Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

AN T-SEACHDAIN SEO ANN AM PÀRLAMAID NA H-ALBA

Geàrr-chunntas do na meadhanan: seachdain a’ tòiseachadh 1 Dàmhair 2007

Tha am fios naidheachd seachdaineil seo a’ toirt seachad fiosrachaidh do na meadhanan mar “stiùireadh ghrad-amhairc” air na bhios a’ tachairt ann am Pàrlamaid na h-Alba anns an t-seachdain seo a’ tighinn. 

Bheir e a-staigh gach cuid gnothaich anns an t-Seòmar-deasbaid agus Gnothaichean Comataidh, agus thèid e a-mach do na meadhanan gach feasgar Haoine. Ma tha na meadhanan ag iarraidh fiosrachadh tro phost-dealan agus/no ann an cruth WORD, bu chòir dhaibh fios a chur gu Oifis Dhàimhean nam Meadhanan (àireamh gu h-ìseal)

Tha e comasach cùisean iomlan an t-Seòmair-deasbaid, Seòmraichean Comataidh, agus coinneamhan Comataidh taobh a-muigh Dhùn Èideann fhaicinn beò air an eadar-lìn aig www.holyrood.tv

Thoiribh aire do na puingean a leanas

Ath-choinneamhan na  Pàrlamaid

Tha mion-fhiosrachaidh air ath-choinneamhan na Pàrlamaid mar a leanas:

Earrann B – Coinneamhan na Pàrlamaid san àm ri teachd

An clàr-gnothach don tug a’ Pharlamaid a taic air 03 Dàmhair 2007

Diciadain 24 Dàmhair 2007

2.00f                                 Àm-cnuasachaidh – Claire Mhàrtainn, Àrd-sgoil Thaigh an Ròid, Glaschu

Air a leantainn  le       Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

Air a leantainn  le       Aithris Mhinstreil: Turas a’ Phrìomh Mhinisteir gu na Stàitean Aonaichte

Air a leantainn  le       Aithris Mhinistreil: Amannan Feitheamh

Air a leantainn  le       Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Àiteachas

Air a leantainn  le       Gluasad Ghnothaichean

Air a leantainn  le       Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

5.00f                                 Àm Co-dhùnaidh

Air a leantainn  le       Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-80 Cairistiona Ghreumach: Cosgais altraim ro dhaor (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Dimàirt 29 Cèitean 2007)

Diardaoin 25 Dàmhair 2007

9.15m                               Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

Air a leantainn  le       Gnothaichean Pàrtaidh Tòraidheach agus Aonaidh na h-Alba

11.40m                           Àm nan Ceistean Coitcheann (airson ainmean nam buill a chaidh a thaghadh airson Ceistean Coitcheann seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 4 Dàmhair 2007)

12meadhan-là           Àm-Cheistean a' Phrìomh-mhinisteir

2.15f                                 Àm nan Ceistean Cuspaireil —

Gnothaichean Dùthchail agus an Àrainneachd;
Slàinte agus Maitheas (airson ainmean nam buill a chaidh a thaghadh airson Ceistean Cuspaireil seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 4 Dámhair 2007)

2.55f                                 Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Deoch Làidir

Air a leantainn  le       Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

5.00f                                 Àm Co-dhùnaidh

Air a leantainn  le       Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-383 Mìcheal Mac Mhathain: Pìleat Com-pàirteachas Poblach-Shòisealta ann an Siorrachd Lannraig a-Tuath

(airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 27 Lùnastal 2007)

Diciadain 31 Dàmhair 2007

2.30f                                 Àm-cnuasachaidh

Air a leantainn  le       Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

Air a leantainn  le       Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba

Air a leantainn  le       Gluasad Ghnothaichean

Air a leantainn  le       Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

5.00f                                 Àm Co-dhùnaidh

Air a leantainn  le       Gnothaichean nam Ball

Diardaoin 1 Samhain 2007

9.15m                               Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

Air a leantainn  le       Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba

