Ath-choinneamhan na Pàrlamaid
Tha mion-fhiosrachaidh air ath-choinneamhan na Pàrlamaid mar a leanas:
Bidh gnothaichean san t-Seòmar-deasbaid a’ tòiseachadh aig 2.30f air Diciadain 30 Giblean.
Earrann B – Coinneamhan na Pàrlamaid san àm ri teachd
An clàr-gnothach don tug a’ Pharlamaid a taic air 23 Giblean 2008
Diciadain 30 Giblean 2008
2.30f Àm Cnuasachaidh – An t-Urr. Marc MhicCaluim, Ministear Pharaistean Ormiston agus Pencaitland
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Aithris Mhinistreil: A’ cur Achd Luchd-fianais So-leònte (Alba) an gnìomh
Air a leantainn le Ceumannan Ìre 3: Bile Geamachan Co-fhlaitheis Ghlaschu (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri S3M-1716 ann an Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 21 Giblean 2008)
Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-1580 Uilleam Coffey: Comunn Bhreabadairean Fenwick agus am Modail Co-obrachaidh (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 17 Màrt 2008)
Diardaoin 1 Cèitean 2008
9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Tha fiosrachadh aig a’ Chlàrc mu na cuspairean a leanas de Ghnothaichean Pàrtaidh Tòraidheach agus Aonaidh na h-Alba
Air a leantainn le Deasbad Pàrtaidh Tòraidheach agus an Aonaidh na h-Alba: Taigheadas
Air a leantainn le Deasbad Pàrtaidh Tòraidheach agus Aonaidh na h-Alba: Teàrainteachd a’ Bhidhe
11.40m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson teacs nan ceistean seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 24 Giblean 2008)
12meadhan-latha Àm-cheistean a' Phrìomh-mhinisteir
2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil
Slàinte agus Maitheas (airson teacs nan ceistean seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 24 Giblean 2008)
2.55f Deasbad Riaghaltas na h-Alba: A’ bhuaidh a tha aig Buidseit na RA air Alba
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-1710 Elaine Nic a’ Ghobhain: Cuimhnich nam Marbh, Dèan strì airson na tha Beò (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 21 Giblean 2008)
Diciadain 7 Cèitean 2008
2.30f Àm Cnuasachaidh
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba
Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball
Diardaoin 8 Cèitean 2008
9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Gnothaichean Pàrtaidh Làbarach na h-Alba
11.40m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Coitcheann seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 24 Giblean 2008)
12meadhan-latha Àm-cheistean a' Phrìomh-mhinisteir
2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil
Gnothaichean Dùthchail is an Àrainneachd
Ceartas is na h-Oifigearan Lagha (airson ainmean nam ball a chaidh a thaghadh airson Ceistean Cuspaireil seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 24 Giblean 2008)
2.55f Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Gluasad Ghnothaichean
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball
Tursan foghlaim taobh a-staigh san t-seachdain a’ tòiseachadh air 28 Giblean:
Diciadain
Bun-sgoil Naomh Pòl, Caladar an Ear
Bun-sgoil Naomh Francis, An Eaglais Bhreac
Diardaoin
Bun-sgoil Tynewater, Pathhead
Bun-sgoil Whitecrook, Bruach Chluaidh
Àrd-sgoil Taigh an Ròid, Glaschu
Tursan Seirbheisean Coimhearsnachd
An t-seachdain seo, bidh tachartasan BPAn sna Sgoiltean aig:
Diluain
Bun-sgoil Acadamaidh Wishaw, Wishaw
Bun-sgoil an Inbhir, Baile Dhubhthaich
Coinneamhan nan Comataidhean
Comataidh na Còmhdhail, Fo-structar agus Atharrachadh Clìomaid
28 Giblean 2008
8mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 1.30f ann an Talla Bhaile Lerwick
1. Sgrùdadh a thaobh Seirbheisean Aiseig ann an Alba: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh an sgrùdaidh aca mu sheirbheisean aisig ann an Alba bho —
Daniel MacThòmais, Neach-gairm, Comhairle Choimhearsnachd;
Hamish Balfour, ball, Fòram Còmhdhail Taobh a-muigh Shealtainn;
Danny Harcus, ball, Comataidh Co-chomhairleachaidh Seirbheisean Aiseig Arcaibh; agus
Brian Kynoch, Neach-gairm, Orkney Means Business.
Agus an uair sin bho —
An Comhairliche Ailean Wishart, Comhairle nan Eileanan Sealtainn;
Coinneach Duerden, Manaidsear Leasachaidh Còmhdhail, ZetTrans;
An Comhairliche Seumas Foubister, Comhairle nan Eileanan Arcaibh; agus
Naomi Coleman, Ceannard Seirbheisean Còmhdhail, HITRANS.
Comataidh Eòrpach agus Dàimhean Taobh a-muigh
29 Giblean 2008
9mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 11.00m ann an Seòmar Comataidh 2
1. Frèam-obrach Eadar-nàiseanta Riaghaltas na h-Alba: Gheibh a' Chomataidh fianais bho —
Linda Fabiani BPA, Ministear na h-Eòrpa, Gnothaichean Taobh a-muigh agus Cultar.
