Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Fios Naidheachd

The new Scottish Palriament logo

18 Màrt 2008

COMATAIDH ANN AN TAIGH AN RÒID AIR AONTA CHUR RI BILE SLÀINTE A’ PHOBAILL (ALBA)

Tha molaidhean ann am Bile Slàinte a’ Phobaill (Alba) air aonta fhaighinn an-diugh bho Chomataidh Slàinte ‘s Spòrs Pàrlamaid na h-Alba.

Tha buill den chomataidh air moladh a dhèanamh gun cuir a’ Phàrlamaid a h-aonta ri prionnsabalan coitcheann a’ bhile: an lagh mu dhìon slàinte a’ phobaill, tuaireabadh reachdail agus toirt seachad mharbh-lann a dhearbhadh às ùr agus atharrachadh.

Seallaibh air aithisg na comataidh.

Ach tha iad air caochladh mholaidhean a dhèanamh a thaobh ciamar a dh’fhaodte na molaidhean a leasachadh gus a dhèanamh cinnteach gum bi an cothromachadh ceart ann eadar na tàbhachdan mu shlàinte phoblaich agus na còraichean aig daoine fa leth. Nam measg seo, tha a’ chomataidh ag iarraidh gum bi còir air ath-thagradh mu sgrùdadh-leigheis èigneachail sa bhile. Tha am bile a’ moladh an-dràsta gum faodar sgrùdadh a thaobh leigheis a dhèanamh air neach a tha fo amharas a bhith fo ghalar gabhaltach no far a bheil cunnart nach beag do shlàinte phoblaich no a ghleidheadh ann ann taigh-eiridinn.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Cairistìona Ghreumach BPA:

“Tha sinn beò far am bi daoine dèanamh barrachd siubhail – agus gu barrachd àiteachan – na riamh roimhe. An aghaidh sin agus mar thoradh air briseadh a-mach leithid E coli aig an taigh agus SARS air feadh na cruinne, cuiridh am bile seo rian air suidheachadh na h-Alba. Tha a’ chomataidh den bheachd gu bheil na h-ullachaidhean seo riatanach, agus bith-thèarainteachd air feadh na cruinne agus co-obrachadh eadar-nàiseanta mar a tha iad.”

‘S iad seo a leanas na prìomh phuingean san aithisg:

Tha a’ chomataidh:

  • ag iarraidh gun tèid modhan-obrachaidh laghail nas fhasa thoirt a-steach;
  • ag iarraidh gum bi ullachaidhean ann a ni cinnteach gum bi roinneadh-fiosrachaidh iomchaidh eadar buidhnean a tha buntainneach;
  • gus sgrùdadh a dhèanamh air atharrachaidhean a dh’fhaodadh a bhith ann aig ìre 2 a chuireas ri ullachaidhean mu luchd-obrachaidh seòmraichean leapannan-grèine le bhith a’ dèanamh mì-laghail a bhith a’ cleachdadh leapannan-grèine gun treòrachadh agus cleachdadh leapanann-grèine le feadhainn nas òige na 18 bliadhna dh’aois
  • ag iarraidh gum bi gum bi còir air ath-thagradh mu sgrùdadh-leigheis èigneachail sa bhile agus
  • a’ moladh gum bi saoradh bhon fheum ri mìneachadh a thoirt seachad airson sgrùdaidhean-leigheis èigneachail fon rabhadh gun tèid iad seo a thoirt cho luath ‘s a ghabhas dèanamh.

Cùl-fhiosrachadh

 

Thug Riaghaltas na h-Alba Bile Slàinte a’ Phobaill 7c. (Alba) a-steach air 25 Dàmhair 2007. Thug a’ Chomataidh Slàinte ‘s Spòrs gairm fhosgailte seachad airson fianaise ‘s fhuair i còrr is 50 de dh’fhreagairtean. Aig toiseach 2008, ghabh a’ Chomataidh fianais, rud a ghabh a-steach deasbad cruinn le eòlaichean-leigheis agus ri riochdairean bho ùghdarrasan ionadail.

Tha an aithisg shlàn ri fhaotainn air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, is e neach-labhairt meadhanan Pàrlamaid na h-Alba:
Eric MacLeòid: 0131 348 5389
Post-d: eric.macleod@scottish.parliament.uk

RNID Fàilte air Fiosan TypeTalk

Airson iarrtasan fiosrachaidh a’ phobaill , cuiribh fios gu: 0131 348 5000 no 0845 278 1999 (ìrean ionadail)
Fòn teacs: 0131 348 3415 RNID Fàilte air fiosan Typetalk
post-d: sp.info@scottish.parliament.uk

Tadhlaibh air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org