Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Fios Naidheachd

Comataidh a’ Cheartais ag iarraidh fianais mu chleachdadh èifeachdach goireasan poileis

CJ001/2007g | 17 Sultain 2007

Buill Comataidh a’ Cheartais: Sa chùl: Pòl Màrtainn BPA, Uilleam Butler BPA, Uilleam Aitken BPA Neach-gairm, Cathy Craigie BPA. San toiseach: Iain MacUilleim BPA, Stiùbhart Mac a’ Mhaoilein BPA, Nigel Don BPA agus Mairead Nic a’ Ghobhainn BPA. Thathar air rannsachadh a bheir sùil air mar a bhios oifigearan a’ phoileis gan rianachd agus gan cur an sàs a chur air bhog an-diugh le Comataidh a’ Cheartais aig Pàrlamaid na h-Alba.

Nì buill na Comataidh sgrùdadh air farsaingeachd cheistean mu chleachdadh èifeachdach goireasan a’ phoileis, nam measg an leudachadh de 1,000 oifigear a tha Riaghaltas na h-Alba a’ moladh.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Uilleam Aitken BPA:

"Mar leudachadh air an rùn aig Riaghaltas na h-Alba barrachd ghoireasan a thoirt seachad ach am faodar 1,000 neach-poileis a bharrachd fhastadh, bha a’ chomataidh againn den bheachd gun robh an t-àm ann sùil mhionaideach a thoirt air cho èifeachdach agus a tha goireasan a' phoileis gan cleachdadh an-dràsta.

"Bidh sinn a’ beachdachadh an gabh goireasan a’ phoileis dol an sàs gu h-èifeachdach anns gach pàirt den obair aca gu h-èifeachdach, mar a bhios prìomhachasan ionadail gan nochdadh ann am planaichean a’ phoileis agus am faodadh obair a tha ceangailte ris a' phoileas o chionn fhada a bhith ga tarraing a-mach le daoine eile mar mhaoir choimhearsnachdan.

"Ann a bhith a’ gabhail ri raon-ùghdarrais mionaideach an-dràsta, a leigeas linn aithisg fhoillseachadh aig toiseach 2008, tha e san amharc aig a’ Chomataidh againn buaidh a thoirt air prìomhachasachadh (prioritisation) ghoireasan ùra air an toirt seachad don phoileas ann an socrachadh Buidseat 2008 – 09.”

Am measg nan ceistean mòra air an gabh a’ chomataidh beachd tha:

  • Cò meud oifigear a tha dhìth air a’ phoileas gus aghaidh a chur gu h-èifeachdach gach mìr den obair aca agus a bheil na goireasan a tha rim faotainn gu leòr gus seo a thoirt gu buil?
  • Dè an t-àite agus an raon-ùghdarrais a tha aig na h-Àrd-Chonstabail gus prìomhachas a chur air goireasan ceangailte ri obair a’ phoileis?
  • Dè na h-obraichean a tha air a bhith aig a’ phoileas bho shean a bu chòir a bhith air an tarraing a-mach le oifigearan a’ phoileis agus dè an fheadhainn a bu chòir a bhith air an tarraing a-mach le daoine eile?
  • Ma chuireas Àrd-Chonstabail romhpa barrachd oifigearan fhastadh, ciamar a bhios iad gan cur gu feum?
  • Dè cho luath ‘s a ghabhas barrachd oifigearan fhastadh agus ullachadh?
  • Dè an t-àite a tha aig ùghdarrasan a’ phoileis no aig co-bhùird a’ phoileis (Comhairlichean air an taghadh nam measg) agus prìomhachasan ionadail mu obair a’ phoileis gan socrachadh?
  • Ciamar a bhios prìomhachasan mu obair a’ phoileis ag atharrachadh eadar sgìrean sna bailtean mòra agus sgìrean air an tuath?
  • Ciamar a b’ fheàrr le bùird a’ phoileis barrachd ghoireasan a bhith gan cleachdadh?
  • Dè an sealladh a tha aig a’ phoball choitcheann mu na prìomhachasan mu bharrachd ghoireasan airson a’ phoileis – barrachd oifigearan sna coimhearsnachdan, a’ dol ann sàs ann an eucoir mhòr no, ‘s dòcha, eucoir mu thrafaig air na rathaidean?

Gus fiosrachadh fhaighinn mun dòigh anns an cuir sibh fianais a-steach, rachaibh gu làrach-lìn na Comataidh aig:

http://www.scottish.parliament.uk/s3/committees/justice/inquiries/policeResourcesCall.htm

Airson barrachd fiosrachaidh, is e neach-fiosrachaidh nam meadhanan:

Richard Holligan: 0131 348 5605
Post-d: richard.holligan@scottish.parliament.uk

 

Cuiribh fios gu Comataidh a' Cheartais

 

Airson cheistean air fiosrachadh poblach/cheistean anns an fharsaingeachd, cuiribh fios gu:

0131 348 5395 (Gàidhlig)

0131 348 5000 (Beurla)

Post-d: gaidhlig@scottish.parliament.uk

Nach tadhail sibh air an làrach-lìn againn aig: www.scottish.parliament.uk/gaidhlig