2. Sgrùdadh a thaobh leasachadh eadar-nàiseanta: Gheibh a' Chomataidh fianais bho —
Eòghann Mac an t-Sealgair, CEO, Bunait Mhic an t-Sealgair
Màiri Nic na Creige, Leas-àrd Oifigear, Bunait Lloyds TSB an Alba
Agus an uair sin bho —
Ailean Gawani, Àrd-sgoil Thyolo, Malawi
Sydreck Nachuma, Àrd-sgoil Thyolo, Malawi
Comataidh an Ionmhais
29 Giblean 2008
11mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 1
1. Sgrùdadh mu dhòighean air a bhith a’ maoineachadh phròiseactan tasgaidh calpa: Gheibh a' Chomataidh fianais bho —
Pòl Brewer, Com-pàirtiche, Comhairleachadh Poblach Prìobhaideach, PricewaterhouseCoopers;
Amanda Methven, Com-pàirtiche, Buidheann Dealbhaidh agus Phròiseactan, Dundas agus MacUilleam C.S. LLP;
Jenny Stiùbhart, Ceannard Fo-structar agus Riaghlaidh, KPMG; agus
Mìcheal MacBhàtair, Com-pàirtiche, Bancaireachd, Cumhachd is Fo-structar agus Ceannach, McGrigors LLP;
Agus an uair sin bho—
Nigel Middleton, Stiùiriche Riaghlaidh, Tasgadh Prìobhaideach Barclay;
Darryl Murphy, Stiùiriche Riaghlaidh, Ionmhas Fo-structar, HSBC; agus
Iain Wales, Ceannard Ionmhas Structair airson na RA agus Eireann, Banca Ionmhas Poblach Dexia;
Agus an uair sin bho—
An t-Ollamh Seumas Cuthbert agus Màiread Cuthbert, Lìonra Sgrùdaidh Ùidh a' Phobaill, Oilthigh Shrath Chluaidh;
An t-Ollamh Iain Docherty, Sgoil Gnìomhachais is Riaghlaidh, Oilthigh Ghlaschu;
Marc Hellowell, Neach-sgrùdaidh, Ionad Poileasaidh Slàinte Poblach Eadar-nàiseanta, Oilthigh Dhùn Èideann; agus
Jan Love, Fòram PPP.
Comataidh nan Athchuingean Poblach
29 Giblean 2008
7mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 2
1. Sgrùdadh mu chothrom faighinn dhrugaichean làimhseachaidh aillse air an NHS: Gheibh a' Chomataidh fianais bho —
An t-Ollamh Sìne Turner, Comunn Luchd-fulaing na h-Alba;
An t-Àrd Ollamh Pàdraig MhicIain, Àrd-neach Leigheis, Sgrùdadh Aillse na RA;
Agus an uair sin bho—
An t-Ollamh Ken MacPheadrais, Neach-gairm, agus An t-Ollamh Anndra Walker, Neach-measaidh Eaconamach na Slàinte, Caidreachas Leigheil na h-Alba;
An t-Ollamh Harpreet Kohli, Comhairliche Leigheil, Leasachadh Inbhe NHS na h-Alba;
Anndra Dillon, Àrd-oifigear, Institiud Slàinte agus Deasachd Clionaigeach Nàiseanta;
Agus an uair sin bho —
An t-Ollamh Roelf Dijkhuizen, Stiùiriche Leigheil agus an t-Ollamh Marianne NicNeacail, Comhairliche Oncology Clionaigeach, NHS a’ Mhonaidh Ruaidh;
An t-Àrd Ollamh Ailean Rodger, Stiùiriche Leigheil, Ionad Oncology Roinneil Beatson agus Scott Bryson, Eòlaiche Slàinte Poblach Leigheil, NHS Mòr-sgìre Ghlaschu is Chluaidh; agus
Frances Elliot, Stiùiriche Leigheil, NHS Fìobha agus Eòghann Moireasdan, Àrd-eòlaiche Leigheil, Lìonra Aillse Ear-dheas na h-Alba
Comataidh Sgrùdaidh
30 Giblean 2008
8mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 1
2. Ath-shealladh Ionmhais air Cholaisdean na h-Alba 2006/07: Gheibh a' Chomataidh ullachadh bho Neach-cunntais Coitcheann na h-Alba a thaobh na h-aithisge aige leis an t-ainm “Ath-shealladh iomhais air Cholaisdean na h-Alba 2006/07”. (AGS/2008/3).
4. Còrachd rèile luchd-siubhail First Scotrail: Gheibh a' Chomataidh ullachadh bho Neach-cunntais Coitcheann na h-Alba.
Comataidh Foghlam, Ionnsachadh Fad-beatha agus Cultar
30 Giblean 2008
10mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 2
1. Bile Alba Chruthachail: Gheibh a' Chomataidh fianais bho —
Heather Jack, Leas-stiùiriche, Roinn Cultar is Gàidhlig; Greig Chalmers, Ceanard Sgioba Alba Chruthachail is Chraoladh; agus Yvonne Georgeson, Sgioba Alba Chruthachail is Chraoladh, Manaidsear Pròiseact a’ Bhile, Riaghaltas na h-Alba;
Agus an uair sin bho—
Seumas Tough, Àrd-oifigear Ionaid, Comhairle Ealain na h-Alba; An t-Ollamh Ridseard Holloway, Neach-gairm, Co-bhòrd airson Comhairle Ealain na h-Alba is Sgrìon na h-Alba; Coinneach Hay, Àrd-oifigear, Sgrìon na h-Alba; agus Anna Bonnar, Stiùiriche Eadar-ama, Pròiseact Eadar-amail Alba Chruthachail.
Comataidh na Slàinte agus an Spòrs
30 Giblean 2008
12mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 5
2. Sgrùdadh air Slighean gu Spòrs: Gheibh a' Chomataidh fianais bho Shirley NicDhonnchaidh.
Comataidh an Leasachaidh Dhùthchail is Àrainneachd
30 Giblean 2008
9mh Coinneamh, 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 6
3. Sgrùdadh air taigheadas dùthchail: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Raymond Young, Neach-gairm, agus Derek Logie, Àrd-oifigear, Seirbheis Taigheadais Dhùthchail.
|