11.40m                           Àm nan Ceistean Coitcheann

12meadhan-là           Àm-Cheistean a' Phrìomh-mhinisteir

2.15f                                 Àm nan Ceistean Cuspaireil—

Ceartas agus na h-Oifigearan Lagha;


Ionmhas agus Fàs Seasmhach

2.55f                                 Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba

Air a leantainn  le       Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

5.00f                                 Àm Co-dhùnaidh

Air a leantainn  le       Gnothaichean nam Ball

Gnothaichean san t-Seòmar-deasbaid

Bidh gnothaichean san t-seòmar-deasbaid ann Diciadain 24 Dàmhair aig 2.30f

Thoiribh aire do na puingean a leanas

Gabhaibh turas farsaing air-loidhne gu Pàrlamaid na h-Alba.

Gheibh sibh sealladh sònraichte air Pàrlamaid na h-Alba leis an turas farsaing air-loidhne againn. Leigidh na h-iomhaighean 360° leibh coimhead timcheall raointean a’ toirt a-steach an seòmar-deasbaid, lobaidh a’ ghàraidh agus seòmraichean comataidh.

Gabhaibh an turas air-loidhne

Pìleat seirbheis teachdaireachd teacs ga chur air bhog

text service logo

Tòisichidh pìleat de sheirbheis teachdaireachd teacs air 8 Dàmhair agus leanaidh e gu 22 Dùbhlachd.  Faodaidh am poball aimnean na BPA aca fhaighinn le bhith a’ cur a-steach an còd-puist aca; faodar fios a chuir gu BPA; ceistean fhaighneachd mun Phàrlamaid (a’ toirt a-steach fiosrachadh mu thurasan); faodar fiosrachadh a chur a-steach mu thachartasan agus thaisbeanaidhean Taigh an Ròid; faodar bileag an asgaidh iarraidh.

Co-labhairt Còmhdhailean Roinneil Reachdail na h-Eòrpa (CALRE)

10m, Diluain 22 Dàmhair

Tha Oifigear-riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba Ailig MacFhearghais BPA a’ bruidhinn ri Cinn-suidhe agus Oifigearan-riaghlaidh pàrlamaidean roinneil agus fo-stàitean aig Co-labhairt Còmhdhailean Roinneil Reachdail na h-Eòrpa (CALRE) ann am Berlin.

Co-labhairt Fòram Àm ri Teachd na h-Alba: A h-uile duine ga dhèanamh?

12.00meadhan-là, Diluain 22 Dàmhair

Bidh Fòram Àm ri Teachd na h-Alba a’ cumail co-labhairt mar phàirt den phròiseact Sealladh Ùr air Deoch Làidir agus Drugaichean.  Ann an co-bhonn ri Comann Sgiobaidhean Deoch Làidir agus Drugaichean na h-Alba, beachdaichidh an tachartas seo air seallaidhean ùra airson casg a chur air ana-cleachdadh stuthan ann an Alba.  Stiùiridh eòlaiche-foghlaim an t-Ollamh Wesley Perkins na beachdachaidhean.

Turas Ceann-suidhe Comhairle Reachdail Bhictòria

Dimàirt 23 Dàmhair

Bidh am Ball Urramach Raibeart Mac a’ Ghobhain, Ceann-suidhe Comhairle Reachdail Bhictòria a’ tadhal air Pàrlamaid na h-Alba gus àrd-shealladh coitcheann fhaighinn air dòighean-obrach Siostam Comataidh Pàrlamaid na h-Alba.

