Fios Naidheachd
COMATAIDH AIG TAIGH AN RÒID AIR IARRAIDH GUN TÈID DÀRNACH REACHDAS A SGIOBLACHADH
18 Màrt 2008
Tha Comataidh an Fho-reachdais aig Pàrlamaid na h-Alba air bile iarraidh air Riaghaltas na h-Alba gus an sgrùdadh air dàrnach reachdas a sgioblachadh agus a leasachadh an an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh.
Tha aithisg na comataidh a’ tighinn an dèidh rannsachaidh air an fhrèam-riaghlaidh ann an Alba. Tha i ag iarraidh gun tèid bile leasachadh ann an com-pàirteachas eadar a’ Phàrlamaid agus Riaghaltas na h-Alba. Tha a’ chomataidh air àireamh de mholaidhean mionaideach a dhèanamh a leasaicheas na dòighean-obrach a th’ ann an-dràsta agus a nì nas fhasa modh-obrachaidh a tha toinnte agus tomadach na beachd.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Seumas Stone BPA:
Tha sinn den bheachd gur h-e an sgrùdadh air dàrnach reachdas aon de na gnìomhan as cudromaiche a th’ aig a’ Phàrlamaid. Is e seo, nuair a thig e gu aon ‘s gu dhà, cridhe ‘n reachdais – tha mu 400 de dh’ionnstramaidean reachdail gach bliadhna a dh’fhaodadh bualadh oirnn uile mar shaoranaich. Tha e deatamach mar sin gum bi na h-ìrean de sgrùdadh a chuireas a’ Phàrlamaid an sàs anns na riaghailtean eadar-dhealaichte a chuireas Riaghaltas na h-Alba a-steach iomchaidh agus gum freagair an rian air a’ chuspair aige.
“Mhol a’ chomataidh a bh’ ann romhainn an seisean 2 gun d’rachadh rian ùr buileach a thoirt a-steach gus sgrùdadh a dhèanamh. Sheall sinn air na molaidhean aca gu faiceallach agus thàinig sinn chun a’ cho-dhùnaidh gum faodadh a’ chuid as motha de na bha iad ag iarraidh a thoirt gu buil gu h-èifeachdach le bhith a’ dèanamh leasachaidh air an rian a th’ ann an-dràsta. Tha sinn den bheachd gun toir na molaidhean againn rian nas fhasa ‘s nas fhollaisiche seachad a leasaicheas sgrùdadh.”
Am measg nam molaidhean aig a’ chomataidh tha -
- A’ lùghdachadh ìre nan dòighean-obrach gus nach tèid a chumail ach an fheadhainn as fheumaile.
- Dòighean-obrach ùra thoirt a-steach gus gnothach a ghbhail ri ionnstramaidean èiginn agus ri daingneachaidhean.
- A’ leudadchadh ìre ‘n sgrùdaidh mus fhaod ionnstramaidean tighinn an gnìomh bho 21 gu 28 de laithean.
- A’ leigeil gum faodar beagan atharrachaidhean a dhèanamh air ionnstramaidean gus dreachdadh a leasachadh no mearachdan a cheartachadh gun dàil a chur ann a bhith gan cur an gnìomh.
- Ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba clàr 6 seachdain ro làimh de dh’fho-reachdas reachdas a thoirt don Phàrlamaid a h-uile mìos a leigeas le dealbhachadh air a leasachadh le comataidhean na Pàrlamaid.
Cùl-fhiosrachadh
Tha àite cudromach aig Comataidh an Fho-reachdais ann a bhith a’ dèanamh sgrùdaidh air fo-reachdas agus air cumhachdan air an tiomnadh ann am Bile ann an Alba.
Gus am fiosrachadh mionaideach ann an Achd Pàrlamaid a chur an gnìomh, ‘s tric a bhios cumhachdan reachdail sònraichte air an tiomnadh, do Mhinistearan mar as trice. ‘S e thathar a’ gabhail orra seo cumhachdan comasachaidh agus gu tric bidh fiosrachadh annta mu chur an gnìomh, àm agus ùrachadh ullachaidhean.
