AN T-SEACHDAIN SEO ANN AM PÀRLAMAID NA H-ALBA
Geàrr-chunntas do na meadhanan: seachdain a’ tòiseachadh 26 Cèitean 2008.
Tha am fios naidheachd seachdaineil seo a’ toirt seachad fiosrachaidh do na meadhanan mar “stiùireadh ghrad-amhairc” air na bhios a’ tachairt ann am Pàrlamaid na h-Alba anns an t-seachdain seo a’ tighinn.
Bheir e a-staigh gach cuid gnothaich anns an t-Seòmar-deasbaid agus Gnothaichean Comataidh, agus thèid e a-mach do na meadhanan gach feasgar Haoine. Ma tha na meadhanan ag iarraidh fiosrachadh tro phost-dealan agus/no ann an cruth WORD, bu chòir dhaibh fios a chur gu Oifis Dhàimhean nam Meadhanan (àireamh gu h-ìseal)
Tha e comasach cùisean iomlan an t-Seòmair-deasbaid, Seòmraichean Comataidh, agus coinneamhan Comataidh taobh a-muigh Dhùn Èideann fhaicinn beò air an eadar-lìn aig www.holyrood.tv
Tachartasan sa Phàrlamaid an t-seachdain seo
Ath-choinneamhan na Pàrlamaid
Tha mion-fhiosrachaidh air ath-choinneamhan na Pàrlamaid mar a leanas:
Bidh gnothaichean san t-Seòmar-deasbaid a’ tòiseachadh aig 2.30f air Diciadain 28 Cèitean.
Coinneamhan na Pàrlamaid san àm ri teachd
Diciadain 28 Cèitean 2008
2.30 Àm-cnuasachaidh – An t-Athar Pòl Francis Spencer, Eaglais Naomh Mungo, Glaschu
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Aithris mhinistreil: Urras Àm ri teachd na h-Alba
Air a leantainn le Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Atharrachadh Aimsir
Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-1705 Alasdair Allan: Cosgaisean Connaidh (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 21 Giblean 2008)
Diardaoin 29 Cèitean 2008
9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Aithris mhinistreil: Ro-innleachd Dhrugaichean
Air a leantainn le Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Deuchainn Slàinte Poileasaidh Coitcheann an Àiteachais
11.40m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson teacs nan ceistean seallaibh ri Earrann D)
12meadhan-là Àm-Cheistean a' Phrìomh-mhinisteir
2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil
Slàinte agus Sàr-mhaitheis (airson teacs nan ceistean seallaibh ri Earrann D den Iris Gnothaichean)
2.55f Deasbad Riaghaltas na h-Alba: A’ gluasad Alba air adhart
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball – deasbad air cuspair S3M-1626 Angela Constance: Gun freagairt Gun Sàbhailteachd (airson teacs a' ghluasaid seallaibh ri Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 31 Màrt 2008)
Diciadain 4 Òg Mhios 2008
2.30f Àm-cnuasachaidh
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Deasbad Riaghaltas na h-Alba
Air a leantainn le Gluasad Ghnothaichean
Air a leantainn le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
5.00f Àm Co-dhùnaidh
Air a leantainn le Gnothaichean nam Ball
Diardaoin 5 Òg Mhios 2008
9.15m Gluasadan Biùro na Pàrlamaid
Air a leantainn le Gnothaichean Riaghaltas na h-Alba
11.40m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson ainmean nam buill a chaidh a thaghadh airson Ceistean Coitcheann seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean)
12meadhan-là Àm-Cheistean a' Phrìomh-mhinisteir
2.15f Àm nan Ceistean Cuspaireil
Ceartas agus na h-Oifigearan Lagha;
Gnothaichean Dùthchail agus an Àrainneachd (airson ainmean nam buill a chaidh a thaghadh airson Ceistean Cuspaireil seallaibh ri Earrann D den Iris Ghnothaichean
Tursan foghlaim taobh a-staigh san t-seachdain a’ tòiseachadh air 28 Giblean:
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh an seo: Clàr-ama de Thachartasan Pàrlamaideach
Diardaoin
Bun-sgoil Morningside a-Deas, Dùn Èideann
Acadamaidh Bearsden, Glaschu
Àrd-sgoil Earlston, Earlston
Bun-sgoil Carmunnock, Carmunnock
Coinneamhan nan Comataidhean
DIMÀIRT 27 CÈITEAN
Comataidh Eòrpach agus Dàimhean Taobh a-muigh
27 Cèitean 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 2
Prìomh chuspairean: 2 & 3
2. Sgrùdadh air leasachadh eadar-nàiseanta: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Linda Fabiani BPA, Ministear na h-Eòrpa, Gnothaichean Taobh a-muigh agus Cultar
3. Sgrùdadh air Stiùireadh Sheirbheisean: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Almira Delibegovic-Broome, Tagraiche, agus Mìcheal Howlin, Tagraiche, Comann nan Tagraichean
Sàra Fleming, Ceannard Dàimhean eadar-nàiseanta, agus Seumas MacIlleathain, Ball, Buidheann-obrach
Stiùireadh Sheirbheisean, Comann Lagh na h-Alba
Agus an uair sin bho—
Karen Wright, Manaidsear: Dàimh Riaghaltais is Eòrpach, Dualchas Nàdur na h-Alba
Matt Ogston, Ceannard Fiosrachaidh agus Pàdruig Caimbeul, Comhairliche Lagha Dealbhaidh Ro-innleachd, SEPA
Comataidh an Ionmhais
27 Cèitean 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 4
Prìomh chuspair: 1
1. Sgrùdadh air dòighean maoineachaidh phròiseactan tasgaidh calpa: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Iain Swinney BPA, Rùnaire a' Chaibineit airson Ionmhas is Fàs Seasmhach, An t-Ollamh Anndra Goudie, Àrd-chomhairliche Eaconamach agus Stiùiriche Eaconamach Coitcheann, agus Sandy Rosie, Stiùiriche Aonad Com-pàirteachas Ionmhais, Riaghaltas na h-Alba.
