tha mi làn dòchais gun teirig am fuigheall den chlaon-bhreith air falbh. Mar as motha a chuireas daoine eòlas air daoine gèidh, ‘s ann as lugha den chlaon-bhreith a bhios air fhàgail.”

Diardaoin, bhruidhinn Dennis Healey a bha mar Ionmhasair na Rìoghachd na linn mu na beachdan poilitigeach aige agus mun t-saoghal aige ann am poilitigs le Oifigear-riaghlaidh na Pàrlamaid Ailig MacFhearghais BPA. Agus e a-mach mu na dh’ionnsaich e, thuirt Mgr. Ó hÉalaí: "Nuair a bha mi san arm, dh'ionnsaich mi dà rud chudromach mun t-saoghal. Is e an dàrna rud a bh’ ann gum bi sinn uile an eisimeil air càch-a-chèile. Is e an rud eile gu bheil planadh gu math deatamach. Bha an dà rud seo nam bunait luachmhor dhomh na mo dhreuchd ann am poilitigs.”

Agus e a’ bruidhinn mu bheatha an-dràsta, thuirt Mgr. Ó hÉalaí: “Tha beatha phoilitigeach gu math inntinneach air a bhith agam agus chòrd i rium gu mòr, ach an-dràsta chan eil uimhir a dh’ùidh agam ann an cùisean poilitigeach. Tha ùidh agam fhathast ann an ceistean sònraichte leithid Iraq agus rian an ionmhais ach 's e ealain, bàrdachd, agus ceòl as motha a tha a’ tarraing m’ùidh.”

Diardaoin, chaidh deasbad a chumail mun othail ann an eaconomaidh na cruinne agus an t-uallach a bhios air bancaichean air feadh an t-saoghail. Còmhla ri Deasaiche Gnìomhachais an Albannaich, Peter MacMhathain anns a’ phrìomh sheòmar bha Evan Davies a bha uair na Dheasaiche Eaconamachd aig a’ BhBC, Ceannard TSB LLoyds na h-Alba Susan Rice agus fear-naidheachd eaconamachd Peter Jones agus iad a' deasbad mu ciamar a dh'fhaodas eaconamaidh Bhreatainn tighinn beò às an riasladh phoilitigeach a th’ ann an-dràsta.

Thuirt Evan Davies: “An e seo a’ chiad turas a chiadh na bancaichean thar na còrach? Chan e. An e seo a’ chiad turas a dh'fhàilig air bancaireachd? Chan e. ‘S e a’ cheist a th’ ann carson a tha sinn uile cho tiugh ‘s gu bheil sinn a’ leigeil leis tachairt uair is uair.”

Fhathast ri fhaicinn aig a' Phàrlamaid gu 30 Lùnastal tha Taisbeanadh mòr Dealbhan Luchd-mheadhanan an t-Saoghail a th’ air barrachd is 18,700 de luchd-tadhail a tharraing gu Taigh an Ròid bho dh’fhosgail e don phoball cola-deug air ais. Tha muinntir an àite agus luchd-turais air a bhith a’ gabhail tlachd às na h-ìomhaighean aig feadhainn de luchd nam meadhanan as fheàrr anns an t-saoghal agus nan lùib tha trì innealan Apple iMac a bheir seachad fiosrachadh air na dealbhan, na dealbhadairean agus na britheamhan nuair a phutas tu orra. San taisbeanadh tha 200 ìomhaigh den chiad ìre bho dhealbhadairean ainmeil sna meadhanan, bho bhuidhnean-gnìomha, phàipearan-naidheachd agus irisean air feadh an t-saoghail.

Com-pàirtichean na Fèise

Tha an Fhèis Phoilitigs am-bliadhna air a cur air dòigh ann an com-pàirteachas foirmeil ri:

• Urras Charnegie na Rìoghachd Aonaichte agus Urras Charnegie Dhùn Phàrlain
• Comann Lagha na h-Alba
• An t-Albannach

Is e neach-fiosrachaidh nam meadhanan aig a’ phàrlamaid:

Sally Coyne fòn: 0131 348 6265

Fònaichean RNID Type Talk dì-beathte
Post-dealain: sally.coyne@scottish.parliament.uk

Isla Mair fòn: 0131 348 6269

Fònaichean RNID Type Talk dì-beathte
Post-dealain: isla.mair@scottish.parliament.uk


Airson cheistean mu fhiosrachadh poblach, cuiribh fios gu, contact 0131 348 5000 no 0845 278 1999 (ìre ionadail)
Fòn-teacsa: 0131 348 3415 Fònaichean RNID Typetalk dì-beathte
Post-dealain: gaidhlig@scottish.parliament.uk

Nach tadhail sibh air an làrach-lìn againn aig www.parlamaid-alba.org