 

Turasan foghlaim an t-seachdain seo:

Dimàirt

Bun-sgoil Muirtown, Inbhirnis

Diciadain

Bun-sgoil Naomh Eòin Bosco, Arascain

Spark of Genius, Pàislig

Diardaoin

Bun-sgoil Knightswood, Glaschu

Àrd-sgoil Craigroyston, Dun Èideann

Àrd-sgoil Greenfaulds, Comar nan Allt

Àrd-sgoil Williamwood, Siorrachd Roinn Friù

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh an seo: Clàr-ama de Thachartasan Pàrlamaideach

 

An t-seachdain seo bidh an sgioba coimhearsnachd a’ tadhal air:

Bidh Sgioba Coimhearsnachd na Pàrlamaid a’ tadhal an t-seachdain seo air:

  • Colaisde Adhamh Mac a’ Ghobhain, Fìobha air Diardaoin 25 Dàmhair
  • Bun-sgoil Dail Rìgh, Siorrachd Air air Dihaoine 26 Dámhair

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh an seo: Seirbheisean Coimhearsnachd

 

Clàran-ama nan Comataidhean

Dimàirt 23 Dàmhair 2007-

Comataidh a' Cheartais

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.30m ann an Seòmar Comataidh 1

Prìomh chuspair: 6

6.     Sgrùdadh mu chleachdadh èifeachdach de ghoireasan poileis:

Pat Shearer, Àrd Chonnstabal, Poileis Dhùn Frìs agus Ghall Ghàidhealaibh agus Leas-cheann Suidhe ACPOS; Alastair Merrill, Leas-stiùiriche, Cumhachdan Poileis, Coileanadh agus Goireasan, Stìobhan Woodhouse, Ceannard Coileanadh Poileis, Èifeachdas agus Maoineachadh, Alastair Crerar, Manaidsear Pròiseact, Coileanadh Poileis, Barry Stalker, Prìomh Oifigear Rannsachaidh, Gnothaichean Cùirte, Sgioba Rannsachaidh Prìosanan agus Eucoirich, Riaghaltas na h-Alba;

Agus an uairsin—

An t-Ollamh Daniel Donnelly, Ionad Sgrùdaidhean Poileis na h-Alba agus an t-Ollamh Coinneach Scott, Ceannard Sgoil Sgrùdaidhean Sòisealta, Oilthigh Phàislig.

Comataidh Co-ionannachd Chothroman

Coinnichidh a' Chomataidh aig 11.00m ann an Seòmar Comataidh 2

Prìomh chuspair: 3

3.     Clàr-gnothach Cridhean agus Inntinnean LGBT: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh obair Buidheann Clàr-gnothach Cridhean agus Inntinnean LGBT bho—

Tim Hopkins, Lìonra Co-ionnanachd;

Fearghas Mac a’ Mhaoilein, Òigridh Alba LGBT;

Hilary Third, Aonad Co-ionannachd, Riaghaltas na h-Alba; agus

Calum Irving, Stonewall na h-Alba.

Comataidh an Ionmhais

Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 2

Prìomh chuspairean: 3 agus 4

3.     Lèirmheas Maoineachaidh No-eisimeileach air Cùram Pearsanta An Asgaidh: Beachdaichidh a' Chomataidh air litrichean a thuaras bhon Bhuidheann Lèirmheas No-eisimeileach.

4.     Bile Cur Às Do Chìsean Drochaid (Alba) (ann an dìomhaireachd): Beachdaichidh a' Chomataidh air dreachd aithisg air Meòmhrachan Ionmhais Bile Cur Às Do Chìsean Drochaid (Alba).

Comataidh nan Athchuingean Poblach

Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 1

Prìomh chuspairean: 1 agus 2

1.     Athchuingean Ùra: Beachdaichidh a' Chomataidh air na h-athchuingean ùra a leanas—

PE1057 Maoineachadh Sgrùdaidh air endometriosis.  Bheir Anndra lson-Page òraid ghoirid seachad don Chomataidh a’ toirt taic don athchuinge aige còmhla ri Jeni NicAoidh.

PE1065 Fòram Stiùirichean Riaghaltais Eòrpach Microsoft agus brosnachadh air teigneòlasan ann a bhith ag àrdachadh ceangal deamocratach.   Bheir Rajiv Joshi òraid ghoirid seachad don Chomataidh a’ toirt taic don athchuinge aige còmhla ri Alison Hardie.

