Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

AN T-SEACHDAIN SEO ANN AM PÀRLAMAID NA H-ALBA

Geàrr-chunntas do na meadhanan: seachdain a’ tòiseachadh 31 Màrt 2008.

Tha am fios naidheachd seachdaineil seo a’ toirt seachad fiosrachaidh do na meadhanan mar “stiùireadh ghrad-amhairc” air na bhios a’ tachairt ann am Pàrlamaid na h-Alba anns an t-seachdain seo a’ tighinn. 

Bheir e a-staigh gach cuid gnothaich anns an t-Seòmar-deasbaid agus Gnothaichean Comataidh, agus thèid e a-mach do na meadhanan gach feasgar Haoine. Ma tha na meadhanan ag iarraidh fiosrachadh tro phost-dealan agus/no ann an cruth WORD, bu chòir dhaibh fios a chur gu Oifis Dhàimhean nam Meadhanan (àireamh gu h-ìseal)

Tha e comasach cùisean iomlan an t-Seòmair-deasbaid, Seòmraichean Comataidh, agus coinneamhan Comataidh taobh a-muigh Dhùn Èideann fhaicinn beò air an eadar-lìn aig www.holyrood.tv

Bidh Pàrlamaid na h-Alba na fosadh eadar 29 Màrt 2008 gu 13 Giblean 2008. Rè an ama seo, cha bhi a’ Phàrlamaid na suidhe agus cha bhi gnothaichean pàrlamaideach sam bith a' gabhail àite. Bidh an togalach fosgailte fhathast don phoball agus airson tursan, ge-tà. Faic Fiosrachadh do luchd-tadhail air an làraich-lìn againn airson barrachd fiosrachaidh mu uairean fosglaidh agus mu bhith a’ cur thursan air dòigh.

Ath-choinneamhan na  Pàrlamaid

Tha mion-fhiosrachaidh air ath-choinneamhan na Pàrlamaid mar a leanas:

Earrann B – Coinneamhan na Pàrlamaid san àm ri teachd

An clàr-gnothach don tug a’ Pharlamaid a taic air 26 Màrt 2008

Diciadain 16 Giblean 2008

2.00f                          Àm Cnuasachaidh – An Urramach Muriel Pearson, Eaglais Paraiste Cranhill, Glaschu

Air a leantainn le        Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

Air a leantainn le        Aithris mhinistreil: Seachdain na h-Alba

Air a leantainn le        Deasbad Comataidh a' Cheartais: 4mh Aithisg 2008 – Aithisg mu Sgrùdadh Cleachdadh

Èifeachdach Goireasan Poileis (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri S3M-1629 ann an Earrann F den Iris Ghnothaichean

airson Diciadain 26 Màrt 2008)

Air a leantainn le        Gluasad Ghnothaichean

Air a leantainn le        Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

5.00f                         Àm Co-dhùnaidh

Air a leantainn le        Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-1567 Ùisdean O’Donnell: Gairm airson Cùram nas fheàrr airson an tinneas tuiteamach (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson

Diluain 17 Màrt 2008)

Diardaoin 17 Giblean 2008

9.15m                       Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

Air a leantainn le        Gnothaichean Pàrtaidh Làbaraich na h-Alba

11.40m                     Àm nan Ceistean Coitcheann (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Coitcheann seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 27 Màrt 2008)

12meadhan-latha     Àm-cheistean a' Phrìomh-mhinisteir

2.15f                         Àm nan Ceistean Cuspaireil

Ionmhas agus Fàs seasmhach (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Cuspaireil seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 27 Màrt 2008)

2.55f                         Deasbad Ìre 1: Bile Slàinte a’ Phobaill 7c. (Alba) (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri S3M-

1560 ann an Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 17 Màrt 2008)

Air a leantainn le        Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

5.00f                          Àm Co-dhùnaidh

Air a leantainn le        Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-1251 Uilleam Butler: Aithisg Com-pàirteachas Shrath Chluaidh airson Còmhdhail a thaobh Croisrèidhle Ghlaschu (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 4 Gearran 2008)

 

Diciadain 23 Giblean 2008

 

2.30f                        Àm Cnuasachaidh

Air a leantainn le       Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

Air a leantainn le        Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba

Air a leantainn le        Gluasad Ghnothaichean

Air a leantainn le        Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

5.00f                         Àm Co-dhùnaidh

Air a leantainn le        Gnothaichean nam Ball

Diardaoin 24 Giblean 2008

9.15m                       Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

Air a leantainn le        Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba

11.40m                      Àm nan Ceistean Coitcheann

12meadhan-latha     Àm-cheistean a' Phrìomh-mhinisteir

2.15f                          Àm nan Ceistean Cuspaireil

Eòrpa, Gnothaichean Taobh a-muigh agus Cultar;
Foghlam agus Ionnsachadh Fad-bheatha

2.55f                         Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba

Air a leantainn le        Gluasadan Biùro na Pàrlamaid

5.00f                          Àm Co-dhùnaidh

Air a leantainn le        Gnothaichean nam Ball

 
 

Ceanglaichean ri pàipearan Comataidh:

  • Sgrùdadh  - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/audit/index.htm
  • Coimhearsnachdan - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/communities/index.htm
  • Foghlam - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/education/index.htm
  • Iomairt agus Cultar - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/enterprise/index.htm
  • An Àrainneachd agus an Leasachadh Dùthchail - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/environment/index.htm
  • Co-ionannachd Chothroman - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/equal/index.htm
  • Eòrpach agus Dàimhean Taobh A-muigh - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/europe/index.htm
  • Ionmhas - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/finance/index.htm
  • Slàinte - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/health/index.htm
  • Ceartas 1 - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/justice1/index.htm
  • Ceartas 2 - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/justice2/index.htm
  • Riaghaltas Ionadail agus Còmhdhail - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/lg/index.htm
  • Dòighean-obrach - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/procedures/index.htm
  • Athchuingean Poblach - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/petitions/index.htm
  • Inbhean - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/standards/index.htm
  • Fo-reachdas - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/subleg/index.htm

Comataidhean airson Bilean Prìobhaideach