Fios Naidheachd
A’ Phàrlamaid Gnìomhach A Thaobh Co-ionnanachd Gnè
26 Gearran 2008
Tha cleachdaidhean a tha taiceil don teaghlach, leithid seòmar nam pàrant agus bhoireannach troma a chaidh uidheamachadh as ùr o chionn ghoirid, a’ nochdadh dealas na Pàrlamaid gus co-ionnanachd gnè a chur an sàs, agus tha iad rim faicinn anns a’ phlana gnìomha aca a chaidh fhoillseachadh air an t-seachdain seo.
Chaidh Sgeama agus plana gnìomha Co-ionnanachd Gnè Pàrlamaid na h-Alba fhoillseachadh às dèidh co-chomhairle le luchd-obrach agus buidhnean co-ionnanachd gnè. Tha leasachadh an sgeama stèidhichte anns an Dleastanas Co-ionnanachd Gnè, a thàinig an èifeachd anns a’ Ghiblean 2007.
Ged a tha an dleastanas a’ toirt air a h-uile ùghdarras poblach, Pàrlamaid na h-Alba nam measg, co-ionnanachd a bhrosnachadh eadar fir is boireannaich agus cur às do lethbhreith a thaobh gnè, chan eil a’ Phàrlamaid am measg nan ùghdarrasan poblach a dh’fheumas sgeama co-ionnanachd gnè fhoillseachadh an-dràsta.
Thuirt Clàrc agus Ceannard Pàrlamaid na h-Alba Pòl Grice:
“Tha Pàrlamaid na h-Alba air ceum misneachail, adhartach a ghabhail le bhith a’ deasachadh sgeama is plana gnìomha airson barrachd co-ionnanachd a bhuannachd do fhir is boireannaich.
“Ged a chaidh deagh adhartas a dhèanamh gu ruige seo, tha an sgeama a’ toirt cothrom dhuinn ar dealas airson co-ionnanachd gnè a neartachadh agus fìor eadar-dhealachadh a thoirt gu buil airson fir is boireannaich.”
Tha plana gnìomha an lùib an Sgeama Co-ionnanachd Gnè a tha a’ comharradh trì roinnean prìomhachais: seirbheisean, fastadh agus cùisean corporra.
Tha gnìomhan san sgeama a’ gabhail a-steach: goireasan do phàrantan a leasachadh, leithid ghoireasan airson biathadh cìche; dearcnachadh air mar a tha fir is boireannaich a’ cleachdadh seirbheisean na Pàrlamaid; dèanamh aithris air cleachdadh sheirbheisean comataidh agus athchuingean poblach agus eadar-obrachadh èifeachdach a dhèanamh le boireannaich dhubha agus boireannaich a bhuineas do na mion-chinnidhean.
Tha gnìomhan a thaobh fastaidh a’ gabhail a-steach dearcnachadh air cleachdadh cothroman obrach sùbailte agus sgeamaichean airson taic a thoirt do luchd-obrach air a bheil dleastanas cùraim; dèanamh cinnteach gu bheil cothroman co-ionnan ann airson àrdachadh dreuchd agus barrachd taic do bhoireannaich air fòrladh màthaireachd.
Am measg iomairtean a bh’ aig a’ Phàrlamaid roimhe airson co-ionnanachd gnè a neartachadh bha:
- A’ chiad sgrùdadh air co-ionnanachd pàighidh a rinn a’ Phàrlamaid ann an 2004, a sheall nach robh ana-cothrom sam bith ann eadar fir is boireannaich. Tha a’ Phàrlamaid a’ sìor chumail faire gus dèanamh cinnteach gum mair an suidheachadh seo mar a tha e.
- Tha mòran den luchd-obrach air gabhail ri poileasaidhean obrach sùbailte na Pàrlamaid le còrr is 70% gan cleachdadh, gu h-àraidh airson an cuideachadh le cùram cloinne agus dleastanasan cùraim.
- Tha a’ Phàrlamaid a’ tabhann dà chùrsa trèanaidh do luchd-obrach – urram san àite-obrach agus trèanadh co-ionnanachd san fharsaingeachd. Tha cha mhòr an luchd-obrach gu lèir air an trèanadh a dhèanamh, agus thèid cùrsaichean ùrachaidh a thabhann am-bliadhna.
- Tha crèche aig a’ Phàrlamaid, a tha fosgailte don phoball agus do dhaoine le cead Pàrlamaideach.
- Tha a’ Phàrlamaid air tachartasan a chur air dòigh airson aire a thogail mu chùisean co-ionnanachd gnè leithid an taisbeanaidh ‘If I can’t vote I don’t count’, a sheall ri strì nam boireannach airson chòirichean bhòtaidh ann an Alba.
- Tha luchd-obrach air trèanadh fhaighinn gus sgrùdadh tèarainteachd a dhèanamh ann an dòigh urramach, mhodhail, gu h-àraidh a thaobh bhuidhnean sònraichte, leithid bhoireannach cràbhach.
Cùl-fhiosrachadh
Thèid an sgeama a chur an lùib nan Sgeamaichean air Co-ionnanachd Cinnidh is Ciorraim airson sgeama co-ionnanachd iomlan a chruthachadh. Ged a bhios gnìomhan sònraichte fhathast gan cur an sàs a thaobh cinneadh, gnè agus ciorram, bheir sgeama aonaichte cothrom don Phàrlamaid tuilleadh oidheirp a dhèanamh a dh’ionnsaigh co-ionnanachd aoise, creideimh agus togradh gnèitheasach.
Gheibhear lethbhreac den Sgeama Co-ionnanachd Gnè air làrach-lìn na Pàrlamaid aig:
http://www.scottish.parliament.uk/corporate/spcb/equality/ges.htm
------------------
Airson tuilleadh fiosrachaidh, is e neach-labhairt meadhanan Pàrlamaid na h-Alba:
Eric MacLeòid: 0131 348 5389
Post-d: eric.macleod@scottish.parliament.uk
RNID Fàilte air Fiosan TypeTalk
Airson iarrtasan fiosrachaidh a’ phobaill , cuiribh fios gu: 0131 348 5000 no 0845 278 1999 (ìrean ionadail)
Fòn teacs: 0131 348 3415 RNID Fàilte air fiosan Typetalk
post-d: sp.info@scottish.parliament.uk
Tadhlaibh air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org
|