Fios Naidheachd
Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba ùr air a taghadh
051/2007g | 24 Cèitean 2007
An-diugh (Diardaoin) thagh Pàrlamaid na h-Alba ceathrar Bhall airson Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba (BCPA).
Bidh a’ Bhuidheann Chorporra a’ beachdachadh agus a’ co-dhùnadh air raon farsaing de chùisean a’ buntainn ri ruith na Pàrlamaid, a’ gabhail a-steach maoineachadh na Pàrlamaid agus riarachadh a’ bhuidseit aice, solarachadh luchd-obrach na Pàrlamaid, togalaichean, agus cleachdadh is tèarainteachd goireasan na Pàrlamaid aig Taigh an Ròid.
Thachair na taghaidhean airson ballrachd BCPA ann an Seòmar-deasbaid Taigh an Ròid aig 9.15 sa mhadainn an-diugh agus thagh BPA na tagraichean a leanas: Ailig MacIain BPA, Tom Mac an Aba BPA, Tricia Marwick BPA agus Mike Pringle BPA.
Thuirt an t-Oifigear-riaghlaidh Ailig MacFhearghais BPA, a bhios anns a’ chathair aig BCPA:
"Tha an seisean ùr seo a’ nochdadh dhùbhlain ùra – agus Buidheann Chorporra ùr gus dèiligeadh riutha. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri aghaidh a chur ris a’ ghnothach còmhla ri mo cho-obraichean airson àrd phrìomhachas na Buidhne Corporra agus a sgioba a choileanadh - dèanamh cinnteach gu bheil Pàrlamaid na h-Alba a’ ruith gu h-èifeachdach agus gur urrainn do na BPA na dleastanasan aca a thoirt a-mach."
Thuirt Ailig MacIain, BPA airson Ear-thuath na h-Alba:
"Is e dùbhlan a bhios ann a bhith dèanamh cinnteach gu bheil na goireasan agus modhan-obrach aig a’ Phàrlamaid a dh’fheumas i airson obair gu h-èifeachdach as leth sluagh na h-Alba, ach tha mi a’ coimhead air adhart ris agus dealas orm a dhol an-sàs sa chùis còmhla ri mo cho-obraichean.”
Nuair a chaidh a thaghadh thuirt Tom Mac an Aba, BPA airson Hamaltain a-Deas:
"Tha obair chudromach aig a’ Bhuidhinn Chorporra a thaobh seirbheisean a tha a’ tabhann luach an airgid a sholarachadh don Phàrlamaid gu lèir. Tha mi air leth toilichte gu bheil mo cho-obraichean air mo thaghadh airson àite a ghabhail innte.”
Agus thuirt Tricia Marwick, BPA airson Meadhan Fìobha:
"Is e dreuchd chudromach, uallach a tha seo agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith dèanamh cinnteach gum bi fìor dheagh sheirbheisean gan lìbhrigeadh do na Buill agus sluagh na h-Alba.”
Thuirt Mìcheal Pringle, BPA airson Dùn Èideann a-Deas:
"Is e onair dha rìreabh a th’ anns an dreuchd seo dhomhsa. Nì mise mo dhìcheall gus dèanamh cinnteach gu bheil a’ Phàrlamaid a’ coinneachadh feumalachdan a Buill agus a luchd-obrach.”
Cùl-fhiosrachadh
Is i Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba (BCPA) a’ bhuidheann reachdail (is e ‘corporrachd na Pàrlamaid’ ainm eile dhi) a bhios a’ coileanadh grunn ghnìomhan, mar a stèidhicheadh ann an Achd na h-Alba 1998, a’ gabhail a-steach solarachadh luchd-obrach, togalaichean agus seirbheisean na Pàrlamaid.
Is iad na buill, an t-Oifigear-riaghlaidh agus ceithir BPA a thèid ainmeachadh a rèir nan Gnàth-riaghailtean.
Airson barrachd fiosrachaidh, is e neach-fiosrachaidh nam meadhanan:
Susan Gray: 0131 348 6245
Post-d: susan.gray@scottish.parliament.uk
Ma tha ceist sam bith agaibh a thaobh Seirbheis Seisean a Trì
nach cuir sibh fios gu Sgioba Seisean a Trì air 0131 348 6500
Post-d: session3@scottish.parliament.uk
Airson cheistean air fiosrachadh poblach/cheistean anns an fharsaingeachd, cuiribh fios gu:
0131 348 5395 (Gàidhlig)
0131 348 5000 (Beurla)
Post-d: gaidhlig@scottish.parliament.uk
Nach tadhail sibh air an làrach-lìn againn aig: www.scottish.parliament.uk/gaidhlig
|