Comataidh nan Athchuingean Poblach
27 Cèitean 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 2
Prìomh chuspair: 1
1. Beachdachadh air athchuingean gnàthaichte: Nì a’ Chomataidh tuilleadh beachdachaidh air na h-athchuingean gnàthaichte a leanas—
PE504 Foillseachadh sgrìobhaidhean cuimhneachaidh eucoir: Gheibh a' Chomataidh fianais bheòil bho—
Coinneach MacAsgaill BPA, Rùnaire a' Chaibineit airson Ceartas, Riaghaltas na h-Alba
PE1059 Cur às do ghunaichean aidhear: Gheibh a' Chomataidh fianais bheòil bho—
Coinneach MacAsgaill BPA, Rùnaire a' Chaibineit airson Ceartas, Riaghaltas na h-Alba
Comataidh na Còmhdhail, Fo-structar agus Atharrachadh Clìomaid
27 Cèitean 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 2.00f ann an Seòmar Comataidh 1
Prìomh chuspair: 2
2. Athchuingean: Beachdaichidh a' Chomataidh air na h-athchuingean a leanas-
PE894 a thaobh solarachadh sheirbheisean rèile eadar Inbhirnis, Inbhir Theòrsa agus Inbhir Ùige;
PE1035 a thaobh seirbheis aisig eadar Dùn Omhain agus Guireag.
DICIADAIN 28 CÈITEAN
Comataidh an Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd
28 Cèitean 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 9.30m ann an Seòmar Comataidh 1
Prìomh chuspairean 1, 2, & 3.
1. Sgrùdadh turasachd – Piantan fàis: am faigh sinn àrdachadh 50% ann an ionmhas turasachd ro 2015?: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh an sgrùdaidh turasachd aca bho—
Seumas Mather BPA, Ministear na h-Iomairt, Cumhachd agus Turasachd, Iain MacIlleDhuinn, Leas-stiùiriche, Roinn Turasachd is Reachdas Uisge Beatha, Ridseard Arnott, Ceannard Aonad Turasachd, agus Màiri Caldwell, Comhairliche Poileasaidh Turasachd, Riaghaltas na h-Alba.
2. Bile Cumhachd (Reachdas Pàrlamaid na RA): Beachdaichidh a' Chomataidh air a’ mheòmhrachan cead reachdais a chur Iain Swinney (LCM(S3) 12.1) sios agus gheibh iad fianais bho—
Seumas Mather BPA, Ministear na h-Iomairt, Cumhachd agus Turasachd, Brus Stiùbhart, Oifigear Poileasaidh, Ro-innleachd Mara, Ros Loveridge, Àrd-chomhairliche Poileasaidh Cumhachd, agus Tormod Macleòid, Prìomh-àrd Oifigear Lagha, Riaghaltas na h-Alba.
