Fios Naidheachd
Colaiste Àiteachais a’ Buileachadh Urram air an Oifigear-riaghlaidh
7 Iuchar 2008
Tha Oifigear-riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, Ailig MacFhearghais BPA, air urram a chosnadh airson na obrach barraichte a tha e air dèanamh ann an cùisean dùthchail an Alba.
Tha e air urram Neach-dàimh Colaiste Àiteachais na h-Alba a chosnadh mar aithneachadh air a sheirbheisean do dh’àiteachas.
Fhuair Mgr MacFhearghais, a bha na oileanach aig a’ cholaiste, an t-urram aig cuirm dhuaisean ann an Talla Bhòid aig Oilthigh Ghlaschu air Dihaoine 4 Iuchar.
Tha Mgr MacFhearghais air a bhith na thuathanach airson còrr is 30 bliadhna agus anns an àm sin tha grunn dreuchdan aig àrd-inbhe a bhith aige. Tha e na Cheann-suidhe Urramach de Chomann nan Caoraich Cinn-dubh, na Bhall de Cho-bhanntachd Uachdarain na h-Alba agus b’ àbhaist dha a bhith na chomhairliche air stiùireadh tuathanais.
Thuirt Mgr MacFhearghais: “Bha mise nam oileanach sa cholaiste seo agus fhuair mi Dioplòma ann an Àiteachas ann an 1970. Mar sin ’s e urram dha-rìribh a th’ ann gun deach inbhe chliùiteach Neach-dàimh Urramaich a bhuileachadh orm.
“Bha mi riamh ag obair airson leasachadh sgìrean dùthchail na h-Alba, mus deach mi an sàs ann am poilitigs agus bhon àm sin, agus tha mi air leth pròiseil gu bheil Colaiste Àiteachais na h-Alba air aithne a thoirt dhomh anns an dòigh seo.”
Thòisich dreuchd phoilitigeach Mgr MhicFhearghais ann an 1999 nuair a chaidh a thaghadh airson Pàrlamaid na h-Alba air liosta Ceann a-Deas na h-Alba. Chaidh a thaghadh a-rithist mar Bhall Ghall-Ghaidhealaibh agus Bràigh Nid ann an 2003 agus a-rithist ann an 2007.
B’e ùidh airson guth sgìrean dùthchail Ceann a-Deas na h-Alba a thogail ann am Pàrlamaid na h-Alba a bhrosnaich e a dhol an sàs ann am poilitigs.
Bho 2001 gu 2003, bha e na Neach-gairm air Comataidh an Leasachaidh Dhùthchail agus stiùir e obair air a’ Bhile Dìon Mhamailean Fiadhaich (Alba), am Bile Seilbh Fearann Àiteachais (Alba) agus Bile an Fhearainn (Alba). B’ e prìomh neach-aithris a’ Phàrtaidh Thòraidhich air Leasachadh Dùthchail mus deach a thaghadh mar Oifigear-riaghlaidh an-uiridh.
Le bhith a’ toirt an urraim seo don Oifigear-riaghlaidh thuirt an Ollamh Bill McKelvey, Àrd-oifigear agus Ceannard Colaiste Àiteachais na h-Alba: “Tha dòigh onarach, dioplòmasach Ailig MhicFhearghais na sàr eisimpleir air an spiorad a tha aig cridhe na Colaiste againn agus a tha na bhunait do na h-oileanaich.”
Is e neach-fiosrachaidh nam meadhanan aig a’ Phàrlamaid:
Natalie Walker 0131 3486245
Post-d: Natalie.walker@scottish.parliament.uk
Airson cheistean mu fhiosrachadh poblach, cuiribh fios gu:
0131 348 5000; Fòn-teacs: 0131 558 7676, Chuirear fàilte air fiosan RNID Type talk
Post-d: gaidhlig@scottish.parliament.uk
Tadhailibh air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org |