PE1046 Lughdachadh meud chlasaichean ann an sgoiltean poblach

PE1047 Cùrsan dìon àrainneachd oirthir agus mara

PE1048 NPPG19 agus clann ro-sgoile agus clann a’ cluiche

PE1049 Cumail suas àiteachan fosgailte nach deach an gleidheadh

PE1050 Dìon làraichean coitcheann coimhearsnachd

PE1077 Dìon shuidheachaidhean co-cheangailte ri gibhtean fearainn

PE1055 Seilbh air electromagnetic broadcast spectrum agus pacadh spectrum agus cùrsa duais.

PE1064 Cur an àite Drochaid Rathad Fhortha

2.     Athchuingean gnàthaichte: Nì a’ Chomataidh tuilleadh beachdachaidh air na h-athchuingean gnàthaichte a leanas—

PE1005 Gnìomh fèin-bheannachaidh

PE1009 Solarachadh Seirbheis Tagraidh do thagraidhean eile ann an gnothaichean dealbhaidh

PE1010  Siostam cùrsa sgiobalta airson sgìrean casg deoch làidir agus òrdughan sgaoilidh

PE1013 Lèirmheas air rèiteachaidhean airson riaghladh thogalaichean clàraichte agus liostaichte

PE1019 Iomairt brosnachaidh slàinte air deagh chleachdadh antaidhbiotaics

PE1020 Sreath gearradh astar aig crois rathaid Portlethen a-deas Rathad Bruntland bhon A90

PE1021 A’ sgrùdadh chùisean dearmadach no seirbheis nach eil math gu leòr an aghaidh luchd-lagha

PE1026 Craoladh telebhisean BBC de gheamannan ball-coise nàiseanta sgioba na h-Alba

PE1027 Tuilleadh maoineachaidh phoblach airson sheirbheisean busaichean

Comataidh na Còmhdhail, Fo-structar agus Atharrachadh Aimsir

Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 6

Prìomh chuspair: 1

1.     Bile Cur Às Do Chìsean Drochaid (Alba) (ann an dìomhaireachd): Beachdaichidh a' Chomataidh air dreachd de dh’ aithisg Ìre 1 den Bhile.

Comataidh an Fho-reachdais

Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.15f ann an Seòmar Comataidh 5

Diciadain 24 Dàmhair 2007

Comataidh an Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd

Coinnichidh a' Chomataidh aig 9.30m ann an Seòmar Comataidh 1

Gnothaichean ri mholadh airson an àm ri teachd

Aig an ath choinneimh aca air 7 Samhain 2007, tha dùil gum faigh a’ Chomataidh fianais bho Iain Swinney, Rùnaire a' Chaibineit airson Ionmhas agus Fàs Seasmhach air ath-leasachadh an lìonra iomairt, agus Fiona Hyslop, Rùnaire a' Chaibineit airson Foghlam agus Ionnsachadh fad-bheatha, a thaobh ro-innleachd sgilean Riaghaltas na h-Alba. Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu Clàrc na Comataidh, agus gheibhear fiosrachadh mun seo aig deireadh na h-Iris.

Comataidh an Fhoghlaim, an Ionnsachadh Fad-bheatha agus a' Chultar

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 3

Prìomh chuspairean: 3 agus gnothaichean san àm ri teachd

3.     Bile Cur às do chìsean Ceumnaichean (Alba) Beachdaichidh a' Chomataidh air mar a sheallas iad air a’ Bhile aig ìre 1.

Gnothaichean rim moladh airson an àm ri teachd

Aig an ath choinneimh aca air 7 Samhain tha dùil gum faigh a’ Chomataidh fianais a thaobh Bile Cur às do chìsean Ceumnaichean (Alba); gum faigh iad fianais bho Neach-gairm Coimisean Craolaidh na h-Alba, Blàr Jenkins; agus gum beachdaich iad air fo-reachdas. Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu Clàrc na Comataidh, agus gheibhear fiosrachadh mun seo aig deireadh na h-Iris.