3. Bile Clàr Bhreacain na h-Alba: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh prionnsabalan coitcheann a’ Bhile aig Ìre 1 bho—
Seumas Mather BPA, Ministear na h-Iomairt, Cumhachd agus Turasachd, Mìcheal McElhinney, Ceannard na Meòir, Poileasaidh Saothrachaidh, Riaghaltas na h-Alba agus Seòras MacCoinnich, Neach-glèidhidh Chlàran na h-Alba;
Seumas MacGriogair BPA, Mìcheal McElhinney, Ceannard na Meòir, Poileasaidh Saothrachaidh, Riaghaltas na h-Alba agus Seòras MacCoinnich, Neach-glèidhidh Chlàran na h-Alba;
Comataidh an Fhoghlaim, an Ionnsachadh Fad-bheatha agus a' Chultar
28 Cèitean 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 9.30m ann an Seòmar Comataidh 5
Prìomh chuspair: 2
2. Athchuinge PE1046: Gheibh a' Chomataidh fianais a thaobh na h-athchuinge bho—
Murchadh MacIomhair, Neach-gairm Comataidh Ghoireasan, Comann Stiùirichean Foghlaim na h-Alba;
Brian Cooklin, Ceann-suidhe, Comann Cheannardan Sgoile na h-Alba;
Greg Dempster, Rùnaire Coitcheann, Comann Cheannardan agus Leas-cheannardan Sgoile na h-Alba.
Comataidh Sgrùdaidh
28 Cèitean 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 4
Prìomh chuspairean: 2 & 3
2. Iomairt Foill Nàiseanta ann an Alba 2006/07: Gheibh a' Chomataidh ullachadh bho Neach-cunntais Coitcheann na h-Alba a thaobh na h-aithisg aige leis an t-ainm “Iomairt Foill Nàiseanta ann an Alba 2006/07”.
3. Aithisgean Earrann 22: Gheibh a' Chomataidh ullachadh bho Neach-cunntais Coitcheann na h-Alba a thaobh nan aithisgean Earrann 22 leis an t-ainm “Sgrùdadh air Colaisde Sheumas Watt 2006/07” agus “Sgrùdadh Colaisde Chille Mheàrnaig 2006/07”.
Comataidh Riaghaltas Ionadail agus Choimhearsnachdan
28 Cèitean 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 4
Prìomh chuspairean: 2 & 3
2. Ath-shealladh air sgrùdaidhean riaghaltasan ionadail 2007: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
An t-Àrd Ollamh Iain Baillie, Neach-gairm, Coimisean nan Cunntasan; Caroline Gardner, Leas-neach Cunntais Coitcheann, agus Gòrdan Smail, Manaidsear Màileid, Aithrisean Poblach – Màileid Riaghaltas Ionadail, Sgrùdadh na h-Alba.
3. Cìs Cosnaidh Ionadail: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
An t-Àrd Ollamh Crìsdean Himsworth, Àrd-Ollamh Lagh Rianachd, Oilthigh Dhùn Èideann;
An t-Àrd Ollamh Ridseard Kerley, Leas-phrionnsabal, Ro-innleachd Eadar-nàiseanta agus Gluasadan Malairt, Oilthigh na Bàn-righ Màiread;
An t-Àrd Ollamh Ailean Page, Àrd-ollamh Lagh Poblach, Oilthigh Dhùn Deagh.
Comataidh an Leasachaidh Dhùthchail is Àrainneachd
28 Cèitean 2008
Coinnichidh a' Chomataidh aig 10.00m ann an Seòmar Comataidh 6
Prìomh chuspair 1:
1. Sgrùdadh taigheadas dùthchail: Gheibh a' Chomataidh fianais bho—
Anndra Bradford, Buidheann Poileasaidh Dealbhaidh, Taigheadas agus Bun-structair, Sarah-Jane-Laing, Oifigear Ro-innleachd Taigheadais agus Drew McFarlane Slack, Manaidsear Roinneil na Gàidhealtachd, Comann Seilbh Dùthchail agus Gnìomhachais na h-Alba
Agus an uair sin bho—
Ionatan Fair, Àrd-oifigear, Dachaighean do dh’Alba;
Brus Walker, Stiùiriche Fearainn, Dachaighean MhicDhonnchaidh.
Ceanglaichean gu pàipearan Comataidh:
- Sgrùdadh - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/audit/index.htm
- Coimhearsnachdan - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/communities/index.htm
- Foghlam - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/education/index.htm
- Iomairt agus Cultar - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/enterprise/index.htm
- An Àrainneachd agus an Leasachadh Dùthchail - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/environment/index.htm
- Co-ionannachd Chothroman - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/equal/index.htm
- Eòrpach agus Dàimhean Taobh A-muigh - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/europe/index.htm
- Ionmhas - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/finance/index.htm
- Slàinte - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/health/index.htm
- Ceartas 1 - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/justice1/index.htm
- Ceartas 2 - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/justice2/index.htm
- Riaghaltas Ionadail agus Còmhdhail - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/lg/index.htm
- Dòighean-obrach - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/procedures/index.htm
- Athchuingean Poblach - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/petitions/index.htm
- Inbhean - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/standards/index.htm
- Fo-reachdas - http://www.scottish.parliament.uk/business/committees/subleg/index.htm
Comataidhean airson Bilean Prìobhaideach
|