Fios Naidheachd
Aithisg Bhliadhnail aig Pàrlamaid na h-Alba air a foillseachadh
056/2007g | 19 Ògmhios 2007
Tha Pàrlamaid na h-Alba air an Aithisg Bhliadhnail aice fhoillseachadh an-diugh, anns a bheil fiosrachadh mun obair ann an Taigh an Ròid bho 1 Iuchar 2006 gu 2 Giblean 2007. Ann am bliadhna anns an do thadhail an 1,000,000mh neach air a’ Phàrlamaid agus anns an d’fhuaras an 1000mh athchuinge, chùm a’ Phàrlamaid oirre a’ dèanamh cheanglaichean ri daoine air feadh na h-Alba agus thall thairis.
Am measg nan euchdan eile bhon ùine air a bheil iomradh anns an aithisg tha an clàr air a leudachadh a bhuineas do dh’Fhèis Poileataigs, a tha air duaisean a thoirt a-mach, agus mu 120 de riochdairean air feadh na cruinne a bhith a’ tadhal oirnn.
Tha iomradh anns an aithisg suas gu àm an taghaidh ann an Alba a’ toirt seachad fiosrachaidh bhon obair aig Taigh an Ròid bho latha gu latha, na lùib sin fios mionaideach mun obair aig a h-uile comataidh aig a’ Phàrlamaid, agus sùil air deasbadan san t-Seòmar agus reachdas.
San ùine air a bheil iomradh, fhuair 27 de bhilean aonta rìoghail agus chaidh iad nan Achdan de Phàrlamaid na h-Alba. A-mach às an fheadhainn seo, bha ceithir nam bilean prìobhaideach, a dhà nam bilean Bhall agus bha aonan na bhile comataidh.
Am measg nan Achdan ùra bha:
- Achd Dealbhaidh 7c (Alba) 2006
- Achd Uchd-mhacachd agus Cloinne (Alba) 2007
- Achd Ath-leasachadh na Croitearachd 7rl 2007
- Achd Chùisean-lagha Eucoireach (Ath-leasachadh) (Alba) 2007
- Achd Coimiseanair na h-Alba airson Chòraichean Daonna 2006
- Achd Rèile Waverley (Alba) 2007
Agus e a’ gabhail beachd air an Aithisg Bhliadhnail, thuirt an t-Oifigear-riaghlaidh ùr aig Pàrlamaid na h-Alba, Ailig MacFhearghais:
“Tha an aithisg mar fhianais mu Phàrlamaid a bhios a’ dèanamh cheanglaichean ri daoine aig baile agus thall thairis. Tha 27 de bhilean air aonta rìoghail fhaighinn agus chaidh iad nan Achdan, thadhail an 1,000,000 neach air Taigh an Ròid agus choinnich 120 de bhuidhnean-riochdachaidh à dùthchannan thall ris na Buill air an taghadh againn.
”Am measg nan euchdan eile a chunnacas am-bliadhna tha a’ Phàrlamaid air a bhith am fianais an t-saoghail nuair a labhair Bill Gates agus Gordon Brown aig Fòram Luchd-stiùiridh na h-Eòrpa aig Microsoft, an duais a thug Fèis Poileataigs a-mach bho Channel 4 agus 30,000 neach a’ tighinn a shealltainn air an taisbeanadh de Dhealbhan Luchd-mheadhanan an t-Saoghail.”
Am measg nam mìrean agus nan àireamhan eile san aithisg seo sa bheil 48 duilleagan, tha:
- Chaidh 324 de choinneamhan chomataidhean a chumail, a mhair 628 uairean a thìde uile gu lèir agus chaidh èisteachd a thoirt do 1,460 de luchd-fianaise. Chaidh feum a chur air goireasan bhideo gus èisteachd ri fianais bho àiteachan cho fada bho chèile ri Addis Ababa agus a’ Bhruiseal.
- Tharraing Fèis Poileataigs 2006 còrr is 3,000 neach gu 45 tachartasan thairis air ceithir là.
- An dèidh dha fosgladh ann an Lùnastal 2004, thadhail an 1,000,000 neach air Taigh an Ròid air 15 Màrt 2007.
- Fhuair a’ Phàrlamaid còrr is 60,000 de cheistean air fòn agus chaidh gnothach a ghabhail ri còrr is 8,500 ceist air post-dealain, fòn agus litrichean.
- Ghabh còrr is 4,500 de chlann-sgoile pàirt anns a’ phrògram fhoghlaim aig Taigh an Ròid. Thadhail an t-seirbheis-fhoghlaim air 269 clasaichean, nam measg àireamh de cholaistean foghlaim àrd-ìre, le còrr is 6,500 de dh’oileanaich air feadh Alba.
- Rinn 18,000 de riochdairean frithealadh air cuirmean, brathan-ullachaidh agus tachartasan com-pàirteachais.
Bithear a’ cur Lethbhreac den Aithisg Bhliadhnail gu caochladh bhuidhnean, a h-uile h-àrd-sgoil ann an Alba agus a h-uile leabharlann com-pàirteachais anns gach roinn-phàrlamaid. Tha an aithisg sa Bheurla cuideachd.
Gheibhear lethbhreac cuideachd bho làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba aig www.scottish.parliament.uk no air 0131 348 5000.
Airson barrachd fiosrachaidh, is e neach-fiosrachaidh nam meadhanan:
Susan Gray: 0131 348 6245
Post-d: susan.gray@scottish.parliament.uk
Airson cheistean air fiosrachadh poblach/cheistean anns an fharsaingeachd, cuiribh fios gu:
0131 348 5395 (Gàidhlig)
0131 348 5000 (Beurla)
Post-d: gaidhlig@scottish.parliament.uk
Nach tadhail sibh air an làrach-lìn againn aig: www.scottish.parliament.uk/gaidhlig
|