Bidh na riaghailtean agus na h-òrduighean air an dèanamh fo chumhachdan comasachaidh a’ nochdadh mar ionnstramaidean reachdail. ‘S e na thathar a’ gabhail air an t-seòrsa seo de lagh reachdail reachdas air a thiomnadh, dàrnach reachdas no fo-reachdas. Mar as bitheanta, ‘s e na thathar a’ gabhail orra ach riaghailtean.
Chaidh Òrdugh Achd na h-Alba 1998 (Ullachaidhean san Eadar-ama) (Ionnstramaidean Reachdail) a dhèanamh ro fhèin-riaghladh le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gus ullachadh a dhèanamh airson dòigh-obrach gus gnothach a ghabhail ri dàrnach reachdas (no fo-reachdas). Cha robh e san amharc ullachadh san eadar-ama dhèanamh ach gus an robh tìde aig a’ Phàrlamaid fhèin beachd a ghabhail agus na dòighean-obrach aice fhèin a chur an altaibh a chèile.
Dh’aontaich Comataidh Fo-reachdais seisean 2 san Fhaoilleach 2004 rannsachadh a ghabhail os làimh a dhèanadh sgrùdadh air an fhrèam-riaghlaidh ann an Alba, cuspairean air an tiomnadh, a bhuineas don Rìoghachd Aonaichte ‘s do dh’Aonadh na h-Eòrpa nam measg. Dh’fheuch Ìre 1 den rannsachadh ri prìomh fheartan an fhrèama obrachadh a-mach, ga chur an coimeas ris a’ chleachdadh as fheàrr a thaobh riaghlaidh ann an àiteachan eile. Chaidh aithisg na comataidh mu ìre 1 fhoillseachadh san Iuchar 2005.
San dara ìre den rannsachadh, chaidh beachd a ghabhail gu mionaideach air an rian a th’ ann an-dràsta gus fo-reachdas a sgrùdadh is a làimhseachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba gus molaidhean a dhèanamh a leasaicheadh no a chuireadh às do dhòighean-obrach a th’ ann an-dràsta.
Thàinig a’ chomataidh ann an seisean 2 chun a’ cho-dhùnaidh seach a bhith feuchainn ris an rian a th’ ann an-dràsta leasachadh, a bha stèidhichte air dòighean-obrach na h-Iar-mhanchainn, gum bu chòir fear ùr a thoirt a-steach an àite ‘n fhir a th’ ann an-dràsta. Dh’fhoillsich a’ chomataidh an aithisg aice sa Ghearran 2007; ach ri linn cho faisg agus a bha Taghaidhean na h-Alba, cha robh tìde aig a’ Phàrlamaid beachd a ghabhail air molaidhean na comataidh. Dh’iarr a’ chomataidh mar sin air an tè a thàinig na dèidh beachd a ghabhail air an aithisg aice ‘s a cuid mholaidhean a dhèanamh don Phàrlamaid ann an seisean 3.
Ghabh a’ chomataidh a th’ ann an-dràsta beachd air aithisg na tè a bh’ ann roimhpe agus ghabh i fianais bho bhuill den chomataidh sin, bho dhaoine eile a thug fianais seachad roimhe agus bho Riaghaltas na h-Alba. Bha a’ chomataidh den bheachd ged a bhiodh caochladh bhuannachdan aig an rian ùr a mhol a’ chomataidh a bh’ ann roimhe, gun robh beagan mhì-bhuannachdan na lùib cuideachd. Thàinig i chun a’ cho-dhùnaidh gum b’ e ‘n toradh a b’ fhasa làimhseachadh don Phàrlamaid agus do Riaghaltas na h-Alba dòighean-obrach a leasachadh taobh a-staigh an fhrèama a th’ ann an-dràsta.
------------------
Airson tuilleadh fiosrachaidh, is e neach-labhairt meadhanan Pàrlamaid na h-Alba:
Eric MacLeòid: 0131 348 5389
Post-d: eric.macleod@scottish.parliament.uk
RNID Fàilte air Fiosan TypeTalk
Airson iarrtasan fiosrachaidh a’ phobaill , cuiribh fios gu: 0131 348 5000 no 0845 278 1999 (ìrean ionadail)
Fòn teacs: 0131 348 3415 RNID Fàilte air fiosan Typetalk
post-d: sp.info@scottish.parliament.uk
Tadhlaibh air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org
|