Comataidh Riaghaltas Ionadail agus Choimhearsnachdan

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 5

Comataidh an Leasachaidh Dhùthchail is Àrainneachd

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 6

Comataidh Sgrùdaidh

Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.30m ann an Seòmar Comataidh 2

 

Prìomh chuspair: 3

3.     Riaghladh fios poileis: Gheibh a' Chomataidh ullachadh bho Neach-cunntais Coitcheann na h-Alba a thaobh na h-aithisg aige leis an t-ainm “Riaghladh fios poileis, lèirmheas tòiseachaidh”. (AGS/2007/8)

 

Gheibhear pàipearan Comataidh aig:

Sgrùdadh

http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/audit/index.htm

Co-ionannachd Chothroman

http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/equal/index.htm

Eòrpach is Dhàimhean Taobh-a-muigh

http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/europe/index.htm

Ionmhas

http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/finance/index.htm

Dòighean obrach

http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/procedures/index.htm

Athchuingean Poblach

http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/petitions/index.htm

Inbhean is Dreuchdan Poblach

http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/standards/index.htm

Fo-reachdas

http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/subleg/index.htm

Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd:

http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/eet/index.htm

Foghlam, Ionnsachadh Fad-bheatha agus Cultar:

http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/ellc/index.htm

Slàinte is Spòrs

Health and Sport: http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/hs/index.htm

Ceartas:

http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/justice/index.htm

Riaghaltas Ionadail is Coimhearsnachdan:

http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/lgc/index.htm

Gnothaichean Dùthchail agus na h- Àrainneachd:

http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/rae/index.htm

Sgeama Peinnsean Pàrlamaid na h-Alba:

http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/spps/index.htm

Còmhdhail, Fo-structar agus Atharrachadh Aimsir:

http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/ticc/index.htm

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh an seo: Clàr-ama de Thachartasan Pàrlamaideach

Ceanglaichean feumail ris an làraich-lìn

Tha clàr-innse naidheachdan sònraichte air a stèidheachadh airson naidheachdan Fòram Alba air Thoiseach:

http://www.scottish.parliament.uk/nmCentre/news/futuresforum_news.htm


Anns an earrainn Tadhail, Ionnsaich & Eadar-obraich den làrach-lìn againn gheibhear earrann ùraichte de dh’Eachdraidh na Pàrlamaid:
http://www.scottish.parliament.uk/vli/history/index.htm

Airson barrachd fiosrachaidh, is iad seo luchd-fiosrachaidh nam meadhanan:

Eric MacLeod: 0131 348 5389

Post-d: eric.macleod@scottish.parliament.uk

Sally Coyne: 0131 348 6265

Post-d:sally.coyne@scottish.parliament.uk

Kathy Pringle: 0131 348 6852
Post-d:kathleen.pringle@scottish.parliament.uk

Tha pasan làitheil nam meadhanan rim faighinn bho Oifis Dhàimhean nam Meadhanan: http://www.scottish.parliament.uk/nmCentre/accreditation/index.htm

Airson cheistean air fiosrachadh poblach/cheistean anns an fharsaingeachd, cuiribh fios gu:

0131 348 5395 (Gàidhlig)

Post-d:gaidhlig@scottish.parliament.uk

0131 348 5000 (Beurla)

Post-d:sp.info@scottish.parliament.uk


Tha am fios naidheachd seo ri fhaighinn anns a' Ghàidhlig gach seachdain. Bu chòir do dhuine sam bith a tha airson a bhith air an liosta-sgaoilidh fios a chur gu Seirbheis Ghàidhlig na Pàrlamaid air 0131 348 5395, gaidhlig@scottish.parliament.uk

Nach tadhail sibh air an làrach-lìn againn aig: www.scottish.parliament.uk/gaidhlig